FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Graddaning

An cuala sibh riamh am facal Beurla – graddaning? G-R-A-D-D-A-N-I-N-G.

Audio is playing in pop-over.

Graddaning

An cuala sibh riamh am facal Beurla – graddaning? G-R-A-D-D-A-N-I-N-G. Graddaning. Tha e a’ tighinn bhon Ghàidhlig, agus tha e a’ ciallachadh dòigh airson min-fhlùir a dhèanamh. Bha mi a’ leughadh mu dheidhinn ann an leabhar mun Eilean Sgitheanach o chionn ghoirid – iris ùr de History of Skye le Alasdair MacNeacail. “This ruinous method of making meal,” sgrìobh MacNeacail, “prevailed in Skye until the very end of the nineteenth century.” Ach dè bh’ ann?

Tha graddaning – ann am Beurla nan Sasannach agus ann an Albais – a’ tighinn bhon fhacal Ghàidhlig gradan. ’S e gradan dòigh airson arbhar a dheasachadh. Ma tha sibh eòlach air seann dòighean airson min-fhlùir a dhèanamh, bidh fios agaibh gum bite a’ sùisteadh no a’ bualadh an arbhair. An uair sin, bhite ga chàthadh no ga fhasgnadh. A bharrachd air a’ ghràn, gheibhte moll no càth, agus connlach às a’ ghnothach. Bhiodh iad sin feumail mar bhiadh do chrodh, airson stuth-leapa agus airson tughadh-taighe.

Ach le gradan, cha bhitheadh moll no connlach ann. Carson? Uill, chuirte teine ris an arbhar. Seo mar a bha e ag obair, a rèir an sgrìobhadair Sgitheanaich, Màrtainn MacIlleMhàrtainn: Bidh boireannach, a tha na suidhe, a’ gabhail làn a dùirn de dh’arbhar, ga ghreimeachadh air na coinnleanan na làimh chlì agus bidh i a’ cur teine ris na diasan a thèid an smàl gu luath; tha slat aice na làimh dheis, a chleachdas i gu sgileil, a’ bualadh a’ ghràin dheth aig an dearbh àm ’s a tha an cochall dìreach loisgte . Sgrìobh MacIlleMhàrtainn gun robh na Gàidheil gu math measail air a’ ghradan oir bha am blas a’ còrdadh riutha.

Bhiodh daoine a’ dèanamh a’ ghradain ann am mòran sgìrean fhathast anns an ochdamh linn deug. Cha robh muilnean-uisge no àthan pailt agus dh’fhaodadh gach teaghlach an cuid arbhair fhèin a dheasachadh anns an dòigh sin.

Ach cha do dh’obraich e gu math fad na h-ùine, agus gu tric bhiodh cochaill dhubha loisgte am measg na mine – agus bhiodh bonnaich nan Gàidheal uaireannan an ìre mhath dubh. Bhiodh luchd-turais don Ghàidhealtachd a’ cur sìos air muinntir an àite airson a bhith a’ leantainn leis a’ chleachdadh shean-fhasanta seo, agus chuir cuid de chinn-chinnidh stad air. Bhathar ag ràdh gun robh crodh a’ bàsachadh le cion bìdh anns a’ gheamhradh nuair a bhiodh connlach air an cumail beò.

Bha Màrtainn MacIlleMhàrtainn dhen bheachd gun tàinig am facal gradan bhon fhacal Ghàidhlig grad, a ciallachadh ‘luath’. ’S e dòigh luath a bh’ ann airson arbhar a dheasachadh. Ach tha e coltach gu bheil gradan co-cheangailte ri greadan no gread a tha a’ ciallachadh ‘scorch’ no ‘burn’. Anns an t-seann aimsir bha greadan cuideachd a’ ciallachadh duilleagan tiormaichte tombaca a bh’ air am pronnadh ann am poit-phronnaidh airson snaoisean a dhèanamh. Snaoisean – sin cleachdadh eile a th’ air a dhol à bith.

Litir 661 Litir 661 Litir 663 Litir 663

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!