Anns an leabhar aige Beatha agus Iompachadh Dhùghaill Bhochanain, tha Dùghall ag innse dhuinn mar a bha e teagmhach mun chreideamh aige nuair a
bha e eadar naoi bliadhna is dusan bliadhna a dh’aois. Tha e a’ sgrìobhadh gur e Sàtan a bha ag obair air: “[Thàinig] mi a dh’ionnsaigh an t-saoghail seo
le sìol gach gnè pheacaidh air a chur nam chridhe, nì air a bheil am bàrr tarbhach a thionail Sàtan bho mo leanabachd na dhearbhadh soilleir.” Nuair a bha
e òg, tha Dùghall ag ràdh gun robh e “làn uabhair, sainnt, fuatha agus dioghaltais &c, gach aon nì dhiubh seo gan nochdadh fhèin gu pailt air an
adhbhar a bu lugha.”
Dhàsan, b’ e rathad an Tighearna am fuasgladh dha. An duine nach leanadh rathad an Tighearna, gheibheadh e “dearbh nàdar agus ìomhaigh an diabhail ann an
aineolas, dorchadas, nàimhdeas, uabhar, rag-mhuinealachd, gamhlas ... iodhal-adhrach, fèin-spèis agus iomadaidh eile de shamhail sin de rùintean
fuathmhor…” Mu na làithean tràtha aige, tha e a’ sgrìobhadh nach robh e “umhail do ghuth an Tighearna, oir bha mo mhuineal mar fhèith iarainn agus mo
mhalaichean mar umha. Agus bha mi nam chiontach bho bhroinn mo mhàthar.”
Thogadh Dùghall ann an teaghlach diadhaidh. Bha athair na mhuillear agus na thuathanach. Bha a mhàthair uabhasach diadhaidh ach, mar a bha mi ag innse
dhuibh an t-seachdain sa chaidh, chaochail i nuair a bha Dùghall dìreach sia bliadhna a dh’aois. Nuair a ràinig e aois dà bhliadhn’ deug, fhuair e obair le
teaghlach eile, a’ teagasg leughadh don chloinn aca.
Cha robh sin furasta idir, ge-tà. Seo tuairisgeul aig Dùghall dhiubh: “Bha an teaghlach seo sònraichte airson gach seòrsa aingidheachd a chur an gnìomh,
gach aon dhiubh a’ toirt bàrr air a chèile ann am mallachadh ’s am mionnan ’s an dubhailcean eile, ach bean an taighe na h-aonar, a tha mi làn chreidsinn
air an robh eagal an Tighearna.” Dh’fhuirich Dùghall còmhla riutha airson còig mìosan agus thog e fhèin droch chainnt bhuapa.
Agus thachair aon rud annasach dha . Oidhche Shàbaid gheamhraidh a bha seo, bha bean an taighe a’ bruidhinn mu latha a’ bhreitheanais, mar a thilleadh
Crìosd. Thuirt i gun tachradh e air oidhche Shàbaid anns a’ gheamhradh agus mun tigeadh Crìosd, gum biodh tàirneanaich is frasan de chlachan-meallain ann.
Uill, air an oidhche sin fhèin, thàinig an stoirm a bu mhiosa a dh’fhairich Dùghall riamh. “Bha na h-uinneagan fosgailte,” tha e a’ sgrìobhadh, “agus thaom
na clachan-meallain a-steach don t-seòmar, agus bha na ballachan a’ deàlradh le plathaidhean soilleir nan dealanach. Chrith mi le eagal gum b’ e seo toiseach bròin, oir thàinig gach nì gu crìch a rèir a’ chunntais a thug bean an taighe dhuinn air latha a’
bhreitheanais air tùs na h-oidhche, agus rinn cho ainneamh ’s a chunnaic mi stoirm dhen t-seòrs’ ud sa gheamhradh a thoirt orm a dhaingneachadh nam bharail
gum b’ e an latha deireannach a bh’ ann da-rìreadh.”
Dh’fhàg Dùghall an teaghlach sin agus e fhathast dà bhliadhn’ deug a dh’aois. Chaidh e a dh’fhuireach ann an Sruighlea. Agus cha b’ fhada gus an robh
tachartas eile ann a thug buaidh mhòr air, mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.