FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Na Ridirean Teampallach (2)

Bha mi a’ bruidhinn mu na Ridirean Teampallach agus mar

Audio is playing in pop-over.

Na Ridirean Teampallach (2)

Bha mi a’ bruidhinn mu na Ridirean Teampallach agus mar a dh’èirich an smuain gun robh iad an làthair aig Blàr Allt a’ Bhonnaich, a’ toirt taic do dh’armailt na h-Alba. Ann an trì cheud deug ’s a seachd (1307), bha iad air an dèanamh mì-laghail. Chaidh na rudan a bhuineadh dhaibh – togalaichean, fearann, ionmhas – a chur an grèim.

Dè thachair do na ridirean fhèin, ge-tà? Uill, a rèir choltais, bha iad air an cur an grèim, no dh’atharraich iad an ainmean is theich iad, no thug iad ballrachd a-mach ann am buidhnean ridireachd eile, no theich iad gu dùthchannan a bha taobh a-muigh smachd a’ Phàpa. Bha Alba am measg nan dùthchannan sin. Bha am Pàp air Rìgh na h-Alba – Raibeart Brus – ascaointeachadh às dèidh gun do mhuirt e an Cuimeanach Ruadh ann an eaglais ann an Dùn Phris bliadhna roimhe. A rèir an stòiridh, chaidh mòran Ridirean Teampallach à dùthchannan eile gu ruige Alba, far an robh iad sàbhailte.

Bha na Ridirean Teampallach air a bhith ann an Alba roimhe sin agus tha iad co-cheangailte ri seann ainm-àite Gàidhlig ann an Lodainn. Fhuair iad cead bho Rìgh Daibhidh I ionad a chur air chois deas air Dùn Èideann. ’S e Temple an t-ainm a th’ air an àite an-diugh. Ach chan e sin an t-ainm a bh’ air anns a’ cheathramh linn deug. Bha ainm Gàidhlig air an uair sin – Baltrodoc – no Baile nan Trodach “settlement of the warriors”, a rèir Uilleim MhicBhàtair. Cò bh’ anns na “trodaich” sin ach na Ridirean Teampallach.

Tha dà abhainn air a bheil “Uisge Easg” mar ainm faisg air a chèile ann am meadhan Lodainn, deas air Dùn Èideann. Tha Teampall – no Baile nan Trodach – faisg air an Easg Dheas. Agus, air bruaichean Easg Thuath, tha àite ann a tha mòran nas ainmeile – Ros Linn. Tha an caibeal sin ainmeil air feadh an t-saoghail, às dèidh gun do nochd e anns an leabhar aig Dan Brown, The Da Vinci Code. Tha mòran ag ràdh gu bheil ceangal eadar Caibeal Ros Linne agus na Ridirean Teampallach, ach ’s iomadh sgoilear a tha ag àicheadh sin gu làidir.

Chan ann an Lodainn a-mhàin a bha fearann aig na Ridirean Teampallach ann an Alba. Bha fearann mòr aca ann am Moireibh, agus àiteachan eile cuideachd.

Tha cuid dhen bheachd, leis nach robh Alba fo smachd spioradail a’ Phàpa às dèidh an ascaointeachaidh, gun deach ridirean às an Fhraing agus dùthchannan eile gu ruige Alba. Bha na Ridirean Teampallach cumhachdach ann an Alba an uair sin. Agus, leis gun d’ fhuair iad tèarmann ann an Alba, thug iad taic do dh’armailt a’ Bhrusaich aig Blàr Allt a’ Bhonnaich.

Ge-tà, cha robh am Brusach airson sin fhoillseachadh oir bha e an dòchas gum biodh am Pàp deònach cur às don ascaointeachadh. Mar sin, chaidh a chumail dìomhair gun robh na Ridirean Teampallach ann aig Blàr Allt a’ Bhonnaich.

Uill, ’s e sin an stòiridh. Tha mòran de luchd-eachdraidh ag ràdh nach eil fianais sgrìobhte sam bith ann a tha a’ toirt taic dha. Ach chan eil sin a’ cur stad air feadhainn bho bhith ga chreidsinn. Agus cò tha ag ràdh nach dèanadh e deagh leabhar no film?!

Litir 675 Litir 675 Litir 677 Litir 677

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!