FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Buaidh nan Gàidheal air Innis Tìle (1)

Tha sinn uile eòlach air a’ bhuaidh a thug na

Audio is playing in pop-over.

Buaidh nan Gàidheal air Innis Tìle (1)

Tha sinn uile eòlach air a’ bhuaidh a thug na Lochlannaich air ar cànanan is cultar ann an Alba. Tha faclan againn ann an Gàidhlig is Albais – agus Beurla – a thàinig bhon t-Seann Lochlannais. Dh’atharraich Lochlannais blas is dòigh-labhairt na Gàidhlig. Tha iomadach ainm-àite Lochlannach air tìr na h-Alba. Ach dè mun rathad eile? Dè a’ bhuaidh a thug na Gàidheil air na Lochlannaich?

Tha fios againn gun deach faclan Gàidhlig don Lochlannais a bhathar a’ bruidhinn ann an Alba. Agus tha fios againn gun do ghabh mòran, aig an robh sinnsireachd Lochlannach, ri cànan is cultar is dualchas nan Gàidheal. Dh’fhàs Innse Gall gu tur Gàidhealach a-rithist, mar eisimpleir. Bha sin ann an Alba, ach an do thachair an aon rud ann an Innis Tìle?

Tha mi a’ cur na ceist oir tha deasbad air a bhith ann an Innis Tìle – agus tha fhathast – air buaidh nan Gàidheal – Èireannaich agus Albannaich – air cultar nan Tìleach. Tha Innis Tìle a’ seasamh a-mach bho na dùthchannan Lochlannach eile oir ’s ann an Innis Tìle a-mhàin a chaidh na faoinsgeulan mòra a chlàradh ann an sgrìobhadh – anns a’ chànan aca fhèin. Carson a rinn na Tìlich sin nuair nach do rinn na Nirribhich is na Dànaich an aon rud? Tha cuid a’ cumail a-mach gur e sin buaidh nan Gàidheal oir b’ iad na Gàidheil – gu h-àraidh ann an Èirinn – an aon sluagh eile air taobh siar na Roinn Eòrpa a bha a’ sgrìobhadh a leithid nan cànan fhèin.

Ach, ma tha sin fìor, ciamar a thug na Gàidheil buaidh air muinntir Innis Tìle? Uill, tha trì dòighean ann. Anns a’ chiad dol a-mach le Lochlannaich a chaidh a dh’fhuireach ann à Alba is Èirinn anns na naoidheamh is deicheamh linntean; bha na Lochlannaich sin air tighinn fo bhuaidh chultarach nan Gàidheal. Anns an dàrna àite le ceanglaichean cultarach a bh’ air an dèanamh ann an ceann a tuath na h-Alba agus Arcaibh, far am biodh Gàidheil is Lochlannaich a’ coinneachadh ri chèile. Agus an treas dòigh – le Gàidheil a chaidh a dh’fhuireach ann an Innis Tìle – tràillean, mnathan aig Lochlannaich agus daoine a chaidh a dh’fhuireach ann gu saor-thoileach.

Tha grunn fhaclan ann an Tìlis a thathar a’ smaoineachadh a thàinig bhon Ghàidhlig – mar eisimpleir kapall (làir no each boireann), a dh’èirich bho capall, agus tarfur (tarbh) bhon Ghàidhlig tarbh. Tha ainm pearsanta no dhà ann cuideachd, leithid Njáll a thàinig à Niall. Tha Njáll ainmeil mar ainm ann an Innis Tìle oir tha faoinsgeul ann – Njálsaga – sgeulachd Nèill. Ach chan eil mòran ann an coimeas ris na thàinig don Ghàidhlig bhon t-Seann Lochlannais. ’S e as coireach ri sin, ’s dòcha, gur ann aig Lochlannaich, seach Gàidheil, a bha smachd. Bhiodh aig tràillean ri cànan am maighstirean ionnsachadh, seach an rathad eile.

Ach ’s dòcha gu bheil mi air a dhol air thoiseach orm fhìn. Oir, nuair a chaidh na Lochlannaich a dh’Innis Tìle an toiseach, tha e coltach gun robh daoine ann romhpa agus gur e Gàidheil a bh’ annta. Ann an Íslendingabók, a chaidh a sgrìobhadh anns an dàrna linn deug, thathar ag ràdh, nuair a chaidh na Lochlannaich a dh’fhuireach ann an toiseach, ann an ochd ceud is seachdad (870), gun robh dìthreabhaich Ghàidhealach – ris an canadh iad papar – a’ fuireach ann mu thràth. Bheir sinn sùil orrasan an-ath-sheachdain.

Litir 635 Litir 635 Litir 637 Litir 637

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!