FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donnchadh MacRath agus Poit an Òir

Bha mi ag innse dhuibh mu Dhonnchadh MacRath à Eilean

Audio is playing in pop-over.

Donnchadh MacRath agus Poit an Òir

Bha mi ag innse dhuibh mu Dhonnchadh MacRath à Eilean Iùbh ann an Ros an Iar. Bha e a-muigh cuide ris a’ Phrionnsa ann am Bliadhna Theàrlaich. Bha e gu math dìleas do Theàrlach Òg. Às dèidh Blàr Chùil Lodair, fhuair e òr bho Sheumasaich anns an Fhraing. Bha aige ris an t-òr a thoirt don Phrionnsa, a bha am falach bho na saighdearan dearga. Ach bha e cunnartach an t-òr a bhith aige oir bha an t-arm dearg a’ dol ann an sgaothan air feadh na Gàidhealtachd. Chuir Donnchadh a’ phoit anns an robh an t-òr am falach anns an Fheadan Mhòr faisg air Locha Druing.

Ach cha do chuir e a’ phoit fada fon talamh mar a bhiodh dùil. Cha leigeadh e a leas. Chuir e a-mach à sealladh i leis gu robh an seun aige. Le bhith ag ràdh briathran an t-seuna, rinn e a’ phoit do-fhaicsinneach. Chan fhaiceadh duine sam bith tuilleadh i.

Chan eil mi cinnteach dè cho glic ’s a bha Donnchadh ann a bhith a’ dèanamh sin oir, leis a’ phoit fo sheun, cha bhiodh duine ga lorg, co-dhiù bha e na Sheumasach no na Hanoibhèirianach. Ach, mar a bhios fios aig feadhainn agaibh, chan eil seun mar sin ag obair fad na h-ùine. A h-uile seachd bliadhna, air aon latha a-mhàin, bidh an rud, a bha do-fhaicsinneach, faicsinneach a-rithist. Dìreach airson uine bheag.

Timcheall na bliadhna ochd ceud deug, fichead ’s a sia (1826), chunnacas a’ phoit a-rithist. Bha bean Ruairidh MhicCoinnich, “An Cìobair Mòr” – a bha ri cìobaireachd aig Locha Druing – a’ tional a’ chruidh anns an Fheadan Mhòr. Bha i a’ cleachdadh cuigeal airson clòimh a shnìomh nuair a chunnaic i a’ phoit a bha làn òir air an talamh. Stob i a’ chuigeal a-steach don talamh ri taobh na poite, airson an t-àite a chomharrachadh, agus ruith i sìos gu Locha Druing airson taic fhaighinn. Bha fios aice dè bh’ ann agus gum biodh e ro throm dhi fhèin. Ach, nuair a thàinig na daoine eile air ais don Fheadan Mhòr còmhla rithe, cha robh sgeul air a’ phoit no air an òr no, gu dearbh, air a’ chuigil. A rèir beul-aithris, tha an t-òr anns an Fheadan Mhòr fhathast.

’S dòcha gun robh an stòiridh seo stèidhichte air dualchas na bu shine – chan eil mi cinnteach. Tha mi ag ràdh sin oir, anns an leabhar aige Place-Names of Ross and Cromarty, tha Uilleam MacBhàtair a’ sgrìobhadh gun robh an Fhèinn a’ cumail a’ choire aca anns an Fheadan Mhòr. Ghoid bana-bhuidseach an coire agus ruith i air falbh leis. ’S e Cuilisg an t-ainm a bh’ air a’ bhana-bhuidsich.

Ach chaidh Caoilte às a dèidh (b’ e Caoilte am fear a bu luaithe dhen Fhèinn). Fhuair e grèim air a’ bhana-bhuidsich faisg air làimh ann an àite ris an canar an-diugh Fèith Chuilisg (ged nach eil e air na mapaichean, fhad ’s as aithne dhomh). ’S e Cuilisg a chruthaich an fhèith oir leig i an coire agus thàinig an t-uisge a-mach às. Agus tha an t-àite air a bhith na bhoglach on uair sin.

Ma tha barrachd fiosrachaidh agaibh fhèin air beul-aithris mu Chuilisg, an Gille Dubh no poit òir an Fheadain Mhòir, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh. Beannachd leibh.

Litir 639 Litir 639 Litir 641 Litir 641

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!