Bha mi ag innse dhuibh mu Thaigh nam Bodach, no Taigh na Cailliche, faisg air Loch Lìomhann. Bithear a’ cur nan clachan a-mach às an ‘taigh’ a h-uile
Bealltainn agus gan toirt a-steach a-rithist airson a’ gheamhraidh air an latha ro Oidhche Shamhna. Tha cuid dhen bheachd gur e a th’ ann cleachdadh
pàganach a tha cho sean ri gin ann am Breatainn.
’S iad na daoine a bha a’ fuireach ann an ceann shuas a’ ghlinne a chùm an cleachdadh beò fad nan linntean. Ach thogadh dàm an sin an dèidh an Dàrna
Cogaidh agus rinneadh loch mòr ann. Bha na daoine air am fuadachadh. Cha robh duine ann tuilleadh a bheireadh sùil air Taigh nam Bodach ach an cìobair a
bha ri obair chaorach. Gu fortanach, bha ùidh aig a’ chìobair, Bob Bissett, anns a’ ghnothach, agus chùm e an cleachdadh a dol. ’S e a thug fiosrachadh don
eòlaiche, Anna Ros, mu dheidhinn.
Nuair a chaochail Bob Bissett, bha an t-eagal ann gum faigheadh an cleachdadh fhèin bàs. Ach lean an ath chìobair le bhith a’ cur nan clachan a-mach ’s
a-steach gach bliadhna. Agus tha daoine a tha an sàs ann an comainn eachdraidh shìos anns na glinn air an gnothach a chumail a dol.
Chan eil e soilleir, ge-tà, dè thachras san ùine romhainn. Tha plana ann airson sgeama dealain-uisge gu h-àrd sa ghleann a nì cron air an àite. Tha Taigh
nam Bodach air a bhith ann an àite sàmhach, sìtheil, iomallach fad nan linntean. ’S dòcha nach lean an t-sàmhchair. Bhite a’ creidsinn san t-seann aimsir,
’s dòcha, nach biodh a’ Chailleach ’s am Bodach ro thoilichte mun t-suidheachadh ùr, agus gum biodh na daoine fhèin ann an cunnart air sàillibh sin. Agus
tha cuid anns an sgìre an-diugh dhen bheachd gum bu chòir don àite a bhith air a chlàradh mar ‘làrach naomh’ a bhiodh air a dìon bho leasachadh
neo-iomchaidh. Ach, thuige seo, cha chreid mi gu bheil reachdas againn a bhios a’ dìon àiteachan a bha, no a tha, naomh.
Mus fhàg mi gnothaichean os-nàdarrach ann an Gleann Lìomhann, bu mhath leam rudeigin a ràdh mu ùruisgean oir thathar ag ràdh gu bheil fear a’ fuireach anns
a’ ghleann. ’S e ùruisg creutair os-nàdarrach a bha a’ fuireach ann an, no faisg air, uisge, gu h-àraidh aibhnichean. Tha an sgrìobhaiche Seton
Gordon anns an leabhar aige Highways and Byways in the Central Highlands ag innse dhuinn mu chlach ann an ceann shuas Ghleann Lìomhann. Tha
lorg-coise anns a’ chloich agus canaidh daoine Caslorg Pheallaidh ris, the footprint of Peallaidh.
Tha Gordon ag innse dhuinn gur e Peallaidh rìgh nan ùruisgean. Tha baile Obar Pheallaidh ga ainmeachadh air a shon. Tha an t-ainm Peallaidh a’ tighinn bhon
facal peall – bian molach. Bhathar ag ràdh gun robh Peallaidh a’ fuireach ann an Uisge Lìomhann agus gun robh e na bu luaithe na bradan air snàmh.
Bha an dachaigh aige ann am Bun Eas no Falls of Moness faisg air Obar Pheallaidh. Bha ùruisgean pailt ann an Alba agus bha Gleann Lìomhann am
measg nan àiteachan a bu phailte san robh iad. Tha trì ùruisgean deug air an ainmeachadh ann an seann rann Gàidhlig bhon sgìre. Innsidh mi an rann dhuibh
anns an ath Litir.