Tha seann abairt ann – Chan ann am Bòid uile a tha an t-olc; tha cuid dheth sa Chumaradh Bheag làimh ris. Obh obh. Chan eil fhios a’m cò
chruthaich an abairt, ach cha bhiodh na Bòdaich no Cumaraich uabhasach toilichte mu dheidhinn. Not all evil is in Bute; some is in Little Cumbrae nearby. Chan ann am Bòid uile a tha an t-olc; tha cuid dheth sa Chumaradh
Bheag làimh ris. Tha fhios nach eil sin fìor an-diugh, ma bha riamh.
Bidh sibh eòlach air na h-eileanan sin ann an Linne Chluaidh – Bòd, no Eilean Bhòid, làimh ri Comhghall, agus Cumaradh, no Eilean Chumaraidh, mu choinneimh
na Leargaidh Ghallta. Uill, tha dà eilean ann, làimh ri chèile, air a bheil Cumaradh mar ainm – an Cumaradh Mòr agus an Cumaradh Beag. Tha an Cumaradh Mòr
gu tuath air a’ Chumaradh Bheag. Agus tha e, mar a bhiodh dùil, nas motha.
Cha robh mi riamh anns a’ Chumaradh Bheag, ach bha sa Chumaradh Mhòr. O chionn beagan bhliadhnaichean, thug mi mo mhàthair, agus i còrr is ochdad bliadhna
a dh’aois, gu ruige Port a’ Mhuilinn. Bhiodh i gu tric ag innse dhomh mu làithean-saora samhraidh an sin na h-òige. Bhiodh i a’ gabhail trèana à Glaschu,
far an robh i a’ fuireach, gu ruige an Leargaidh Ghallta, agus bàt’-aiseig gu ruige Port a’ Mhuilinn.
Cha robh i air a bhith anns an eilean fad ùine mhòr, agus chòrd e rithe tilleadh ann. Agus chòrd e riumsa cuideachd. Tha Port a’ Mhuilinn glè shnog agus
bha e math uiread de dhaoine fhaicinn air latha samhraidh, agus iad air baidhsagalan, seach ann an carbadan-ola.
Leis an fhìrinn innse, chan ann am Port a’ Mhuilinn a bhiodh mo mhàthair a’ fuireach, ach ann am baile-fearainn air an robh Creag nan Gobhar. Tha
ainmean-àite Gàidhlig anns an eilean, measgaichte le ainmean à Seann Bhreatannais, Albais is Beurla. Chan urrainn dhomh a ràdh le cinnt nach eil ainmean
Lochlannach ann a bharrachd.
Co-dhiù, chaidh sinn a choimhead air Creag nan Gobhar. Bha am baile pìos a-mach à Port a’ Mhuilinn, suas leathad, le seallaidhean matha de thìr-mòr. Bha
sinne ann an carbad ach, na h-òige, bhiodh mo mhàthair a’ coiseachd na slighe sin, uaireannan a’ giùlain màileid mhòr agus poca làn bìdh. ’S i a bha fut is
làidir!
Tha an t-ainm Cumaradh inntinneach. Tha e coltach ris an ainm Ghàidhlig airson ‘Wales’ – a’ Chuimrigh. Agus coltach ri Cymru –
an t-ainm ann an Cuimris airson na dùthcha sin. Coltach cuideachd ri Cumbria ann an Sasainn. Anns a h-uile àite a tha a’ giùlain ainm mar sin, bha
luchd-labhairt na Cuimris, no Seann Bhreatannais, a’ fuireach ann uaireigin.
’S e Kumreyjar a chanadh na Lochlannaich ris na Cumaraidhean ann an Linne Chluaidh. Thàinig na Lochlannaich aig deireadh an ochdamh linn. Feumaidh
gun do mhothaich iad gun robh muinntir Chumaraidh fhathast a’ bruidhinn Seann Bhreatannais, agus nach robh sin na àbhaist tuilleadh anns an sgìre sin. Tha
e coltach gun robh Gàidhlig aig muinntir Bhòid is Arainn.
Chaidh mi fhìn ’s mo mhàthair air an rathad gu àite-seallaidh faisg air mullach a’ chnuic as àirde anns an eilean. Abair sealladh. Tìr-mòr anns an àird an
ear, agus Bòd, Arainn agus Cinn Tìre anns an àird an iar. Bha Bòd a’ coimhead brèagha. Cha robh e a’ coimhead coltach idir ri àite anns an robh olc!