Nuair a bha mi a’ dèanamh rannsachadh airson leabhar beag a dh’fhoillsich mi air ainmean-àite is dualchas Gàidhlig Inbhir Nis, thàinig mi tarsainn air na
sgrìobhaidhean aig Tòmas Garnett. Bha Garnett air a’ Ghàidhealtachd dà bhliadhna ro dheireadh an ochdamh linn deug, agus sgrìobh e leabhar mu dheidhinn a
thurais air an robh Observations on a Tour Through the Highlands and Part of the Western Isles of Scotland.
Bha mi airson faighinn a-mach na chuala e fhèin de Ghàidhlig ann an Inbhir Nis. Sgrìobh e:
English and Gaelic are spoken here promiscuously, though the language of the country people is Gaelic; the English is spoken with great purity, both
with respect to pronunciation and grammar.
Bha e ag ràdh gur e a bu choireach gun robh an cuid Beurla cho math – nach robh i na cànan màthaireil dhaibh, gun robh saighdearan Chrombail air buaidh a
thoirt air cainnt an àite, agus gun robh glè bheag de chonaltradh ann eadar Inbhir Nis agus na sgìrean far an robh a’ Bheurla Ghallta ga bruidhinn.
’S dòcha gun cuireadh cuid teagamh air na co-dhùnaidhean aige, ach chuir an cunntas aige ris an argamaid a bha mi a’ dèanamh gun robh Gàidhlig ga bruidhinn
gu mòr ann an Inbhir Nis, eadhon aig deireadh an ochdamh linn deug. Bha feadhainn a’ cumail a-mach nach robh Gàidhlig riamh air a bruidhinn ann an Inbhir
Nis!
Ach carson a bha mi a’ smaoineachadh air Tòmas Garnett? Uill, a chionn ’s gun do dh’fhoillsich e cunntasan dhen dearbh rud air an robh mi a’ bruidhinn an
t-seachdain sa chaidh – seiches. Bha aon chunntas air a dhèanamh anns an t-Sultain, seachd ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1784) mun Cheannmhor
aig ceann an ear Loch Tatha. ’S e am ministear anns a’ Cheannmhor a rinn an cunntas. Bha an gluasad-uisge cho mòr ’s gun do dh’fhàg e am bàgh anns a’
Cheannmhor tioram suas ri ceud slat a-mach bhon chladach mus do thill an t-uisge a-rithist le neart.
Leis gu bheil mi a-mach air Tòmas Garnett, bu mhath leam sùil a thoirt air an duine agus air na sgrìobh e mun Ghàidhealtachd. Rugadh e ann an seachd ceud
deug, seasgad ’s a sia (1766) ann am Westmoreland ann an Sasainn. Fhuair e cothrom ionnsachadh bhon lighiche agus fear-matamataig ainmeil, John Dawson. Bha
e gu math dìcheallach agus tha e coltach nach robh beatha shòisealta aige idir.
Cheumnaich e mar dhotair ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a h-ochd (1788). Cha do dh’obraich e a-mhàin mar lighiche, ge-tà. Bha e cuideachd a’ dèanamh
rannsachadh saidheansail air uisge mèinneir agus eòlas aimsire.
Phòs e ann an seachd ceud deug, naochad ’s a còig (1795). Bha e air a chur roimhe eilthireachd a dhèanamh a dh’Ameireagaidh. Nuair a bha e ann an
Liverpool, feuch na planaichean sin adhartachadh, fhuair e cuireadh òraidean a dhèanamh air feallsanachd nàdarrach. Dh’atharraich sin a bheatha. Cha deach
e a-null thairis.
An àite sin, fhuair e obair mar àrd-ollamh ann an Ionad MhicAnndrais ann an Glaschu. ’S ann nuair a bha e ann an Glaschu a roghnaich e fhèin is a charaid,
an neach-ealain W H Watts, cuairt a ghabhail air a’ Ghàidhealtachd. Bheir sinn sùil a bharrachd air a’ chuairt sin an-ath-sheachdain.