FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Taisbeanadh Obar Bhrothaig (1)

Tha mi a’ dol a thòiseachadh na Litreach an t-seachdain

Audio is playing in pop-over.

Taisbeanadh Obar Bhrothaig (1)

Tha mi a’ dol a thòiseachadh na Litreach an t-seachdain seo le beagan Laidinn, rud nach àbhaist dhomh! Tha e à làmh-sgrìobhainn ainmeil. Saoil am bi fios agaibh dè an làmh-sgrìobhainn. … expulsis primo Britonibus et Pictis omnino deletis, licet per Norwagienses, Dacos et Anglicos sepius impugnata fuerit... Mmm. Uill, ma chanas mi gu bheil an earrann à seann litir chun a’ Phàip, agus gun robh i air a sgrìobhadh le Albannaich, tuigidh sibh ’s dòcha gu bheil i à Taisbeanadh Obar Bhrothaig no, mar a chanar ann am Beurla, The Declaration of Arbroath.

Tha an làmh-sgrìobhainn seo air leth cudromach ann an eachdraidh na h-Alba. Tha cuid de sgoilearan dhen bheachd gun tug i buaidh air an fheadhainn a sgrìobh Taisbeanadh Neo-eisimeileachd nan Stàitean Aonaichte. Bha Taisbeanadh Obar Bhrothaig air a sgrìobhadh anns a’ Ghiblean trì cheud deug is fichead (1320). Bha e air a chur ri chèile ann an seòmar-sgrìobhaidh Abaid Obar Bhrothaig leis an aba fhèin. Bha e ag iarraidh air a’ Phàp, Iain XXII, ann an Avignon, aithne oifigeil a thoirt do dh’Alba mar nàisean neo-eisimeileach. ’S iad uaislean mòra na dùthcha a chuir an ainmean ris.

Bidh sibh eòlach air an eachdraidh, tha mi cinnteach. Bha na rìghrean Sasannach ag amas air Alba a ghabhail thairis. Thòisich an iomairt le Eideard I ann an dà cheud deug, naochad ’s a sia (1296). Cha do sguir e eadhon nuair a chaill e ri armailt Uallais aig Drochaid Shruighlea ann an dà cheud deug, naochad ’s a seachd (1297).

Ann an trì cheud deug is ceithir-deug (1314), rinn armailt Albannach fo Rìgh Raibeart Brus a’ chùis air armailt Eideird II aig Allt a’ Bhonnaich. Ach, a dh’aindeoin sin, bha na Sasannaich fhathast a’ feuchainn ris a’ chùis a dhèanamh air Alba. Bha am Pàp air taobhadh leis na Sasannaich. Chuir e am Brusach a-mach às an Eaglais às dèidh gun do mhuirt e an Cuimeanach Ruadh am broinn eaglais ann an Dùn Phris.

Bha am Pàp mì-thoilichte cuideachd oir bha e ag iarraidh gum biodh na nàiseanan Crìosdail a’ strì an aghaidh nam Muslamach anns an Tìr Naoimh, seach a bhith a’ sabaid an aghaidh a chèile. Chaidh Taisbeanadh Obar Bhrothaig a sgrìobhadh airson dearbhadh don Phàp gun robh na h-Albannaich ceart ann a bhith a’ diùltadh ri strìochdadh do na Sasannaich.

’S iomadh turas a chualas earrann bhon làmh-sgrìobhainn seo. Seo an earrann as ainmeile, chanainn, air eadar-theangachadh gu Gàidhlig: fhad ’s a mhaireas ceud duine againn beò, cha leig sinn air chor sam bith leis na Sasannaich smachd a ghabhail oirnn. Gu fìrinneach, chan ann airson glòr, no airgead no urram a tha sinn a’ sabaid, ach airson saorsa – airson sin a-mhàin, rud nach leig duine onarach seachad ach le a bheatha fhèin.

Tha an earrann sin gu math cumhachdach agus chan eil e na iongnadh gu bheil e a’ nochdadh gu tric air beulaibh dhaoine, gu sònraichte ann am Beurla. Ach chan e sin an earrann a thagh mi – ann an Laidinn – aig toiseach gnothaich. Thagh mi earrann eile, oir bha mi airson rudeigin eile mun Taisbeanadh seo a tharraing do dh’aire dhaoine. Tha e co-cheangailte ri àite nan Gàidheal ann an Alba aig an àm agus tha e airidh air barrachd feirt. Bheir mi a’ Ghàidhlig air a shon an-ath-sheachdain.

Litir 648 Litir 648 Litir 650 Litir 650

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!