Tha mi a’ dol a leughadh earrann à seann leabhar Gàidhlig. ’S e fèin-eachraidh a th’ ann. A bheil sibh ag aithneachadh an ùghdair?
Bha mi cho sona ’s gun do ghineadh mi bho phàrantan diadhaidh sa bhliadhna 1716, a rinn na h-uile dhìcheall a chum mo thogail suas ann an eagal an
Tighearna, agus mo dhleastanas a theagasg dhomh gu tràthail; gu h-àraidh mo mhàthair chaomh a dh’ionnsaich dhomh ùrnaigh a dhèanamh cho luath ’s a b’
urrainn mi labhairt…
Cò am fear a sgrìobh an leabhar? Fear a bha diadhaidh agus ainmeil ri a linn. ’S e bàrd a bh’ ann, a bhiodh a’ sgrìobhadh bàrdachd spioradail Ghàidhlig. ’S
e an t-ainm a bh’ air Dùghall Bochanan. Thàinig Bochanan don Tighearna tràth na bheatha, mar a tha e a’ mìneachadh anns an leabhar aige.
Mar as fheàrr mo chuimhne, air dhomh a bhith eadar cùig is sè bliadhna a dh’aois, chaidh mi a-mach aon Dòmhnach gun fhios do mo
mhàthair, agus chuir mi seachad greis de thìm ri cluich amaideach; agus ged a phill mi dhachaigh mun deach m’ ionndrainn, gidheadh bha
m’ inntinn làn de dh’uabhas agus de dhìteadh cogais airson bristeadh na Sàbaid. Agus, air an oidhche sin fhèin, an dèidh dhomh dol a laighe agus cadal,
bha mi fo mhòr-uabhas leis a’ bhruadar seo a leanas: - Bhruadair mi gun do thaisbean an Tighearn Iosa e fhèin domh ann am mòr-chorraich, agus gun tuirt
e gum biodh e diolte dhìom airson bristeadh a Shàbaid.
Air dhomh dùsgadh, ghabh mi aithreachas airson an uilc a chuir mi an gnìomh; agus chuir mi romham nach dèanainn a leithid gu bràth tuillidh. Uime sin,
thòisich mi ri ùrnaigh na bu trice na bu ghnàth leam a dhèanamh roimhe sin: oir roimh an àm seo, cha d’ rinn mi ùrnaigh ach mar a cho-èignicheadh mo
mhàthair mi gu sin a dhèanamh. Ach a-nis thòisich mi air ùrnaigh gun neach air bith a’ cur ìmpidh orm.
Anns na beagan Litrichean romhainn, tha mi a’ dol a thoirt sùil air eachdraidh-beatha Dhùghaill Bhochanain, agus mar a rinn Dùghall tuairisgeul oirre na
Ghàidhlig ghnàthasach fhèin. Bhuineadh e don Iomaire Riabhach no Strathyre faisg air Both Chuidir ann an Siorrachd Shruighlea. Chan e a-mhàin gur
e bàrd spioradail a bh’ ann, ach gun do chuidich e an t-Urramach Seumas Stiùbhart à Cill Fhinn ann a bhith ag eadar-theangachadh an Tiomnaidh Nuaidh gu
Gàidhlig.
Nuair a bha e sia bliadhna a dh’aois, chaochail màthair Dhùghaill no, mar a chuireas e san leabhar e, ‘thoilich an Tighearna mo mhàthair a thoirt air falbh
às an t-saoghal seo’. Goirid an dèidh sin bha aislingean aige a thug buaidh mhòr air. Cuiridh mi crìoch air an Litir seo leis an tuairisgeul aige: …
thòisich an Tighearn’ air m’ fhiosrachadh le seallaidhean uabhasach; aislingean anns an oidhche a chuir eagal ro mhòr orm. Bhruadair mi gu tric gun
tàinig latha a’ Bhreitheanais agus gun robh Iosa air teachd anns na neòil a chum breith a thoirt air an t-saoghal, agus gun robh gach uile shluagh air
cruinneachadh fa chomhair a chathrach, agus gun do thearb e iad nan dà bhuidheann, a h-aon air a làimh dheis agus an t-aon eile air a làimh chlì; agus
chunnaic mi mi fhèin maille ri buidheann eile air mo dhìteadh a chum losgadh siorraidh.