Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu Locha Druing faisg air Geàrrloch agus sgeulachd a’ Ghille Dhuibh. Uill, tha stòiridh eile agam
dhuibh às an dearbh sgìre. Tha e mu dheidhinn mar a bhiodh comas aig cuid de dhaoine rudan a dhèanamh do-fhaicsinneach le seun no geas. Bha Donnchadh MacRath à Eilean Iùbh air fear dhen fheadhainn sin aig an robh seuntan. Bha esan a-muigh leis a’ Phrionnsa ann am
Bliadhna Theàrlaich. Thig sinn gu Donnchadh an-ceartuair.
Beagan às dèidh Blàr Chùil Lodair, nochd dà shoitheach ann an Loch Iùbh. A rèir choltais, bha iad a’ dol a choinneachadh ri teachdaire aig an robh òr
bhon Fhraing. Bha na soithichean a’ dol a thoirt an òir don Phrionnsa a bha am falach ann am badeigin air taobh an iar na Gàidhealtachd. Ach cha do
nochd an teachdaire agus sheòl na soithichean air falbh.
Goirid às dèidh sin, bha fear de mhuinntir an àite, Eachann Cross, aig àirigh air
Beinn Làir faisg air Leitir Iùbh. Thàinig Gàidheal òg le falt buidhe don bhothan-àirigh aige. Dh’iarr e fasgadh agus rudeigin ri òl is ithe. Thug
nighean Eachainn bobhla barra dha. Dh’òl e am bàrr agus shìn e am bobhla don nighinn, le bonn òir ann. Sgaoil an naidheachd gun robh òr aig a’ ghille
bhuidhe.
Fhuair an gille cuid na h-oidhche còmhla ri Eachann ’s a theaghlach, agus dh’fhalbh e an ath mhadainn. Goirid às dèidh sin, chualas brag gunna. Chaidh corp a’ ghille a lorg, ach cha robh sgeul air an òr. Bha fios aig muinntir an àite cò am murtair ach bha
cùisean riaslach air a’ Ghàidhealtachd às dèidh Blàr Chùil Lodair agus cha deach ceartas a dhèanamh.
Thàinig e a-mach tro thìde gun robh an Gille Buidhe ag obair do Theàrlach Òg Stiùbhart. Bha e air an rathad a Pholl Iùbh leis an òr airson coinneachadh
ris na soithichean a chuir a-steach don loch. Bha e a’ giùlain an òir ann an ceann an fhèilidh aige, a bh’ air a dhèanamh mar phoca. Ach cha d’ fhuair
am Prionnsa gin dhen òr sin.
Bha am Prionnsa fhathast feumach air ionmhas, ge-tà. Agus seo far a bheil Donnchadh MacRath à Eilean Iùbh a’ tighinn a-steach don stòiridh. Bha esan
dìleas don Phrionnsa. Bha e còmhla ris aig Cùil Lodair agus, às dèidh a’ bhatail, thug e taic dha faighinn air falbh. Chaidh òr a chur do na Seumasaich
bho luchd-taice san Fhraing. Fhuair an Gille Buidhe pàirt dheth. Fhuair Donnchadh pàirt eile dheth. Bha Donnchadh a’ dol ga thoirt don Phrionnsa nuair
a bhiodh cothrom aige.
Bha e cunnartach an t-òr a bhith na chois, ge-tà, agus an t-arm dearg an tòir air a’ Phrionnsa air feadh na Gàidhealtachd. Latha a bha seo, thug
Donnchadh is dithis eile poit làn òir tarsainn Loch Iùbh bho Mheallan Theàrlaich gu ruige an Uamhghaidh, no Cove. Às a sin, thug iad a’ phoit
gu Locha Druing agus chuir iad am falach i ann an sloc air cùl an locha, ris an canar Am Feadan Mòr.
Cha robh aca ri mòran a dhèanamh airson a’ phoit a chur a-mach à sealladh, oir bha an seun aig Donnchadh. Rinn esan a’ phoit do-fhaicsinneach. Agus chì
sinn dè thachair an uair sin an-ath-sheachdain.