Bha mi ag innse dhuibh mun t-soitheach an Annie Jane a bha a’ dèanamh air Quebec anns a’ bhliadhna ochd ceud deug, caogad ’s a trì (1853). Bha i
air a milleadh gu mòr ann an stoirm. Bha an sgiobair, an Caiptean Mason, air a chur roimhe a cur air tìr anns a’ Bhàgh Siar ann am Bhatarsaigh. Bha e an
dòchas gum faigheadh daoine gu sàbhailteachd an sin.
Chaidh an soitheach air a’ ghainmhich, ceart gu leòr. Ach bhuail tonnan innte agus chuir sin timcheall i, le a cliathaich an aghaidh na gaoithe. Chaidh
tonnan mòra thairis oirre. Chaidh mòran de na daoine a bh’ air bòrd a bhàthadh. Cha robh àite innte a bha sàbhailte.
Bha an Annie Jane a-nise ann an trì pìosan. Bha a toiseach air na creagan aig beul a’ bhàigh. Bha feadhainn dhen chriudha a’ cumail grèim air a’
phìos sin. Bha a tileadh – sin am ‘poop’ – no na bh’ air fhàgail dheth co-dhiù, na b’ fhaisge air a’ chladach. Bha faisg air ceud neach a’ cumail grèim
air. Bha an treas pìos dhen t-soitheach air a dhol fodha.
Shocraich a’ ghaoth
mu dhà uair sa mhadainn. Bha fios aig an fheadhainn a bha beò fhathast gum biodh aca ri feitheamh chun na camhanaich agus a bhith an dòchas gun tigeadh
cobhair.
Bha a’ mhadainn air Didòmhnaich 29 Sultain brèagha, le muir chiùin agus gaoth lag. Mu sheachd uairean, thàinig cuid de mhuinntir Bhatarsaigh don tràigh.
Chunnaic iad na daoine ann an èiginn. Ghrunnaich iad a-mach a dh’ionnsaigh na luing-bhrisidh. Chuir fear de chriudha an Annie Jane ròpa timcheall
a mheadhain. Shnàmh e a dh’ionnsaigh a’ chladaich. Choinnich fir Bhatarsaigh ris agus cheangail iad an ròpa ris an tìr. Fhuair na daoine dheth. B’ e an
Caiptean Mason am fear mu dheireadh a dh’fhàg an long-bhriseadh.
Mhair ceud ’s a h-aon duine beò tron tubaist. Bha sin a’ fàgail gun do chaochail co-dhiù trì cheud, trithead ’s a trì daoine. Bha amharas ann gun robh
feadhainn a bharrachd air bòrd nach robh clàraichte.
Mar a chunnaic sinn o chionn ghoirid, bha an t-uachdaran air mòran de na daoine fhuadach à Barraigh, Bhatarsaigh is na h-eileanan mu thimcheall orra. Bha
sin a’ fàgail nach robh ach ochd taighean ann am Bhatarsaigh anns an robh daoine a’ fuireach. B’ e fear dhiubh an taigh-mòr leis an oighreachd. Na seachd
eile, ’s e taighean-tughaidh a bh’ annta.
Uile-gu-lèir bha seasgad ’s a ceithir daoine a’ fuireach anns an eilean. Bha iad bochd. Agus, gu h-obann, bha còrr is ceud duine a bharrachd air nochdadh
nam measg. Cha robh biadh gu leòr aca airson sluagh mar sin a bhiathadh, agus bha cuid dhen fheadhainn a thàinig beò tron tubaist a’ gearain nach d’ fhuair
iad biadh gu leòr fhad ’s a bha iad ann am Bhatarsaigh.
Tha e coltach gun deach mu dhà cheud corp a sguabadh gu tìr leis an tìde-mhara. Bha iad air an tiodhlacadh ri taobh na traghad anns a’ Bhàgh Siar. Chaidh
carragh-cuimhne a chur suas timcheall air ochd ceud deug ’s ochdad (1880). Tha e ann fhathast. Ann an àite cho brèagha, tha e a’ cur nar cuimhne mar a
dh’èirich àmhghar do mhuinntir an Annie Jane o chionn ochd fichead bliadhna.