Tha mi airson earrann no dhà a leughadh dhuibh à leabhar a thàinig a-mach an-uiridh agus a thug tlachd mhòr dhomh. Seo earrann bhuaithe.
Na mo shuidhe an seo ann an uaigneas air beulaibh a’ choimpiutair a tha toirt na cruinne na mo shealladh, agus Google World a’
sealltainn dhomh an t-seann taighe ann an Gollair, b’ fheàrr leam gu robh mi air ais ann ag èisteachd ri na bodaich ’s na cailleachan a’ seanchas fo
sholas mùgach na tilidh, braidseal air an teine, ceò an tombaca ’s nan toitean na mo shùilean, blas nam briosgaidean ris an canadh mo sheanmhair
‘truinnsear naps’ na mo bheul, agus seanchas siùbhlach susbainteach nan cèilichean na mo chluasan.
Chanadh cuid, ’s dòcha, gu bheil an t-ùghdar a’ dèanamh dealbh romansach de bheatha muinntir nan Eilean Siar na òige. Air an làimh eile, cò nar measg a tha
eòlach air an taigh-chèilidh, eadhon na th’ air fhàgail dheth an-diugh, nach aontaicheadh ris gu ìre? Thug na Gàidheil am facal cèilidh don
Bheurla agus thug sinn an taigh-cèilidh don t-saoghal mhòr. Tha e truagh mar a tha a leithid a’ falbh oirnn, agus an seanchas spòrsail a bha na chois a’
falbh leis. Ged nach eil mi fhìn ag ionndrainn an tombaca!
’S e an t-ainm air an leabhar Steall à Iomadh Lòn agus ’s e an t-ùghdar Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain. Tha an leabhar airidh air moladh mòr. Tha
e spòrsail, inntinneach, is fiosrachail, agus làn Gàidhlig ghnàthasach. Seo an ath pharagraf dheth:
Chan ann na mo shùilean ach ann an cuinnleanan na cuimhne a tha fàileadh an tombaca an-diugh. Bha annas agam dha na pìoban a bh’ aig na bodaich, pìoban
crèadha aig an fheadhainn nach robh smocadh mòran agus pìoban òmair aig an fheadhainn le corragan a cheart cho dubh ris an tombaca fhèin.
Bliadhnaichean an dèidh sin chunna mi pìob-thombaca a bha na b’ annasaiche buileach: ìne mhòr giomaich. B’ ann aig cailleach an Uibhist a Deas a bha i.
An dèidh ceò a ghabhail thionndaidheadh i faircill a’ choire timcheall agus sin far am biodh ‘a’ phìob’ a’ gabhail tàmh gus an lìonadh
i a-rithist i.
Agus tha Seonaidh Ailig a’ dèanamh dealbh math de na bodaich, agus iad a’ lìonadh am pìoban:
’S e deas-ghnàth a bh’ ann an lìonadh is lasadh na pìoba: a’ pronnadh an tombaca – am Bogey Roll ’s am Black Twist – ann am bois aon làimh le òrdag
mhòr na làimhe eile agus an uair sin ga bhruthadh gu cùramach a-steach dhan a’ phìob. An dèidh a bhith deoghal na pìoba son greis thilgeadh iad smugaid
le cuimse gun fhàillingeadh agus bhiodh i bragadaich air grèata an stòbh. Nuair a bhios mi ag innse dha mo bhean gur e Modern Mistress a bha cumail
biadh is blàths rium chan eil mi smaoineachadh gu bheil i creidsinn gur ann air stòbh a tha mi a’ bruidhinn.
Sin mar a tha an leabhar taitneach seo. Tha mi ga mholadh gu mòr do leughadairean fileanta. Agus fàgaidh mi sibh le tòimhseachan dhen t-seòrsa a bhiodh air
an innse aig na seann taighean-cèilidh. Togaidh leanabh beag na dhòrn e, ’s cha thog dà dhuine dheug le ròp e. ’S e am fuasgladh ‘ugh circe’!
Beannachd leibh.