Seo criomag bàrdachd dhuibh. A bheil fios agaibh cò sgrìobh i agus cò dha a bha i?
Bu tu am fear curanta mòr
,
Bu mhath cumadh, is treòir,
O d’ uilinn gu d’ dhòrn,
O d’ mhullach gu d’ bhròig,
Mhic Mhuire mo leòn,
Thu bhith ’n innis nan ròn,
’S nach fhaighear thu.
Uill, tha aon rud follaiseach, nach eil? Chan eil cuspair an dàin beò tuilleadh. Chaill e a bheatha le bhith air a bhàthadh aig muir. Tha e a-nise ann an
‘innis nan ròn’. A bharrachd air sin, ’s e duine làidir, eireachdail a bh’ ann.
’S e Iain Garbh Mac ’Ille Chaluim cuspair an dàin. B’ esan ceann-cinnidh nan Leòdach ann an Ratharsair – an seachdamh fear dhiubh. Bha e beò anns an
t-seachdamh linn deug. Bha mi ag innse sgeulachd mu dheidhinn an t-seachdain sa chaidh. Ach bha sin à beul-aithris. Agus cha ghabh a h-uile càil à
beul-aithris a chreidsinn!
’S e fìor dhuine a bh’ ann an Iain Garbh, ge-tà. Chaidh a chlàradh aig an àm sin gun do chaill e a bheatha le bhith air a bhàthadh. Sgrìobh Màiri nighean
Alasdair Ruaidh an dàn dha, air a bheil ‘Marbhrann do dh’Iain Garbh’. Bidh daoine ga sheinn fhathast.
Bu mhath leam innse dhuibh mu bheatha is bàs Iain Ghairbh. Fhuair e ceannas air Clann ’ic Leòid Ratharsair ann an sia ceud deug, ceathrad ’s a h-ochd
(1648). Bha e pòsta aig Seònaid, nighean Ruairidh Mòr Dhùn Bheagain. Bha e ainmeil. Bhathar ag ràdh gum b’ esan am fear a bu làidire agus a b’ eireachdaile
a bha beò ri linn.
Fhuair e bàs ann an sia ceud deug, seachdad ’s a h-aon (1671). Bha e air a bhith ann an Leòdhas, far an robh cuirm co-cheangailte ri baisteadh fear no tè
de chloinn nan Sìophortach. Faisg air costa an ear-thuath dhen Eilean Sgitheanach, ann an droch shìde, chaidh a’ bhirlinn aige fodha.
Chailleadh a h-uile duine – Iain Garbh agus sia duine deug eile. Bhathar ag ràdh gun robh an stoirm cho dona ’s gun robh clachan mòra a’ chladaich air an
tilgeil don tìr. Bha a h-uile duine a’ caoidh a’ chall.
Ach an e an stoirm leatha fhèin a dh’adhbharaich an tubaist? Uill, tha e coltach gur dòcha gun robh rudeigin eile ceangailte ris a’ ghnothach – deoch
làidir. Ann an Làmh-sgrìobhainn Chnoc Mhoire – rud ris an canar am Wardlaw Manuscript ann am Beurla – tha an t-Urramach Seumas Friseal a’ dèanamh
aithris air a’ chùis. Agus tha esan a’ coireachadh deoch làidir. ‘Drunkenness did the mischief,’ sgrìobh e.
A rèir Mhgr Fhriseil, bha na Ratharsaich a’ gabhail deoch làidir air a’ chladach mus do sheòl iad. Thug fear Alasdair MacLeòid rabhadh do dh’Iain Garbh, ag
ràdh ris nach bu chòir dha falbh air an latha sin. Bhiodh a h-uile duine air am bàthadh. Thuirt e sin trì tursan. Chan eil fhios agam cò Alasdair MacLeòid
a bha sin. An robh an dà-shealladh aige? No an robh e dìreach a’ tomhas mar a bha an aimsir?
Co-dhiù, cha do ghabh Iain Garbh ri a chomhairle. Chaidh e air bòrd. Agus chan fhacas tuilleadh e. Cha tàinig corp sam bith gu tìr. Cha robh dad air a lorg
ach sprùilleach bhon bhàta agus dà chù mharbh.