Nuair a bha Dùghall Bochanan, am bàrd spioradail, na dheugaire chaidh e a dh’fhuireach ann an Sruighlea. Chaidh e far rathad an Tighearna, ged a bha na
peacaidhean aige a’ bualadh air a chogais. Tha e ag innse anns an leabhar aige Beatha agus Iompachadh Dhùghaill Bhochanain mar a thachair dha aon
latha nuair a bha e a-muigh air an t-sràid. “Bha saighdear air mhisg a’ falbh romham,” tha e ag ràdh, “agus bha gillean òg’ eile a’ cur
mì-thlachd air le bhith tilgeadh seann ghiobal de luideag shalach na aodann…”
Cha do thuig Dùghall an suidheachadh agus thog e an clobhd airson a thilgeil far an rathaid. Shaoil an saighdear gun robh Dùghall air fear de na
bleigeardan a bha a’ dèanamh dì-meas air. Tharraing e a bheigeileid agus rinn e air Dùghall. Seo an tuairisgeul a tha Dùghall a’ dèanamh dheth: “Chaidh mi
a-steach ann an clobhsa agus dìreach mar a bha mi a’ dol a-steach, agus esan air tì a lann a shàthadh annam, dh’òrdaich an Tighearna na fhreastal glòrmhor
gun thuit e an aghaidh a chinn agus làigh e car ùine gun mhothachadh gus an d’ fhuair mi teicheadh lem bheatha.”
An dèidh ùine ann an Sruighlea chaidh Dùghall a dh’fhuireach ann an Dùn Èideann greis agus an uair sin don Cheapan ann an Siorrachd Shruighlea. “Bha mi
nis’ ochd bliadhna deug a dh’aois agus dh’iarr m’ athair orm ceàird de sheòrs’ eigin a roghnachadh a chum a dhol ga h-ionnsachadh, ach sin an nì nach robh
mi riamh deònach a dhèanamh,” tha e ag aideachadh, “oir ghràdhaich mi mo chaitheamh-beatha diamhanach, fuasgailt fhèin cho mòr ’s nach b’ urrainn mi
smuainteachadh le tlachd air a’ chaochladh.” ’S iad na caraidean aige a mhol dha gu làidir ceàird a thoirt a-mach. Ghabh e obair le caraid airson trì
bliadhna airson saoirsneachd ionnsachadh.
Ach mus robh na trì bliadhna seachad, chaidh Dùghall is a mhaighstir a-mach air a chèile agus chaidh e gu fear eile ann an Dùn Breatann. Cha do mhair an
obair sin fada nas motha. Bha Dùghall air a ghlacadh le gnothaichean spioradail, ach chan eil sin a’ ciallachadh gun robh e an-còmhnaidh dìleas do theagasg
nan sgriobtaran.
Anns an leabhar, tha e ag innse dhuinn mar a thug cuid de shearmonaichean buaidh mhòr air. Seo eisimpleir:
Bha sàcramaid suipeir an Tighearna gu bhith air a frithealadh ann an Calasraid, agus chaidh mise don àite sin agus air Disathairne chuala mi searmon
glè shòlasach … Thug am ministear fa-near gum faodadh an creideach a bhith air uairean ann an gluasad a’ ghràis cho lag ri caol-smùid a bhiodh de
choinneal an dèidh a sèideadh às; “Ach,” ars esan, “am mùch an Tighearn’ Iosa an caol-smùid sin?
Cha mhùch, beòthaichidh e e agus sèididh e air le gaoth an Spioraid Naoimh gus an gabh e suas na lasair.”
Ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1742), chaidh Dùghall gu co-chruinneachadh mòr ann an Camas Long faisg air Glaschu. Thàinig dà fhichead mìle
duine cruinn airson èisteachd ris an t-searmonaiche ainmeil Seòras Whitefield. Fhuair Dùghall misneachd ach bha fhathast teagamhan a’ bualadh air. Bha a
bheatha a’ dol a dh’atharrachadh gu mòr, ge-tà, mar a chì sinn anns an ath Litir.