Bha mi ag innse dhuibh mu Leum MhicGriogair ann an Gleann Lìomhann. Tha an t-ainm a’ dol air ais don t-siathamh linn deug nuair a bha ceann-cinnidh
Griogaraich Ghleann Sreith a’ teicheadh bho bhuidheann de Chaimbeulaich. A rèir beul-aithris, tha dìreach aon duine bhon uair sin air an aon rud
fheuchainn. B’ esan teud-chleasaiche, no acrobat, a bha anns an sgìre.
Bha am fear seo a’ creidsinn gum b’ urrainn dha leum mar a leum MacGriogair, ach cha robh gràisg de dhaoine is coin air a thòir. Gu mì-fhortanach,
dh’fhàilnich air, agus chaill e a bheatha. Bha càrn air a thogail dha air an robh Càrn an Duine Ghointe agus bha daoine a’ smaoineachadh gun robh
e air a thiodhlacadh fodha. Dh’fhàs an càrn mòr oir bhiodh muinntir an àite a’ cur clach air gach turas a bha iad a’ dol seachad.
Chan eil an càrn ann an-diugh oir chaidh a sgrios nuair a bhathar a’ leasachadh an rathaid airson charbadan. Cha do lorgadh cnàmhan sam bith fodha agus,
mar sin, tha daoine a-nise a’ smaoineachadh gun deach an teud-chleasaiche a thiodhlacadh anns a’ chladh ann am Fairtirchill.
Às dèidh dhomh a bhith aig Leum MhicGriogair, lean mi an rathad fada, brèagha suas Gleann Lìomhann. Aig a’ cheann shuas, tha na beanntan a’ fàs nas àirde
is nas maoile. Tha na craobhan a’ falbh. Chan e bàrr a th’ aig na tuathanaich, ach caoraich. Ràinig mi ceann rathad nan carbadan aig geata ri taobh Loch
Lìomhann, agus choisich mi air rathad a tha a’ dol ri taobh an locha. Bha mi airson a dhol ann airson àite sònraichte fhaicinn – Taigh nam Bodach.
’S e sin an t-ainm a th’ air an àite air a’ mhapa, ach bidh cuid ga ainmeachadh mar Taigh na Cailliche agus, ceart gu leòr, tha e
suidhichte ri taobh Allt Cailliche ann an Gleann Cailliche. Agus tha “bodach” is “cailleach” a’ fuireach ann!
’S e a th’ ann nàdar de thogalach beag ìosal air a dhèanamh de chlach, fiodh agus sgrathan. Tha e mu dhà mheatair a dh’fhaid, meatair gu
leth ann an leud agus timcheall air leth-mheatair ann an àirde. Na bhroinn tha clachan iongantach – ochd dhiubh. Tha trì dhiubh ainmichte mar Am Bodach, A’
Chailleach is An Nighean; chan eil fhios agam a bheil ainmean clàraichte airson a’ chòrr.
Thuirt mi gu bheil na clachan am broinn an taighe, ach chan eil sin fìor fad na bliadhna. Tha iad na bhroinn anns a’ gheamhradh. Ach tha iad air an toirt
a-mach aig àm na Bealltainn gach bliadhna is air an cur ann an cearcall air beulaibh an taighe. Tha an taigh fosgailte don àird an ear. Aig àm na Samhna
tha iad air an cur a-steach a-rithist airson a’ gheamhraidh. Bha na seann daoine a’ creidsinn gun cumadh am Bodach ’s a’ Chailleach dìon air an sprèidh a
bha beò anns a’ ghleann, a tha gu sear air Taigh nam Bodach. Nam biodh an sprèidh sàbhailte, bhiodh na daoine sàbhailte.
Bidh sibh a’ smaoineachadh – feumaidh gu bheil pàganachd fhathast beò ann an Gleann Lìomhann. Chan eil fhios a’m mu dheidhinn sin, ach tha e a’ coimhead
coltach gu bheil an cleachdadh a’ dol air ais gu linn na pàganachd ann an Alba. Ma tha sin fìor, dh’fhaodadh Taigh nam Bodach a bhith am measg nan
làraichean pàganach as sine anns an Roinn Eòrpa.