Ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a h-ochd (1768), goirid às dèidh don Tiomnadh Nuadh a bhith air eadar-theangachadh gu Gàidhlig, fhuair Dùghall Bochanan
droch naidheachd. Bha e fhathast ann an Dùn Èideann. Chuala e gun robh an teaghlach aige, ann an Ceann Loch Raineach, a’ fulang le fiabhras. Chaidh e
dhachaigh airson cobhair a dhèanamh orra. Nuair a ràinig e Ceann Loch Raineach, bha cùisean duilich. Bha an teaghlach gu math bochd.
Gu mì-fhortanach, ghabh Dùghall fhèin am fiabhras. Aig aois caogad ’s a dhà (52), chaochail e. Thill Dùghall gu tìr nan Cananach ann an ciste.
Bha muinntir Raineach airson a thiodhlacadh anns an sgìre acasan oir bha uiread de spèis aca dha. Ach dh’aontaich iad leigeil le daoine à Both Chuidir a
dhust a thoirt air ais don chladh air an Lànaidh Bheag faisg air Calasraid. Bha Dùghall air a thiodhlacadh am measg a mhuinntir fhèin.
Ann an naoi ceud deug, naochad ’ s a còig (1995) chaidh cuimhneachan a chur an àirde dha air an Lànaidh Bheag. Tha e ag ràdh, ann am Beurla:
Dugald Buchanan – Gaelic poet, teacher, evangelist. This monument marks his resting place and commemorates his gifts of inspired language and sacred
song by which the literature of his native Highlands has been enriched.
Chaidh carragh-cuimhne a chur suas dha air an Iomaire Riabhach cuideachd, faisg air an àite far an do rugadh e. Tha sin ag ràdh:
There is not in any language truer poetry than that to be found in the sacred songs of Buchanan. It is undoubted that they have been largely blessed to
the spirit and edification of the church of God.
Agus, a bharrachd air na dhà a tha sin, chaidh carragh-cuimhne a chur an àirde dha ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a còig (1875) anns a’ cheàrnaig mhòir
ann am meadhan Cheann Loch Raineach.
Tha mi a’ smaoineachadh gum biodh e iomchaidh crìoch a chur air an t-sreath Litrichean seo mu Dhùghall Bochanan le bhith a’ toirt sùil bheag air laoidhean
spioradail aige. Aig cridhe a chuid sgrìobhaidh, bha uile-chumhachd Dhè, agus sàbhaladh anam mhic an duine bho pheacadh. Seo a’ chiad agus an treas rann
bhon laoidh aige Mòrachd Dhè, air an leantainn leis an rann mu dheireadh:
O! Ciod e Dia, no ciod e ainm?
Cha tuig na h-aingle’ ’s àrd ’an glòir;
Tha e ’n solas deàlrach falaicht’ uath,
Far nach ruig sùil no smuain ’na chòir.
Cha robh e òg, is sean cha bhi;
O shìor’ gu sìor’ gun chaochladh staid;
Cha tomhais grian no gealach aois
Oir ’s nithe’ caochlach iad air fad.
Oir ni bheil dadam cosmhail riut
Am measg na chruthaich thu gu lèir,
’S am measg nan daoine ni bheil cainnt
A labhras d’ ainm ach d’ fhacal fhèin.
Agus airson crìoch a chur air cùisean, seo a’ chiad rann bhon laoidh aige Fulangas Chrìosd:
’S e fulangas mo Shlànaigheir
A bhios mo dhàn a’ luaidh,
Mòr-irioslachd an àrd-Rìgh sin
Na bhreith ’s na bhàs ro chruaidh,
’S e ’n t-iongantas bu mhìorbhailich
Chaidh innse riamh do shluagh;
An Dia bha ann o shìorraidheachd
Bhith fàs ’na chìochran truagh.