Tha mi a’ sgrìobhadh na Litreach seo, agus mi dìreach air tilleadh bho bhith a’ coiseachd a’ mhonaidh ann an Srath Chonainn ann an Siorrachd Rois. Seo
seann rann mun sgìre sin: Abhainn Mìg tre Srath Chonainn, Abhainn Chonainn tre Srath Bhràinn, Abhainn Dubh-chuileagach tre Srath Ghairbh, trì aibhnichean
gun tairbh iad sin.
River Meig through Strathconon, River Conon through Strathbran, river of the black flies through Strathgarve, they’re three rivers without profit.
Tha sin rudeigin cruaidh, chanainn; saoilidh mise gu bheil an sgìre sin brèagha. Ach tha e na rabhadh dhomh gun a bhith a’ dol a Shrath Ghairbh, co-dhiù as
t-samhradh, gun lìon chuileagan a thoirt leam!
’S e an aon abhainn as aithne dhòmhsa ann an Srath Ghairbh tè a tha ainmeil ann an dualchas nan Gàidheal. ’S i an t-Alltan Dubh, a rinneadh ainmeil le
Dòmhnall Friseal, Bàrd Fainich. Bidh sibh eòlach air an òran, ’s dòcha: Tha ligh’ an-diugh san Alltan Dubh, chan urrainn mi dhol thairis air, tha eagal orm ro mheud an t-sruth ’s nach fhaigh mi ’n-diugh a-null air… Bha
am bàrd ag aithris gum biodh tuilleadh ’s a chòrr uisge anns an abhainn ag amannan, ach cha chreid mi gun robh guth aige air cus chuileagan!
Co-dhiù, tha e inntinneach mar a tha na h-ainmean sin. Ann an ceann shuas Srath Chonainn, chan e Abhainn Chonainn a tha a’ sruthadh, ach Abhainn Mìg; tha
dùil gu bheil an t-ainm sin gu math sean. Tron chuid mhòir de Shrath Bhràinn, ’s e Abhainn Bhràinn a tha a’ sruthadh. Ach am pìos mu dheireadh dhen
t-srath, nuair a dh’fhàgas an abhainn Loch Luinncheirt, ’s e Abhainn Chonainn a th’ oirre. Agus, anns a’ phàirt ìosal de Shrath Chonainn, ’s e Abhainn
Chonainn no River Conon a th’ air an abhainn.
Faisg air beul na h-aibhne, nuair a ruigeas i ceann shuas Linne Chrombaigh, tha baile ann air a bheil Conon Bridge. Tha drochaid thar na h-aibhne
an sin. Chan e Drochaid Chonainn an t-ainm Gàidhlig a th’ air, ge-tà, ach Drochaid Sguideil. Tha mi a’ tuigsinn gur e seann ainm, ’s dòcha fear
Lochlannach, a th’ ann an Sguideil. Bha e clàraichte mar Scuddale o shean. Cha chreid mi gu bheil fios aig duine dè tha e a’ ciallachadh.
Bhithinn an dùil gun tàinig am pàirt mu dheireadh dheth bho fhacal anns an t-Seann Lochlannais, a’ ciallachadh “achadh” no bho fhacal eile a’ ciallachadh
“dail” no “gleann”.
Chan eil fhios a’m dè an dreach a bh’ air Sguideil bho thùs, ach tha an t-àite a’ nochdadh ann am mapa a rinn an Seanalair Seòras Wade airson an airm ann
an seachd ceud deug is trithead (1730). Cha robh drochaid thar Abhainn Chonainn aig an àm, ach bha aiseag ann. ’S e an t-ainm a bh’ air, ann am Beurla, Ferry Sguigal. S-G-U-I-G-A-L. Sguigal, seach Sguideil.
Tha òrdugh nam faclan inntinneach cuideachd. Bhiomaid an dùil Sguigal Ferry ’s dòcha. Leis gur e Ferry Sguigal a th’ ann, bhithinn an
dùil gun robh an t-ainm stèidhichte air a’ Ghàidhlig Aiseag Sguigal no rudeigin coltach.
Leis nach robh cuid anns an fhicheadamh linn eòlach air tùs an ainm, thòisich iad air Drochaid Sgudail a ghabhail air. Bha iad ag ràdh gun robhar
a’ cutadh èisg ann – agus gum b’ e an “sgudal” am mionach èisg. Gu fortanach, chan e àite “sgudalach” a th’ ann an Drochaid Sguideil!