Tha sinn a’ tighinn a-steach gu ràith an acrais. Uill, chan eil sin fìor don chuid mhòir againn an-diugh. Faodaidh sinne a dhol don bhùth agus biadh sam
bith a cheannach. Ma tha airgead gu leòr againn. Ach bha e fìor uaireigin. An t-Earrach – ràith a bha a’ gealltainn gu leòr. Ach àm nuair a bhiodh an
stòras de bhiadh a’ fàs beag, agus greis fhathast ri feitheamh mus tigeadh àm na buana.
Dè am biadh a chumadh daoine a dol as t-Earrach anns na seann làithean, ma-thà? Uill, nam biodh iad faisg air na cladaichean, am maorach. Tha seanfhacal
ann “As t-Earrach, nuair a bhios a’ chaora caol, bidh am maorach reamhar”. Canaidh mi a-rithist e – As t-Earrach, nuair a bhios a’ chaora
caol, bidh am maorach reamhar. Ma tha an t-acras oirbh, faodaidh sibh falbh a bhuain maorach. Dè b’ fheàrr leibh? Feusgain? Bàirnich? Coilleagan ’s dòcha?
No muirsgianan?
Ge bith dè an seòrsa as fheàrr leibh, cha dèan sibh an gnothach ma bhios an làn ann. Feumaidh tràigh a bhith ann. Mar a tha seanfhacal eile ag innse
dhuinn, buain maorach nuair a tha an tràigh ann. Chan eil sin a’ buntainn a-mhàin ri gnothaichean a’ chladaich, ge-tà. Tha e co-ionann ris
a’ Bheurla, make hay while the sun shines. Buain maorach nuair a tha an tràigh ann.
Co-dhiù, gu leòr dhen mhaorach. Tha mi airson sùil a thoirt air lus, seach maorach, an t-seachdain seo. Dè an lus a bhiodh daoine ag ithe an t-seann aimsir
an àm seo dhen bhliadhna nuair a bha biadh gann? Tha mi a’ ciallachadh lus a tha dùthchasach do dh’Alba. Agus tha mi a’ smaoineachadh gu sònraichte air
coimhearsnachdan a bha a’ fuireach faisg air a’ chladach, gu sònraichte air an taobh an iar.
Tha an lus beag is rudeigin ìosal, agus tha duilleagan airgid air, le flùraichean brèagha buidhe as t-samhradh. Tha e gu math pailt air a’ mhachair agus
àiteachan eile far a bheil gainmheach gu leòr ann. A bheil e agaibh fhathast?!
’S e an t-ainm saidheansail a th’ air Potentilla anserina. Ann am Beurla – silverweed. Agus ann an Gàidhlig brisgean. Tha an
t-ainm a’ tighinn bhon phairt dhen lus a bu chudromaiche a bh’ ann do na seann Ghàidheil – am freumh. Tha am freumh brisg.
Agus carson a bha na freumhan feumail? Bha, a chionn ’s gum b’ urrainnear an ithe. Bha mi a’ leughadh pìos bho agallamh, ann am Beurla, leis a’
bhana-Ghàidheal, Mòr NicLeòid, Mòr Bhrù, nach maireann, à Leòdhas. Agus seo na thuirt ise: “Bhiodh iad a’ cleachdadh an fhreumh’ a bha seo a bha, can, sia
òirlich a dh’fhaid, agus bhiodh iad ga bhuain le ràcan no spaid, ga ghlanadh agus ga ròstadh air teine fosgailte. Bhiomaid ga dhèanamh nuair a bha sinn nar
cloinn. Chan e gun robh an t-acras oirnn ach bhiomaid ga dhèanamh agus chòrdadh e rinn. Tha blas math cnòthach air. Cha chreid mi gun robh sinn a’
cleachdadh an duillich airson dad, ach biathadh a’ chruidh. Bhiomaid ga thiormachadh airson feur a’ gheamhraidh agus bhiodh [an crodh] a’ dol seachad air
feòir eile airson faighinn dhan bhrisgean.”
Sin am brisgean. Innsidh mi tuilleadh mu dheidhinn an-ath-sheachdain. Anns an eadar-àm, ma tha an t-acras oirbh, mholainn maorach no, ma tha an làn ann –
teòclaid!