FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Leum MhicGriogair

Tha sinn fhathast ann an Gleann Lìomhann ann an Siorrachd

Audio is playing in pop-over.

Leum MhicGriogair

Tha sinn fhathast ann an Gleann Lìomhann ann an Siorrachd Pheairt. Gu siar air Fairtirchill, tha an rathad a’ leantainn na h-aibhne gu dlùth. Tha coille thiugh bhrèagha timcheall na h-aibhne agus tha an abhainn a’ fàs bras is cumhang. ’S e àite brèagha a th’ ann. Ann am meadhan na coille, tha an abhainn ann an glòm. Tha i cumhang gu leòr airson ’s gum bi e ann an comas duine leum bho bhruach gu bruach, no bho chreag àrd air an dàrna taobh dhith don bhruach ìosal air an taobh eile. Ach cha bu mhath leam fhèin a dhèanamh, feumaidh mi ràdh!

Air a’ mhapa, ’s e Macgregor’s Leap a th’ air an àite. Leum MhicGriogair. Ach cò an Griogarach a bh’ ann agus carson a bha e a’ leum? Uill, seo na fhuair mi a-mach mu dheidhinn. ’S e Griogar MacGriogair a bh’ air agus bha e na cheann-cinnidh do Ghriogaraich Ghleann Sreith anns an t-siathamh linn deug. Bha sin mus robh casg air a chur air an ainm MacGriogair airson faisg air dà cheud bliadhna.

Às dèidh meadhan-oidhche, air an aonamh latha deug dhen Ògmhios còig ceud deug, seasgad ’s a còig (1565), chaidh dithis a bhuineadh do na Griogaraich a mhurt. B’ iad Griogar eile, mac Deadhan Lios Mòr, agus fear Raibeart MacConaill. A rèir choltais, ’s e murtair proifeiseanta a mharbh an dithis. Agus rinn e sin às leth Caimbeulaich Ghleann Urchaidh. Chaidh ainm a’ mhurtair a chlàradh mar “James McGestalcar”. Chan eil mi cinnteach dè a’ Ghàidhlig cheart air sin. Mac an Stàlcair, ’s dòcha? Co-dhiù, a rèir choltais, ’s e droch dhuine a bh’ ann.

Beagan seachdainean às dèidh murt na dithis, bha am murtair fhèin air a mharbhadh. Bha sin air an t-seachdamh latha fichead dhen Iuchar agus ’s e Griogar MacGriogair, an ceann-cinnidh, a rinn e. Fhuair e dìoghaltas ach a-nise bha Caimbeulaich Ghleann Urchaidh air a thòir. B’ fheudar dha falbh a dh’fhuireach anns na coilltean.

Cha robh e am falach anns na coilltean fad na h-ùine, ge-tà. Bha a’ bhean aige na nighinn do cheann-cinnidh eile a bha na Chaimbeulach – Caimbeulach Ghleann Lìomhann. Bho àm gu àm bhiodh Griogar ’s a bhean a’ coinneachadh ri chèile ann an caisteal a h-athar. Ach chuala Caimbeulaich Ghleann Urchaidh mu dheidhinn agus chùm iad sùil air a’ chaisteal.

Latha a bha seo, fhuair na Caimbeulaich lorg air Griogar. Chuir iad na coin aca air a thòir. Ruith Griogar air falbh aig peilear a bheatha. Chaidh e thar a’ mhonaidh is tro na coilltean gus an d’ ràinig e bruach a tuath na h-aibhne. Bha e a’ ruith aig astar agus bha taghadh aige – leum far na creige agus ’s dòcha adhbrann a bhriseadh – no eadhon a mharbhadh fhèin – no a bhith air a mharbhadh gu cinnteach leis na Caimbeulaich. Leum e, ràinig e taobh thall na h-aibhne, cha do bhris e adhbrann agus rinn e a dhol-às gu deas air an abhainn. Agus tha “Leum MhicGriogair” air a bhith air an àite sin bhon latha sin a-mach.

Bha Griogar saor airson greis ach, ann an còig ceud deug is seachdad (1570), chaidh a mharbhadh leis na Caimbeulaich. Ach an e Griogar MacGriogair an aon duine riamh a dh’fheuch an leum sin? Uill, chan e, mar a chì sinn anns an ath Litir.

Litir 624 Litir 624 Litir 626 Litir 626

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!