An latha eile, chunnaic mi tachartas iongantach ann an sùil mo chuimhne. Bha mi ann an Èirinn ann am meadhan nan naochadan, air Árainn
Mhór, eilean beag far costa Thìr Chonaill.
Bha mi fhìn ’s a’ bhean agam agus ar dithis chloinne air làithean-saora campachaich air taobh an iar na h-Èireann. Agus abair samhradh. Bha i teth fad a’
cheala-deug. Bha sinn a’ snàmh a h-uile latha – sa mhuir, ann an lochan agus ann an aibhnichean.
’S iomadh cuimhne mhath a th’ agam
dhen chuairt sin. Ach ’s i an oidhche ann an Árainn Mhór an tè as motha a sheasas a-mach. Lorg sinn bàgh le mol. Bha àite math ann airson teanta agus cha
robh ach aon taigh nar sealladh. Airson a bhith modhail, chaidh sinn suas bruthach don taigh – fear beag traidiseanta le a bhallachan air an aoladh, agus
asal taobh a-muigh an dorais. Bha Gaeilge aig an fhear a bha a’ fuireach ann. Bha e toilichte gu leòr gum biomaid a’ campachadh na h-oidhche air cùl a’
chladaich.
Chuir sinn an teanta an-àirde. Bha tuinn mhòra a’ briseadh air a’ chladach. An dèidh greis, thachair rud iongantach. Thòisich am bàgh air lìonadh le èisg.
Agus tha mi a’ ciallachadh lìonadh’!
Bha an fheadhainn bheaga airgid ann an toiseach – milleanan dhiubh. Chanainn gur e garbhagan a bh’ annta. Bha iad ann an sgaothan mòra. Bha feadhainn
dhiubh a’ briseadh uachdar na mara mar gun robh èisg na bu mhotha an tòir orra. Agus bha!
Às an dèidh thàinig sgaothan mòra de rionnaich agus saoidheanan. Bha na milleanan dhiubhsan ann cuideachd. Thug sinn na slatan-iasgaich a-mach – oir
dhèanadh rionnach no dhà deagh dhinnear. Ach, aig amannan, chuir sinn na slatan an dàrna taobh. Bha e dìreach mìorbhaileach a bhith a’ coimhead na mara.
Chunnaic sinn èisg a’ snàmh aig astar ann am bilean nan tonn. Ann an solas grèine an fheasgair, bha na dathan iongantach. Bha Daibhidh Attenborough air a
bhith toilichte a bhith nar brògan!
Bha sinn a’ glacadh èisg gu leòr. Rionnaich an toiseach; an uair sin dh’fhalbh iad. Às dèidh nan rionnach, ’s e saoidheanan a bha sinn a’ glacadh. Leis cho
teth ’s a bha e, bha fios againn nach cumamaid iad fada. Agus, feumaidh mi aideachadh nach eil mi cus ro dhèidheil air blas an t-saoidhein co-dhiù. ’S
fheàrr leam an ìre mhath iasg sam bith eile seach saoidhean!
Cha robh fios agam am bu chòir dhuinn dìreach an tilgeil air ais don mhuir no an cumail airson a’ bhodaich air a’ chnoc.
Dh’iarr mi air a’ chloinn, ma-thà, a dhol suas don taigh aige agus innse dhà mun ghnothach. Thuirt mi riutha, Inns dha gu bheil cus èisg gu bhith againn
ach gum biomaid toilichte feadhainn a thoirt dha. Inns dha gur e saoidhean a chanas sinn riutha anns a’ Ghàidhlig againn fhèin, gur e saithe a chanas muinntir na h-Alba ann am Beurla, agus gur e coalfish an t-ainm orra anns a’ Bheurla Shasannaich.’ Bha mi an dùil gun
tuigeadh am bodach Èireannach fear de na h-ainmean sin. Ach cha do thuig, mar a chì sinn an-ath-sheachdain.