Mun àm seo an ceann dà bhliadhna, bidh muinntir na h-Alba a’ comharrachadh cath a dh’atharraich eachdraidh Bhreatainn. ’S e sin Blàr Allt a’ Bhonnaich a
thachair anns an Ògmhios trì cheud deug is ceithir-deug (1314). Bidh sibh eòlach air an eachdraidh, tha mi cinnteach, ’s mar a thug armailt nan Albannach
buaidh air armailt na bu mhotha aig Rìgh Eideard Shasainn.
Bidh daoine ag argamaid gu sìorraidh air na thug buaidh do dh’armailt na h-Alba. Bho mheadhan an naoidheamh linn deug, ge-tà, dh’èirich smuain car
inntinneach. ’S e sin gun robh feachd a bharrachd de ridirean aig na h-Albannaich, a bha gu math sgileil ann an sabaid. B’ iad sin na Ridirean Teampallach.
Chan eil mi ag ràdh gun robh na Ridirean Teampallach dha-rìreabh an làthair aig Allt a’ Bhonnaich. Ach bu mhath leam an stòiridh innse dhuibh…
Bha ceangal mòr ann eadar na Ridirean Teampallach agus na Cogaidhean Creideimh anns an Tìr Naoimh. Bha iad aithnichte do mhòran, agus aodach geal orra, le
crois mhòr dhearg. Dh’èirich iad anns an dàrna linn deug mar bhuidheann a bhiodh a’ dìon Chrìosdaidhean a bha a’ dèanamh eilthireachd a Ierusalem. Ghabh
iad ainm orra fhèin “Ridirean Bochda Chrìosd’ agus Teampall Sholaimh”. Tha seann Teampall Sholaimh ann an Ierusalem. Tha na bunaitean dheth fon mhosg
ainmeil ris an canar Al Aqsa. ’S e an teampall sin a thug ainm do na “Ridirean Teampallach”.
Dh’fhàs na Ridirean Teampallach beartach agus cumhachdach. Cha leigeadh eilthirich a leas tòrr airgid a thoirt leotha air an turas don Tìr Naoimh. Bhiodh
iad a’ cur an cuid airgid ann an làmhan nan Ridirean, can anns an Fhraing, agus bheireadh iad litir creideis leotha. Leis an litir,
gheibheadh iad airgead ann an Ierusalem bho bhancairean nan Ridirean. Anns an dòigh sin, chuir na Ridirean Teampallach lìonra bancaireachd air dòigh air
feadh na Roinn Eòrpa.
Anns an dàrna linn deug, thòisich cùisean air a dhol leis na Muslamaich anns an Tìr Naoimh. Mean air mhean, chaill na Ridirean Teampallach na daingnichean
aca anns an Ear-mheadhanach.
Ach bha iad fhathast cumhachdach air taobh an iar na Roinn Eòrpa. Agus bha cuid de cheannardan Eòrpach amharasach mun dheidhinn. Bha iad dhen bheachd gun
robh na Ridirean ro chumhachdach ’s gun robh iad a’ bagairt air smachd nan rìghrean.
Bha am Pàp stèidhichte san Fhraing. Bha Rìgh na Frainge, Philip IV, a’ cur ìmpidh air a’ Phàp na Ridirean Teampallach a dhèanamh mì-laghail. Bha e a’
cumail a-mach gun robh iad toibheumach agus iodhalach. Ach bha fiachan mòra aig na Ridirean air an Rìgh. Tha cuid dhen bheachd gun robh
Philip a’ faicinn seo mar dhòigh gus cur às do na fiachan aige.
Seachd bliadhna ro Bhlàr Allt a’ Bhonnaich, anns an Dàmhair, trì cheud deug ’s a seachd (1307), dh’òrdaich an Rìgh mòran cheannardan Teampallach anns an
Fhraing a chur an grèim. Mìos an dèidh sin, chuir am Pàp teachdaireachd a-mach don a h-uile rìgh Crìosdaidh anns an Roinn Eòrpa na Ridirean Teampallach
agus an cuid ionmhais a chur an grèim.
Ach ciamar a bha Alba a’ faighinn a-steach don ghnothach? Bheir sinn sùil air sin anns an ath Litir.