Chan eil fhios a’m a bheil sibh eòlach air an fhacal amhaisg – A-M-H-A-I-S-G. No -U-I-S-G anns na seann leabhraichean. Tha e air eadar-theangachadh mar as
trice anns na seann teacsaichean mar “dwarf” no “pigmy” ach chan eil e a’ seasamh airson dìreach duine a tha beag no an treubh Afraganach
ris an canar “pigmies”. Tha e a’ ciallachadh duine beag aig a bheil droch rùn. Bidh e a’ nochdadh ann am Beurla mar awisk – A-W-I-S-K. Co-dhiù,
seo agaibh fìor sheann stòiridh à dualchas nan Gàidheal air a bheil Na h-Amhaisgean no Na Trì Saighdearan.
Uair a bh’ ann, bha trì saighdearan a theich bhon arm. Dh’fhàg iad am baile agus choisich iad a-muigh air an dùthaich airson dà latha. Am beagan bìdh a bh’
aca, bha e air a chaitheamh. Shuidh an triùir ri taobh cnoc, a’ leigeil dhiubh an sgìths. Cha robh iad fad’ an sin nuair a chunnaic iad cù mòr ruadh a’ tighinn far an robh iad. Thuirt iad ri chèile nach robh taigh fada bhuapa.
Dh’èirich fear dhiubh agus dh’fhalbh e an dèidh a’ choin. Cha deach e astar mòr nuair a chunnaic e caisteal brèagha. Ghabh e roimhe dha ionnsaigh. Ach cha
robh doras ri fhaicinn air. Bha an saighdear a’ dol mun cuairt a’ chaisteil nuair a chunnaic e boireannach dreachmhor aig uinneag. Ghlaodh am boireannach
ris a dhol a dh’ionnsaigh doras cùil. Rinn e sin agus chaidh e a-steach. Dh’fhàiltich am boireannach e agus thug i do sheòmar brèagha e.
Chaidh biadh a chur air a bheulaibh. Bha leth de mhulachag càise am measg a’ bhìdh. Bha ciaradh ann agus chaidh solas a lasadh. Nuair a shuidh an saighdear
airson biadh a ghabhail, thog am boireannach an solas agus dh’fhàg i an saighdear ann an dorchadas. Chuimhnich esan air na caraidean acrach aige agus chuir
e an leth-mhulachaig na mhàileid airson a thoirt dhaibh.
An ceann greis, thill am boireannach leis an t-solas. “Bu neònach e gun tug thu an solas air falbh,” thuirt an saighdear rithe.
“Is neònach an duine nach amaiseadh air a bheul co-dhiù bhiodh e dorch no soilleir,” fhreagair i. “Chan fhaod e a bhith gun do dh’ith an
coigreach beag a’ mhulachag mhòr.”
Dh’iarr i a’ mhulachag suas is sìos. Mu dheireadh, lorg i na mhàileid i. Bha i mì-thoilichte. Dh’iarr i gum biodh an saighdear air a thilgeil am measg nan
con mòra. Cha d’ fhuair e ri ithe an sin ach cnàmhan.
Air an làrna-mhàireach, chunnaic an dithis shaighdearan eile an cù ruadh a-rithist. Chaidh fear dhiubh às a dhèidh. Cha deach e fada nuair a chunnaic e an
caisteal. Bha e a’ dol timcheall a’ chaisteil nuair a chunnaic e am boireannach dreachmhor aig an uinneig. Smèid i air a dhol don doras chùil. Dh’fhàiltich
i a-steach e. Chaidh biadh a chur air a bheulaibh anns an t-seòmar bhrèagha. Am measg a’ bhìdh bha ceathramh muilt.
Nuair a shuidh an saighdear a ghabhail a’ bhìdh, thug am boireannach an solas air falbh. Bha an saighdear san dorchadas. Chuimhnich e air a’ chompanach
agus chuir e an ceathramh muilt na mhàileid. An ceann greis thill am boireannach leis an t-solas. Agus … leanaidh an stòiridh an-ath-sheachdain.