Bu toigh leam sùil a thoirt air an fhacal dùthchas. Bha mi ag innse dhuibh mu leabhar beag ùr mu dhà eilean Ghàidhealach – Árainn Mhór ann an
Èirinn agus Barraigh ann an Alba. Tha an leabhar trì-chànanach. ’S e a thiotal ann an Gàidhlig Dùthchas na Mara; ann an Gaeilge Dúchas na Mara. Tha am facal, agus an dòigh-smaoineachaidh co-cheangailte ris, beò fhathast anns an dà Ghàidhlig.
Ach dè a’ Bheurla a chuireadh sibh air Dùthchas na Mara? Chan eil facal Beurla coltach ri dùthchas, a bheil? Uill, ’s e an tiotal Beurla
a thagh na h-ùghdaran Belonging to the Sea.
Seo na sgrìobh na h-ùghdaran, Iain MacFhionghain agus Ruth Ní Bhraonáin, (air a chur gu Gàidhlig le Rody Gorman): Tha an rannsachadh againn a’ cur an
cèill gu bheil aig cridhe [beachdan is giùlan nan eileanach] dòigh-labhairt a tha gu sònraichte Gàidhealach mu fhaireachdainn a tha an comas mhic-an-duine
air feadh na cruinne-cè: an fhaireachdainn a thaobh a bhith a’ buntainn ri àite, agus an t-uallach a th’ ort airson an àite sin. A thaobh na Gàidhlig
dheth, tha an fhaireachdainn seo – air an do ghabh an sgoilear mòr Gàidhlig Iain MacAonghuis seòrsa de lùth-mothachaidh’ – air a glacadh leis an fhacal
nach gabh tionndadh gu furasta, “dùthchas”.’
Tha MacFhionghain agus Ní Bhraonáin a’ mìneachadh, ged gur ann on fhacal Ghàidhlig dùth a tha dùthchas a’ tighinn, agus gu bheil dùth a’ ciallachadh talamh’ no fearann’, gu bheil an fhaireachdainn aig muinntir nan cladaichean, agus an t-uallach an lùib an fhacail, a’
buntainn a cheart cho math ris a’ mhuir ’s a tha e ris an tìr.
Airson dùthchas a mhìneachadh, tha iad a’ tilleadh gu Iain MacAonghuis: ’S e na th’ ann an dùthchas raon-tuigse làn anns a bheil barrachd na
uachdar na dùthcha no cruinn-eòlas leotha fhèin, no faireachdainn dìreach mun eachdraidh, ach rian-fiosrachaidh foirmeil san tig iad seo uile còmhla.
Faodaidh an rud air a bheil an coltas ann an sùilean a’ choigrich a bhith na fhàsach falamh – eireachdail no gun bhrìgh a rèir nam beachdan a tha an
uachdar – a bhith na fhearann beothail, ’s dòcha fiù ’s gaisgeil is a’ cur thairis le pearsaichean eachdraidheil – don luchd-dùthchais.’
Tha sin cho fìor ’s a ghabhas, nach eil? Bidh mi a’ dèanamh tòrr bhùthan-obrach le muinntir na Beurla. Chan eil càirdeas aig a’ chuid mhòir dhiubh don tìr
mar luchd-dùthchais. Ach nuair a chluinneas iad mu dhùthchas nan Gàidheal, tha farmad orra. Tha iad ag iarraidh a bhith dlùth ris an tìr san dòigh sin.
Agus ’s e an rud duilich anns an latha sa bheil sinn beò, nach eil dùthchas nan Gàidheal fhèin cho làidir ’s a b’ àbhaist. A thaobh ar fèin-aithne mar shluagh, chanainn gu bheil e riatanach gu bheil sinn moiteil asainn fhèin mar dhaoine le dùthchas, a tha dùthchasach
do dh’Alba.
Às dèidh a bhith ag obair le muinntir Árainn Mhór agus Bharraigh, dà choimhearsnachd a tha a’ strì an aghaidh bhuidhnean nàiseanta a tha a’ feuchainn ri
iasgach a theannachadh sna h-uisgeachan aca, tha MacFhionghain agus Ní Bhraonáin ag ràdh gu bheil diofar sheallaidhean dhen t-saoghal aig bunait na strì.
Tha iad ag ràdh, nam biomaid a’ toirt spèis a bharrachd don eòlas thraidiseanta aig na h-eileanaich air na h-uisgeachan aca fhèin gum biomaid uile na b’
fheàrr dheth. Abair e.