FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Coilltean-calltainn (3)

Bha mi a’ bruidhinn, an t-seachdain sa chaidh, mun chraoibh-challtainn.

Audio is playing in pop-over.

Coilltean-calltainn (3)

Bha mi a’ bruidhinn, an t-seachdain sa chaidh, mun chraoibh-challtainn. Thàinig leabhar ùr a-mach o chionn ghoirid air a bheil Atlantic Hazel: Scotland’s Special Woodlands. Tha na ùghdaran, Sandy agus Brian Coppins, ag ràdh nach eil sinn anns an fharsaingeachd a’ tuigsinn mar a tha na coilltean-calltainn ag obair. Tha iad gu sònraichte a’ bruidhinn mu Choilltean-calltainn a’ Chuain Siar – the Atlantic Hazel Woods.

Tha iad ag ràdh nach eil e idir fìor gu bi calltainn a’ fàs gu nàdarrach a-mhàin mar phreas fo dhuilleach na coille. Tha coilltean ann far as e calltainn cha mhòr an aon chraobh annta, agus tha na Coppins dhen bheachd gu bheil cuid dhiubh air a bhith seasmhach mar sin fad ceudan bhliadhnaichean. ’S dòcha mìltean bhliadhnaichean. ’S e sin rud ris an can an t-eag-eòlaiche climax vegetation. Ma dh’fhanas an t-sìde mar a tha i, chan atharraich a’ choille gu ìre mhòr sam bith. Cha tig craobhan eile a-steach airson àite nan craobh-calltainn a ghabhail thairis.

Agus bidh na craobhan-calltainn a’ fàs uabhasach fhèin sean. ’S e as coireach ri sin gum bi iad a’ cur stocan ùra an-àirde airson àite na seann fheadhainn a ghabhail. Ged a tha e ro dhorch air làr na coille airson leigeil le craobhan òga fàs – mar an darach no a’ bheithe – fàsaidh a’ challtainn gun duilgheadas.

Chan eil an sgitheach coltach ri sin. Fàsaidh an sgitheach gu tiugh agus cha bhi dàd a’ fàs fodha, oir tha e ro dhorch. Ach chan ùraich an sgitheach e fhèin. Bidh a’ chraobh a’ bàsachadh an ceann ùine, le aois, mus bi cothrom ann do chraobhan eile fàs air an làraich sin. Anns an dòigh sin, tha a’ chraobh-challtainn car neo-àbhaisteach.

’S e na thug air Sandy is Brian Coppins aithneachadh gun robh cuid de na coilltean-calltainn Albannach uabhasach sean gun robh iad ag obair air na crotail a tha à fàs air na craobhan. ’S e eòlaichean chrotal a th’ annta. Agus tha Coilltean-calltainn a’ Chuain Siar cudromach gu h-eadar-nàiseanta airson na tha a’ fàs annta de chrotail, fungi agus lusan an àirneig.

Thathar a’ dèanamh dheth nach fhàs cuid de na crotail ach a-mhàin ann am fìor sheann choilltean. Chan fhàs iad far an do rinneadh preasarlach. No ann an coilltean òga. Agus, leis an sin, thathar an ìre mhath cinnteach gu bheil cuid de na coilltean Albannach cianail fhèin sean. Bha iad ann, mar a bha fios aig ar sinnsirean, ri linn Oisein. Agus ri linn athar-san!

An ath thuras a tha sibh a-muigh ann an coille-chnò no coille-challtainn, tha mi airson ’s gun cùm sibh ur sùilean a-mach airson fungas sònraichte. Tha e ruadh agus bidh e a’ fàs air stocan agus geugan chraobh-calltainn. Tha e coltach ri meuran no miotag a tha a’ greimeachadh air a’ ghèig. ’S e hazel gloves fungus a thathar a’ gabhair air ann am Beurla – fungas miotag calltainn. Agus, faodaidh sibh a bhith cinnteach, ma tha am fungas sin a’ fàs, gu bheil a’ choille gu math sean.

Tha Coilltean-calltainn a’ Chuain Siar mar phàirt de dh’àrainn a tha gann air feadh an t-saoghail. ’S e sin coilltean-uisge neo-theth nan cladaichean. Agus an seòrsa ann an Alba is Èirinn, ’s e Coille-uisge Cheilteach a chanas iad rithe. Nach brèagha an t-ainm sin!

Litir 698 Litir 698 Litir 700 Litir 700

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!