FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Árainn Mhór (2)

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mar

Audio is playing in pop-over.

Árainn Mhór (2)

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mar a chunnaic mi èisg – garbhagan, rionnaich agus saoidheanan – a’ lìonadh bàgh air cladach Árainn Mhór ann an Èirinn. Bha sinn a’ glacadh shaoidheanan gu leòr. Bha a’ chlann agam air a dhol suas gu taigh bodaich airson faighneachd dhen bhodach an robh e ag iarraidh saoidheanan’ no saithe’ no coalfish’. Uill, cha do thuig e gin de na faclan sin. Agus thàinig e leis an leathad don chladach.

Cha b’ urrainn dha fhèin a shùilean a chreidsinn. Bha an tachartas a cheart cho iongantach dhàsan ’s a bha e dhuinne. Bha na milleanan de dh’èisg a’ lìonadh na mara faisg air an taigh aige. Cha chreid mi gun robh e air a leithid fhaicinn riamh – agus cha robh e òg.

Cha do thuig e na faclan saoidhean, saithe no coalfish. Mas math mo chuimhne, ’s e glíosan no rudeigin dhen t-seòrsa an t-ainm a bh’ aige fhèin air a leithid. Co-dhiù, bha e toilichte na h-uidhir fhaighinn airson a reothadair. Bha cait aige agus chòrdadh na h-èisg riuthasan cuideachd. Thug sinn na h-uidhir dha oir bha iad cho furasta a ghlacadh.

Nuair a thàinig an dorchadas, bha na h-èisg fhathast a’ leum anns a’ bhàgh. An ath mhadainn, chuir e iongnadh mòr orm. Bha iad fhathast ann. Bha a’ mhuir air tràghadh is lìonadh, agus bha na sgaothan èisg fhathast anns a’ bhàgh. Dè bha gan cumail ann? Tha amharas agam gun robh rudeigin ann aig beul a’ bhàigh – leumadairean ’s dòcha? No madadh-cuain? Chan fhaca mi dad, ach nuair a dh’fhàg sinn am bàgh ann am meadhan na maidne, airson cumail a dol air ar turas Èireannach, bha na mìltean èisg fhathast ann.

Dè thug orm a bhith a’ cuimhneachadh air Árainn Mhór? Seann charbad a chunnaic mi, oir tha na càraichean anns an eilean ann an droch staid (chan eil MOT riatanach aca)? Chan e. Bàt’-aiseig ChalMac, oir b’ e seann bhàta aig CalMac a bha a’ ruith thar a’ chaolais gu tìr-mòr na h-Èireann? Chan e.

’S e na chuir an t-eilean nam chuimhne leabhar beag a thàinig a-mach o chionn ghoirid a tha a’ comharrachadh eòlas na mara. Tha an leabhar, air a bheil Dùthchas na Mara, a’ toirt sùil air dà eilean Ghàidhealach – Árainn Mhór ann an Èirinn agus Barraigh ann an Alba. A rèir nan ùghdaran, Iain MacFhionghain agus Ruth Ní Bhraonáin, san dà eilean, tha iasgairean dhen bheachd gu bheil an teachd-an-tìr is an dòigh-beatha aca fo bhagairt aig buidhnean cumhdachdach nach eil a’ toirt cluas-ri-claisneachd dhaibh.’

Tha iad a’ mìneachadh gur iad na buidhnean cumhachdach’ sin Dualchas Nàdair na h-Alba, a tha ag iarraidh dà àrainn gleidheadh-mara ainmeachadh ann an uisgeachan Bharraigh, agus Riaghaltas Poblachd na h-Èireann a chuir dàil air iasgach le lìn-siabaidh far chosta Árainn Mhór. Tha an leabhar a’ toirt sùil air an dùthchas co-cheangailte ri gach eilean, agus a’ cumail a-mach gu bheil sin a’ buntainn a cheart cho mòr ris a’ mhuir ’s a tha e ris an tìr.

Tha na h-eileanaich air a dhol gu làidir an aghaidh nam buidhnean riaghaltais, agus tha am beachdan agus an giùlan co-cheangailte gu mòr ri dùthchas – facal nach gabh eadar-theangachadh gu furasta. Bheir sinn sùil air dùthchas an-ath-sheachdain.

Litir 694 Litir 694 Litir 696 Litir 696

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!