FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Damh agus an t-Asal

Seo agaibh stòiridh beag traidiseanta air a bheil “An Damh

Audio is playing in pop-over.

An Damh agus an t-Asal

Seo agaibh stòiridh beag traidiseanta air a bheil “An Damh agus an t-Asal”. Bha damh agus asal uaireigin a’ fuireach air an aon tuathanas. Bha saoghal bochd aig an damh oir bha e ag obair a h-uile latha o mhoch gu dubh. Bha e a’ fàs caol. Ach bha saoghal a’ choin bhàin aig an asal. Bha glè bheag aige ri dhèanamh. Bhiodh e a’ gabhail fois nuair a thogradh e. Bha e air fàs cho reamhar ri ròn.

Latha a bha seo, thuirt an damh ris an asal, “Tha mi seachd searbh sgìth de bhith ag obair fad na h-ùine, fhad ’s a tha thusa a’ gabhail air do shocair.”

“Tha adhbhar gearain agad, a charaid,” dh’aontaich an t-asal. “Tha fada cus agad ri dhèanamh. Innsidh mi dhut dè nì thu. Leig ort nach eil thu gu math. Cha bhi agad ri dad a dhèanamh.”

Rinn an damh mar a dh’iarr an t-asal air. An ath mhadainn, leig e air gun robh e tinn. Nuair a nochd an tuathanach, thòisich an damh air gearan agus ochanaich. Làigh e sìos mar gun robh e tinn.

“Feumaidh nach eil an damh gu math an-diugh,” thuirt an tuathanach ris fhèin, “agus is beag an t-iongnadh. Tha cus aige ri dhèanamh. Leigidh mi leis fois a ghabhail an-diugh. Ach tha sin a’ dèanamh chùisean doirbh dhomh. Ciamar a nì mi treabhadh a-nise? Chan eil roghainn agam ach an t-asal a chur a dh’obair na àite. Tha an t-àm aig an asal barrachd a dhèanamh.”

Chaidh an t-asal a chur ris a’ chrann. Bha e a’ treabhadh fad an latha. Fhad ’s a bha e ag obair gu cruaidh, bha an damh a’ gabhail fois anns an stàball. Mus tàinig beul na h-oidhche bha an t-asal claoidhte le sgìths. Chuir e roimhe nach biodh latha dhen t-seòrsa seo aige a-rithist.

Nuair a thill an t-asal don stàball, chaidh e far an robh an damh. Cha do leig e air gun robh e sgìth. Thuirt e ris an damh, “Tha thu fortanach, ’ille, gu bheil cluasan biorach ormsa. Tha rabhadh agam dhut. Chuala mi an tuathanach a’ bruidhinn ri a bhean mu do dheidhinn.”

“Agus dè thuirt e?” dh’fhaighnich an damh.

“Thuirt gu bheil thu gun fheum nuair a tha thu tinn,” fhreagair an t-asal. “Mura fàs thu nas fheàrr gu luath, thuirt e, cuiridh e às dhut.”

Chuir seo eagal dearg a bheatha air an damh. Thug e taing mhòr don asal airson rabhadh a thoirt dha. An ath mhadainn, nuair a nochd an tuathanach, chaidh an damh air a chasan gu sgiobalta. Chaidh e mach a dh’obair anns na h-achaidhean gun ghearan sam bith. Bha e taingeil don asal airson a bheatha a shàbhaladh.

Rinn an t-asal gàire bheag dha fhèin. Bha e a’ gabhail fois anns an stàball fhad ’s a bha an damh air ais ag obair anns an achadh leis a’ chrann. “’S ann mar sin a tha cùisean,” thuirt an t-asal ris fhèin. “Feumaidh cuid de chreutairean a bhith ag obair gu cruaidh agus chan eil dol-às aca.” Uill, tha aon rud fìor – cha robh an t-asal seòlta dhen bheachd gun robh esan am measg nan creutairean bochda sin!

Litir 629 Litir 629 Litir 631 Litir 631

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!