Tha mi cinnteach gun cuala sibh iomradh air Iain Garbh – Iain Garbh Mac ’Ille Chaluim à Ratharsair. Bha e beò anns an t-seachdamh linn deug. ’S iomadh
stòiridh a th’ ann mu dheidhinn. Seo agaibh fear dhiubh – stòiridh ris an canar MacLeòid Dhùn Bheagain agus Iain Garbh Ratharsair.
Bha Iain Garbh a’ cumail Eilean Ratharsair dha fhèin. Bu chòir dha màl a phàigheadh do MhacLeòid Dhùn Bheagain air a shon. Ach cha tug Iain sgillinn ruadh
don uachdaran. Bha e gu math làidir, agus cha robh an Leòdach deònach a dhol thuige airson an t-airgead iarraidh.
Latha a bha seo, thàinig fear borb a Chaisteal Dhùn Bheagain. ’S e burraidh a bh’ ann. Bha e a’ dol a chur cìs air MacLeòid mura faigheadh
an ceann-cinnidh cuideigin a dhèanadh a’ chùis air ann an sabaid.
‘Uill,’ arsa MacLeòid. ‘Tha duine agam a nì a’ chùis ort, ach chan eil e aig baile an-dràsta.’
‘Am bi e fada mus tig e?’ dh’fhaighnich am burraidh.
‘Trì latha,’ fhreagair am fear eile.
‘Fanaidh mi gus an tig e, ma-thà,’ thuirt am burraidh. Agus dh’fhan e sa chaisteal.
Chuir MacLeòid gille le litir a Ratharsair. Anns an litir, dh’iarr MacLeòid air Iain Garbh dèanamh air Dùn Bheagain cho luath ’s a b’ urrainn dha, oir bha
gnothach cudromach aige ris. Cha robh beachd aig Iain Garbh dè an gnothach a bhiodh ann, oir cha robh e fhèin is MacLeòid a’ faighinn air adhart le chèile.
Dh’ith Iain a’ chairteal chuid de dhamh. An uair sin, dh’fhalbh e ann am bàta don Eilean Sgitheanach agus air chois a Dhùn Bheagain. Nuair a ràinig e an
caisteal mòr, bha MacLeòid a’ feitheamh ris, agus chuir e fàilte chridheil air. Rug e air làimh air Iain, agus thuirt e gun robh e gu math toilichte gun
tàinig e. ‘Thig a-steach,’ thuirt e.
‘Mus tig mi a-steach,’ thuirt Iain, ‘carson a chuir sibh fios thugam?’
‘Gheibh thu sin a-mach fhathast,’ fhreagair MacLeòid.
Bha Iain amharasach gun robh droch rùn aig MacLeòid dha. Dhiùlt e a dhol a-steach don chaisteal mura h-innseadh an Leòdach dè an gnothach a bh’ aige ris.
‘Thig a-steach agus innsidh mi dhut an uair sin,’ thuirt MacLeòid.
‘Mura faigh mi fios a-muigh,’ fhreagair Iain Garbh, ‘tillidh mi dhachaigh.’ Thionndaidh Iain air a shàil agus thill MacLeòid a-steach don chaisteal. Bha am
burraidh a’ feitheamh ris.
‘An tàinig e?’ thuirt am burraidh.
‘Cha tàinig,’ fhreagair an ceann-cinnidh, ‘ach tha bleigeard a-muigh sin air an rathad. Ma thèid thu às a dhèidh ’s ma bheir thu deidhseag dha air a thòin,
bheir mi còig nota dhut.’
‘Bheir mi deidhseag mhath dha,’ fhreagair am burraidh.
Chaidh am burraidh sìos an rathad. Nuair a ràinig e Iain Garbh, thog e am fèilleadh a bh’ air agus thug e deidhseag mhath dha air a thòin.
Thionndaidh Iain Garbh le fearg. Dh’fhàisg e am fear eile le ghàirdeanan. Bhris e a h-uile cnàimh na bhodhaig. Thuit am burraidh marbh.
Cha do thuig Iain an toiseach cò bha anns a’ bhurraidh no gu dè bh’ air tachairt. ’S ann nuair a fhuair e dhachaigh a fhuair e a-mach gun robh MacLeòid
Dhùn Bheagain air brath a ghabhail air. Bha an ceann-cinnidh air a bhith gu math seòlta. Nam biodh fios air a bhith aig Iain air cleas MhicLeòid, cha robh
e air Ratharsair fhàgail!