FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Craobh-Iubhair Fhairtirchill

Bha mi ag innse dhuibh mu Fhairtirchill ann an Siorrachd

Audio is playing in pop-over.

Craobh-Iubhair Fhairtirchill

Bha mi ag innse dhuibh mu Fhairtirchill ann an Siorrachd Pheairt. Tha an t-ainm a’ ciallachadh “eaglais an dùin”. Ach an robh an t-àite naomh mus robh Crìosdachd anns an sgìre? Tha cuid dhen bheachd gun robh, gu seachd àraidh leis gu bheil craobh iubhair ainmeil a’ fàs ri taobh na h-eaglais. Thathar a’ smaoineachadh gur e sin a’ chraobh as sine anns an Roinn Eòrpa. Tha i eadar dà mhìle is còig mìle bliadhna a dh’aois.

Carson nach cunntar na fàinneachan fàis innte airson faighinn a-mach le cinnt dè cho sean ’s a tha i? Uill, ’s e an t-adhbhar airson sin gun do dh’fhalbh laodhan na craoibhe o chionn fhada. Gu dearbh, tha aithrisean ann gum biodh buidhnean de luchd-adhraidh a’ coiseachd tro mheadhan na craoibhe anns an t-seann aimsir, nuair a bha i ann an cumadh bogha. Bhiodh iad a’ dèanamh sin air an rathad do thiodhlacadh sa chladh, agus ciste-laighe nan cois. Chaidh pìosan dhen chraoibh a ghearradh dheth agus a ghoid. Ach, a dh’aindeoin a h-uile càil, tha i beò fhathast, ged a tha i ann am pìosan a-nise.

Anns an t-seann Ghàidhlig ’s e iogh a bh’ againn airson iubhar. B’ e iogh tè de na litrichean anns an t-seann aibidil chraobhaich. Tha Iain Camshron anns an leabhar Gaelic Names of Plants ag ràdh gun robh iogh a’ ciallachadh pian oir bhathar a’ cleachdadh sùgh na craoibhe mar phuinnsean. Tha iubhar, dha rèir, a’ tighinn bho fhreumh a tha a’ ciallachadh “biorach” oir bhite a’ dèanamh shaighdean dhen fhiodh. Tha cuid de sgoilearan dhen bheachd gu bheil Ì ann an Ì Chaluim Chille a’ ciallachadh “Eilean nan Craobh-iubhair”. Agus thathar a’ smaoineachadh gun robh an seann ainm Ceilteach a bh’ air Iorc ann an Sasainn – Eborakon – a’ ciallachadh “àite nan craobh-iubhair”.

’S dòcha gun robh an dà àite – Eilean Ì agus Iorc – naomh do na Ceiltich phàganach. Bhiodh sin a’ mìneachadh carson a thagh Calum Cille Eilean Ì mar àite airson manachainn a chur air chois.

Ach carson a bha a’ chraobh-iubhair naomh do na pàganaich? Uill, chan eil mi cinnteach. Tha amharas agam gun robh e co-cheangailte ri aois na craoibhe, agus mar a dh’fhanas i làn duilleagan tro mhìosan a’ gheamhraidh. Nuair a gheibh gach rud eile bàs, fanaidh na craobhan sin beò, a rèir choltais, gu sìorraidh.

Leis gun robh iad naomh do phàganaich, ghabh Crìosdaidhean thairis iad mar shamhla de Chrìosdachd. Ann an Alba bhite a’ cur chraobhan-iubhair ri taobh eaglaisean. Bhathar a’ gabhail riutha mar gun robh iad a’ samhlachadh aiseirigh Chrìosda. Agus, ann am mac-talla de sheann chleachdaidhean nan draoidhean, bhiodh cuid de phearsaichean eaglais a’ searmonachadh fo chraobhan-iubhair. Thachair sin eadhon le ministearan na h-Eaglais Ath-leasaichte. Bha John Knox fhèin ainmeil airson a bhith a’ searmonachadh fo chraobh-iubhair!

Tha fianais eile ann gun robh Fairtirchill naomh do phàganaich. Faisg air an eaglais, tha barpa air a bheil Càrn nam Marbh. Tha an t-ainm a’ tighinn bhon cheathramh linn deug, nuair a chaidh daoine a thiodhlacadh ann, às dèidh dhaibh bàs fhaighinn leis a’ phlàigh. Ach, a rèir beul-aithris, bhiodh muinntir an àite a’ togail teine air an tom aig an t-Samhain gach bliadhna, agus a’ dannsadh timcheall air. Craobh-iubhair, teintean Samhna agus eaglais Chrìosdail uile cha mhòr air an aon làraich. Nach e sin air dualchas?

Litir 623 Litir 623 Litir 625 Litir 625

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!