Seo agaibh an stòiridh tràidiseanta Cailleach nan Cnò agus Tàillear nan Clàr. O chionn iomadh bliadhna bha cailleach a’ fuireach ann an gleann air
a’ Ghàidhealtachd. Bha na daoine dhen bheachd gun robh i olc. Fhuair i a far-ainm oir bhiodh an-còmhnaidh poca làn chnothan aice.
Dh’fhàs a’ Chailleach tinn. Thuirt i ris a h-uile duine, nam faigheadh i bàs, gun robh i ag iarraidh gum biodh poca làn chnothan air a thiodhlacadh còmhla
rithe, aig a ceann. Sin mar a thachair. Fhuair i bàs, chaidh a tiodhlacadh, agus chaidh poca chnothan a chur don uaigh ri taobh a cinn.
Ach bha gille sa bhaile nach robh a’ creidsinn ann an cumhachd na Caillich. Thuirt e ris fhèin gum biodh e tàmailteach mura dèanadh cuideigin feum de na
cnothan san uaigh. Air oidhche dhorch, dh’fhalbh e don chladh le spaid, airson am poca chnothan a chladhach suas.
Air an rathad don chladh, ge-tà, thachair e ri duine a bha droch-chliùiteach airson a bhith ri mèirle chaorach. “Cà’l thus’ a’ dol?”
dh’fhaighnich am mèirleach.
“Tha mis’ a’ dol a chladhach suas cnothan na Caillich,” fhreagair an gille. “Agus tha thus’ a’ dol a ghoid molt. Ma bheir thusa dhòmhsa leth dhen mholt,
bheir mise dhutsa leth de na cnothan. Fhad ’s a tha thu air falbh, nì mi suidhe sa chladh agus cnacaidh mi na cnothan.” Agus dh’aontaich am mèirleach.
Bha Tàillear nan Clàr a’ fuireach sa bhaile. Bha ciorram air. Bha clàran fiodha air gach bois agus air gach glùn aige. Bhiodh e a’ gluasad air na clàran.
Bha an Tàillear math air naidheachdan innse, ach bha e mòr às fhèin. Chuireadh e sìos air feadhainn eile. Cha chuireadh e dragh air duine sa bhaile nam
biodh cuideigin a’ toirt car às.
Cha robh uisge anns an taigh. Dh’fhalbh fear òg don tobar faisg air a’ chladh. Ach chuala e cnacadh chnothan anns a’ chladh. Ruith e air ais don taigh le
eagal, gun a’ chuinneag a lìonadh. Thuirt e gun robh Cailleach nan Cnò air èiridh bho na mairbh!
Rinn an fheadhainn eile magadh air. “Thoir dhòmhs’ a’ chuinneag,” ars an Gille Maol Dubh, agus dh’fhalbh e leatha. Ach thachair an aon rud dhàsan. Thill e
gun uisge, ach leis an naidheachd gun robh a’ chailleach a’ cnacadh chnothan anns a’ chladh.
“Tha sibh lag-chridheach ’s gun fheum,” arsa Tàillear nan Clàr. “Nam biodh comas coiseachd agamsa, bhithinn a’ lìonadh na cuinneig gun dragh, ge brith cò
bha a’ cnacadh chnothan anns a’ chladh.”
“Uill,” thuirt an Gille Ruadh, “bheir mise ann sibh air mo dhruim.”
“Glè mhath, ma-thà,” fhreagair an Tàillear.
Nuair a bha iad faisg air a’ chladh, chuala iad cnò ga cnacadh. “Air m’ onair, ’s i a th’ ann,” thuirt an Tàillear.
Chunnaic an gille sa chladh an Gille Ruadh agus Tàillear nan Clàr anns an dorchadas. Bha e a’ smaoineachadh gur e am mèirleach a bh’ ann, agus e a’
tilleadh le molt air a dhruim. Dh’èigh e, “A bheil e reamhar?”
“Reamhar no caol, faodaidh tu fhaighinn,” ars an Gille Ruadh. Agus thilg e Tàillear nan Clàr far a dhroma don chladh. Agus cha robh Tàillear nan Clàr cho
bragail idir nuair a thill e dhachaigh.