’S ann tric a chuala mi, agus a leugh mi, gu bheil Loch Innis mo Cholmaig eadar-dhealaichte bhon a h-uile pìos uisge eile dhen aon seòrsa ann an Alba. Dè
tha mi a’ ciallachadh? Uill, ’s e ainm an locha ann am Beurla The Lake of Menteith. “The only lake in Scotland” mar a chanas iad gu
minig.
Bidh mi, mar as trice, a’ cur ann an cuimhne dhaoine, a chanas a leithid, gu bheil sin fìor ann am Beurla a-mhàin, agus gur e “loch” a th’ ann fhathast ann
an Gàidhlig! Agus tha e coltach nach e rud sean a th’ ann sa Bheurla nas motha. ’S e ainmeachadh an locha mar “lake” rud a dh’èirich uaireigin
anns an naoidheamh linn deug. Tha cuid dhen bheachd gun tàinig e bhon fhacal laich ann an Albais, a’ ciallachadh “blàr”.
Agus seo cunntas inntinneach bhon leabhar aig Tòmas Garnett Observations on a Tour Through the Highlands and Part of the Western Isles of Scotland
a nochd an toiseach anns a’ bhliadhna ochd ceud deug (1800):
“About six miles from Callander, we came to the Loch of Monteith, a beautiful little lake about five miles in circumference, adorned with two small
sylvan islands.” Loch of Monteith
, seach Lake of Menteith. Cha chan mi an còrr.
Co-dhiù, sgrìobh Garnett cunntas air leth inntinneach mu dheidhinn an locha sin. Chan ann mun loch fhèin ach mu dhòigh iasgaich air an cuala e aithris. Bha
cuid de dhaoine fhathast beò, a bh’ air a bhith ag iasgach anns an dòigh sin. Tha e doirbh a chreidsinn – agus chan eil mi buileach
cinnteach nach robh na daoine dìreach a’ tarraing às an neach-siubhail Shasannach seo! Ach mas breug thugam e, ’s breug bhuam e.
Tha Loch Innis mo Cholmaig làn dà sheòrsa èisg nach eil cho cumanta air a’ Ghàidhealtachd – tha iad nas lìonmhoire ann an uisgeachan na Galltachd agus ann
an Sasainn. ’S e sin a’ chreagag-uisge agus an geadas. Bidh sibh eòlach air a’ gheadas, tha mi cinnteach – iasg mòr ris an canar pike ann am
Beurla. Agus a’ chreagag-uisge? Uill, bidh cuid a’ gabhail muc-locha air an iasg sin; ann am Beurla, ’s e freshwater perch a th’ air.
Fàgaidh sinn a’ chreagag-uisge an dàrna taobh. Tha cunntas Gharnett mun t-seann dòigh a bh’ aig daoine airson geadais a ghlacadh ann an Loch Innis mo
Cholmaig.
Bhiodh na tuathanaich
a bha a’ fuireach timcheall an locha a’ toirt grunn ghèadh a-mach do na h-eileanan. Bhiodh iad a’ ceangal lìn-bheaga ri casan nan gèadh.
Chuireadh iad dubhan air gach lìon, agus baoit air an dubhan. An uair sin, bhiodh na tuathanaich ag iomain nan gèadh a-steach don loch.
Cha b’ fhada gus am biodh geadais a’ greimeachadh air a’ bhaoit agus air na dubhain. An uair sin, bhiodh spàirn mhòr eadar na geòidh agus na geadais.
Bhiodh na geòidh an-còmhnaidh a’ dèanamh a’ ghnothaich, ged a bhiodh iad gu tric air an claoidheadh buileach nuair a ruigeadh iad tìr. Tha amharas agam gun
robh na daoine a’ tomhas a’ ghnothaich mar spòrs is cur-seachad èibhinn a cheart cho math ri dòigh airson geadais a ghlacadh. Tha fhios nach bitheadh a
leithid ceadaichte an-diugh.