FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Dannsa Nollaig

Tha an Nollaig gu bhith oirnn a-rithist agus shaoil mi

Audio is playing in pop-over.

Dannsa Nollaig

Tha an Nollaig gu bhith oirnn a-rithist agus shaoil mi gum biodh e laghach stòiridh Gàidhlig Nollaig a thoirt dhuibh anns an Litir an t-seachdain seo. Tha an stòiridh seo a’ tighinn à Siorrachd Pheairt – à Gàidhealtachd Siorrachd Pheairt. Tha e am measg na chaidh a chruinneachadh leis a’ Bhean-uasal Evelyn Stiùbhart Mhoireach timcheall Bhlàr Athall. Tha e ann an leabhar a chuireadh ri chèile le Sylvia Robertson agus Tònaidh Dilworth, agus a chaidh fhoillseachadh o chionn tri bhliadhna. ’S e an t-ainm air an stòiridh ‘Dannsa Nollaig’.

Dh’fhalbh dà ghille òg air oidhche na Nollaig a dh’iarraidh botal uisge-bheatha – airson a bhith a’ cumail na Nollaig. Bha aca ri dhol tarsainn fàire a’ mhonaidh airson am botal fhaighinn. Nuair a bha iad air an rathad dhachaidh, thàinig cur is cathadh orra. Bha iad fhathast gu h-àrd anns a’ mhonadh.

Ghabh iad fasgadh bhon stoirm fo bhruaich. Bha toll rin taobh. Chuala iad ceòl binn a’ tighinn às an toll. ‘An cluinn thu siud, a charaid?’ thuirt fear dhiubh. ‘Teichidh sinn. ’S e na sìthichean a th’ ann.’

‘Fuirich gus am faic sinn a’ danns iad,’ thuirt am fear aig an robh am botal uisge-bheatha. Ach ghlac an t-eagal a chompanach. Cha rachadh esan na b’ fhaide a-steach don toll. Am fear leis a’ bhotal, ge-tà, bha e a’ sìor dhol a-steach chum ’s gum faiceadh e sealladh de na sìthichean a’ danns. Agus fhuair e deagh shealladh. Choimhead e na sìthichean airson greis. An uair sin, bhuail e na inntinn gum biodh ruidhil aige fhèin. Leum e a-staigh am measg nan dannsairean.

Bha a chompanach aig beul an tuill a’ gabhail fadachd. Smaoinich e gun rachadh e a-steach a choimhead gu dè bha a’ cumail a charaid. Chunnaic e a charaid. Bha e a’ danns, leis a’ bhotal uisge-bheatha air a dhruim. ‘Thig a-mach!’ thuirt e.

‘Dèan air do shocair,’ fhreagair am fear eile. ‘Bidh an ruidhil ullamh an ceartuair.’

Ruith foighidinn an duine a bha am beul an tuill agus dh’fhalbh e dhachaigh. Dh’ìnns e do chàirdean a chompanaich mar a thachair. Cha robh iad deònach a chreidsinn. Bha iad a’ smaoineachadh gun do chuir esan às do a chompanach – gun robh e na mhurtair!

Thuirt e riutha dèanamh tàmh gu ceann bliadhna. Mura robh a charaid air nochdadh, rachadh e fhèin a-steach don toll às a dhèidh. Agus dh’aontaich iad ri sin.

An ceann bliadhna, aig an ath Nollaig, thug an gille sin càirdean an fhir aig an robh am botal don toll. Chuala e an ceòl ceudna. Chaidh e a-steach don toll leis fhèin. Bha a charaid fhathast ann. Bha e fhathast a’ danns gu sunndach, dìreach mar a bha e bliadhna roimhe. Cha robh e a’ coimhead sgìth. ‘Thig a-mach,’ dh’èigh an gille.

‘Do shocair,’ thuirt am fear eile. ‘Bidh an ruidhil thairis an ceartuair. Chan eil mi sgìth fhathast.’

Ach, ann am meadhan an ruidhil, ghabh an gille grèim air a chompanach mu a ghualainn. Shlaod e a-mach e gu beul an tuill. Nuair a fhuair e a’ ghaoth mun chuairt air, thuit fear a’ bhotail leis an anfhannachd. Thug an gille do a chàirdean e, agus thug iadsan dhachaigh e. Às dèidh bliadhna de dhannsadh, cha robh e càil na bu mhiosa na bha e nuair a thòisich e.

Litir 700 Litir 700 Litir 702 Litir 702

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!