FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Iain Garbh (3)

Bha mi ag innse dhuibh mu chall Iain Garbh Mac

Audio is playing in pop-over.

Iain Garbh (3)

Bha mi ag innse dhuibh mu chall Iain Garbh Mac ’Ille Chaluim Ratharsair, far costa ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich ann an sia ceud deug, seachdad ’s a h-aon (1671). Chaidh a’ bhirlinn aige fodha, le call a h-uile duine air bòrd.

Bhathar a’ coireachadh diofar rudan airson a’ chall – droch shìde (bha gèile ann), cus canbhais air a’ chrann, nach robh balaist gu leòr aca, agus droch sgilean seòlaidh aig a’ chriudha. Bhathar a’ coireachadh deoch làidir cuideachd, oir bha hòro-gheallaidh aca air a’ chladach mus do sheòl iad dhachaigh.

Dh’fhàg an call mòran dhaoine air taobh an iar na Gàidhealtachd troimhe-chèile, oir bha spèis is gràdh aca do dh’Iain Garbh. A rèir beul-aithris ann an Ratharsair, sgrìobh tè de pheathraichean Iain cumha ùr dha a bràthair a h-uile Dihaoine airson bliadhna. ’S ann air Dihaoine a chaidh a bhàthadh.

Tha dìreach ceithir de na dàin againn a-nise.’S e fear dhiubh ‘Mi am Shuidh’ air an Fhaoilinn’. Seo an rann mu dheireadh dheth:

Nochd is ìosal do chluasag,

Air leacan fuara na tuinne,

’S ann an clachan gun tràghadh,

Tha mo ghràdh-sa air uirigh.

Leis gun robh Iain Garbh cho ainmeil, thòisich an sluagh air stòiridhean innse mu dheidhinn. Agus bha ar sinnsirean cho làn sgeulachdan ’s a tha an t-ugh de bhiadh. Ann am beul-aithris, nochd stòiridhean mu bhàs a’ chinn-chinnidh. Agus chan e droch shìde, dìth sgilean, droch bhàta no deoch làidir a bu choireach – ach buidseachd! Bhathar a’ coireachadh a mhuime. Airson adhbhar air choreigin, bha Iain agus a mhuime air a dhol a-mach air a chèile.

A rèir nan stòiridhean seo, bha muime Iain a’ fuireach ann an Trondaigh. ’S e sin eilean beag faisg air costa tuath an Eilein Sgitheanaich. ’S ann faisg air Trondaigh a chaidh a’ bhirlinn fodha.

Chunnaic a mhuime a’ bhirlinn agus dh’adhbharaich i stoirm. Chuir i bainne ann an bobhla mòr, agus chuir i soitheach beag fiodha air uachdar a’ bhainne. Chuir i an soitheach fo gheasaibh. Thòisich an soitheach air a dhol timcheall a’ bhobhla – deiseil, an uair sin tuathal. An uair sin, rinn an soitheach car agus chaidh e fodha sa bhainne.

Bha buachaille òg aig an doras. Bha e a’ coimhead air an dà chuid, birlinn Iain Ghairbh aig muir agus soitheach a mhuime anns an taigh. Nuair a chaidh an soitheach fodha sa bhainne, dh’fhalbh birlinn Iain à sealladh.

Anns a’ bhirlinn fhèin, bhathar ag ràdh gun robh fithich air nochdadh anns an stoirm. Bha suas ri fichead dhiubh ann. Chaidh iad air bòrd na birlinn. Rinn feadhainn cruth-atharrachadh, agus coltas an losgainn orra a-nise.

Chaidh fitheach mòr faisg air Iain Garbh fhèin. Sheas an t-eun dubh air beul-mòr na birlinn. Tharraing Iain a chlaidheamh airson a mharbhadh. Ach bha e air fàs feargach agus bha a bhuille ro làidir. Chaidh lann a’ chlaidheimh tro shlige na birlinn. Stad e dìreach aig druim a’ bhàta. Bha a-nise sgoltadh mòr anns an t-slige, agus cha b’ fhada gus an deach a’ bhirlinn fodha.

B’ e sin deireadh Iain Ghairbh, co-dhiù a rèir beul-aithris. Cha robh riamh ceann-cinnidh Ratharsaireach cho ainmeil ris. Ainmeil na bheatha is ainmeil na bhàs.

Litir 717 Litir 717 Litir 719 Litir 719

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!