Bha mi ag innse dhuibh mun bhrisgean, no silverweed, lus a tha pailt ann an àiteachan far a bheil gainmheach, leithid air machraichean
nan eilean. Cha do lorg mi mòran ainmean-àite anns a bheil “brisgean”. Tha rubha ann an Rònaigh Beag faisg air Griomasaigh air a bheil Rubha nam Brisgean. Ach ’s dòcha gu bheil an lus ro phailt airson a bhith air ainmeachadh gu mòr.
Dh’fheuch mi am brisgean turas agus cha do shaoil mi cus dhen bhlas. Bha e rud beag coltach ris a’ churran-gheal, gun a bhith cho mhath ris. Tha na
freumhan beag. Agus tha iad uaireann doirbh a bhuain, oir bidh iad a’ dol am measg freumhan lusan eile. Tha cunntas ann de dhaoine ann an Tiriodh is Colla,
agus sna h-Eileanan A-muigh – a bhith a’ cur a leithid gu feum aig àm gorta, no as t-Earrach nuair a bha biadh gann. Ach cha bhiodh iad a’ cleachdadh a’
bhrisgein aig amannan eile, am bitheadh?
Uill, bha mi a’ leughadh mu na treubhan dùthchasach ann am Ameireagaidh a Tuath, air an taobh an iar, eadar Washington is Alasga. Bhiodh iad a’ fàs lus a
tha dlùth-chàirdeach don bhrisgean againne. Bhiodh iad a’ cumail luibhean eile a-mach às an àite, agus bhiodh freumhan a’ bhrisgein a’ fàs an ìre mhath
mòr. Bhiodh iad a’ buain a’ bhrisgein as t-fhoghar agus ga stòradh thairis air a’ gheamhradh. A rèir choltais, ’s ann as t-fhoghar as fheàrr a tha am blas.
Saoil an robh an aon rud fìor ann an Alba? Am biodh ar sinnsearan a’ fàs a’ bhrisgein a dh’aona-ghnothach, seach a bhith dìreach a’ spìonadh na bha a’ fàs
gu nàdarrach? Agus ’s e an fhreagairt – bhitheadh. Ann an Carmina Gadelica, tha Alasdair MacIlleMhìcheil ag innse dhuinn, mus do nochd am buntàta
air a’ Ghàidhealtachd, gum biodh daoine a’ fàs a’ bhrisgein agus gum biodh an lus a’ ruigsinn meudachd mhòr ann an suidheachadh mar sin. Seo mar a chuir e
ann am Beurla e: “As certain places are noted for the cultivation of the potato, so certain places are remembered for the cultivation of silverweed”.
Tha e ag ainmeachadh àite ann am Paibeil ann an Uibhist a Tuath air an robh Lag nan Tanchasg. Anns an àite sin, b’ urrainn fear a chumail fhèin
beò le bhith ag àiteachadh pìos beag fearainn ann an cumadh ceàrnaig, agus na taobhan cho fada ri àird an duine fhèin. Agus bha e beò air a’ bhrisgean!
Uill, chan eil mi cinnteach mu dheidhinn sin. Saoilidh mi nach eil e uabhasach coltach.
Co-dhiù, tha MacIlleMhìcheil a’ dearbhadh gun robh na Gàidheil ga fhàs, dìreach mar a bha na tùsanaich Ameireaganach. Bha mi a’ coimhead air a’ mhapa
airson Lag nan Tanchasg, agus cha do lorg mi e. ’S dòcha gun inns cuideigin à Uibhist a Tuath dhomh a bheilear ag aithneachadh an àite fhathast. Agus dè a’
chiall a th’ air Tanchasg? A bheil e a’ seasamh airson a’ bhrisgein fhèin – air a bheil uaireannan, ann am Beurla, tansy?
Tha sin gam thoirt gu dà ainm eile airson a’ bhrisgein – curran-earraich, ainm a tha follaiseach gu leòr, agus an seachdamh aran.
“Brisgean beannaichte an Earraich, seachdamh aran a’ Ghàidheil”. Nam b’ e am brisgean an seachdamh aran, ge-tà, dè na sia eile a bh’ ann? Bheir sinn sùil
air sin anns an ath Litir.