Tha an Íslendingabók ag innse dhuinn gun robh papar – dìthreabhaich Ghàidhealach – a’ fuireach ann an Innis Tìle nuair a chaidh na
Lochlannaich ann an toiseach mar luchd-tuineachaidh. Bha sin anns a’ bhliadhna ochd ceud is seachdad (870). Dh’fhàg na papar an t-eilean goirid às
dèidh do na Lochlannaich nochdadh oir cha robh sìth ann dhaibh tuilleadh. Dh’fhàg iad clagan agus leabhraichean às an dèidh.
Ach an tug iad buaidh air na Lochlannaich ann an Innis Tìle? Tha e coltach nach tug. Dh’fhalbh iad agus cha do thill iad. Airson buaidh nan Gàidheal air na
Tìlich a thuigsinn, feumaidh sinn coimhead air na thachair às deidh nam papar. Stèidhichte air fianais DNA, eachdraidh, ainmean-àite is cànan, tha
a’ chuid as motha de dh’eòlaichean a’ gabhail ris gun robh an luchd-tuineachaidh na mheasgachadh de Lochlannaich agus Gàidheil. Thathar a’
tomhas na bh’ ann de Ghàidheil anns an t-sluagh aig an toiseach eadar ceithir-deug agus ceathrad às a’ cheud.
Tha cuid de luchd-eachdraidh ag ràdh gun robh tràillean dìreach a’ dèanamh dìreach beag-chuid de na Ghàidheil. Tha feadhainn eile ag ràdh gun robh
tràillean anns a’ mhòr-chuid. Ach thathar ag aontachadh gun robh na tràillean Gàidhealach.
Nan robh a’ mhòr-chuid de na Gàidheil nan tràillean, bhiodh sin a’ mìneachadh cho beag ’s a nochd de dh’ainmean pearsanta Gàidhealach am measg nan Tìleach.
Chaidh ainmean Lochlannach a chur orra. Agus chaill iad an cànan an ceann ginealach no dhà.
Ach an robh iad ag innse sgeulachdan? An ann bho na tràillean Gàidhealach a fhuair na Tìlich an gràdh a th’ aca air stòiridhean? Chan eil gaisgich
Ghàidhealach anns na sgeulachdan Tìleach. Ach ’s dòcha gun deach iarraidh air na tràillean stòiridhean aithris mu ghaisgich Lochlannach. Agus tha rudan ann
a tha coltach eadar an dà dhualchas, co-dhiù nuair a thathar a’ coimhead air na faoinsgeulan Tìleach as sine.
Mus leig mi soraidh le Innis Tìle bu mhath leam innse dhuibh mu thuras a ghabh mi ann an ceann a deas an eilein. Airson mu uair a thìde bha mi a’
dràibheadh air rathad greabhail. Chunnaic mi dìreach aon chàr. Air mo thaobh chlì bha tè de na beanntan as ainmeile anns an eilean. Tha i mun aon àirde ri
Beinn Nibheis agus bho àm gu àm bidh i a’ spreadhadh. ’S e bholcàno a th’ innte. ’S e an t-ainm oirre – Hekla.
Uair no uaireigin bidh Hekla a’ spreadhadh a-rithist. Chaidh i suas ceithir tursan anns an fhicheadamh linn. Chuir mi sin às mo cheann nuair a bha mi air
an rathad sin, ge-tà. Ach dè mu dheidhinn a h-ainm? Tha hekla a’ ciallachadh cleòca – agus, gu dearbh, bidh ceò na laighe oirre mar
chleòca cha mhòr fad na h-ùine.
Càite eile a bheil beinn air a bheil Hecla? Tha ann an Uibhist a Deas. Chanainn gum bi ceò na laighe oirrese cuideachd ach dh’fhaodadh muinntir
Uibhist mo chur ceart air sin! Tha cuid air smuain a chur air adhart, ge-tà, gur ann à Uibhist a thàinig an t-ainm Tìleach. Tha iad ag ràdh gun deach
feadhainn às na h-Eileanan an Iar a dh’fhuireach ann an Innis Tìle o chionn fhad an t-saoghail agus gun tug iad an t-ainm sin leotha. ’S e
smuain a tha sin. Ach tha aon rud fìor. Tha e nas sàbhailte a bhith a’ fuireach faisg air a’ Hecla ann an Uibhist!