FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ciste agus Kiste

Chan ann tric a bhios mi air mo bheò-ghlacadh le

Audio is playing in pop-over.

Ciste agus Kiste

Chan ann tric a bhios mi air mo bheò-ghlacadh le prògram telebhisein, ach thachair e o chionn ghoirid le prògram às an Danmhairg. ’S e Forbrydelsen an t-ainm a th’ air a’ phrògram; tha sin a’ ciallachadh “Am Marbhadh” agus ’s e The Killing a chuireadh air ann am Beurla.

Tha e a’ gabhail àite ann an Copenhagen; tha e mu dheidhinn murt agus an rannsachadh a tha na poilis a’ dèanamh air. Ach tha e a’ toirt a-steach iomadach fo-stòiridh – poilitigs, teaghlach, neo-dhìlseachd agus daoine le “eachdraidh” mar gun canadh tu. Cha chreid mi nach e sin as coireach gun do chòrd e rium uiread – nach robh fios agad dè an taobh a ghluaiseadh an stòiridh. Gu dearbh, cha robh eadhon fios aig na h-actairean fhèin cò am murtair nuair a bha iad a’ filmeadh. Bha fios aig Sofie Gråbøl, a tha a’ cluich a’ phrìomh oifigeir poilis, Sarah Lund, nach i a rinn am murt ach b’ e sin e. Cha robh fios aice chun an deiridh cò rinn e.

’S ann airson margaidh na Danmhairg a chaidh na prògraman a dhèanamh agus tha a’ chainnt air fad ann an Dànais, le criomag de dh’Arabais an siud ’s an seo. Chan eil Dànais agam agus bha mi, mar sin, a’ leantainn a’ chòmhraidh le fo-thiotalan Beurla. Ach bhithinn ag èisteachd ris an Dànais agus a’ togail fhaclan a tha coltach ri feadhainn a chuala mi ann an Nirribhidh no san t-Suain. Mar eisimpleir, canaidh na Dànaich tak airson taing, mar a chanas Lochlannaich eile. Agus canaidh iad feste airson pàrtaidh. Tha sin co-cheangailte ri feast ann am Beurla agus fèis ann an Gàidhlig.

Ach, leis gur ann air murt a bha an sreath phrògraman a-mach, chuala mi facal eile grunn tursan co-cheangailte ri bàs. Thog e m’ aire leis gu bheil e cho coltach ris an fhacal againne. ’S e sin kiste. Tuigidh sibh sa mhionaid dè tha sin a’ ciallachadh – ciste, ciste-laighe – bogsa fiodha anns am bi dust, no corp, duine air a chur mus tèid a chur don uaigh. Tha facal co-ionann ris ann an Albais – kist. Tha am facal airson an aon rud anns a’ Bheurla Shasannaich eadar-dhealaichte, ge-tà. Tha coffin a’ tighinn bhon t-Seann Fhraingis cofin, a dh’èirich bhon Laidinn cophinus no “basgaid”.

Ach ciamar a tha na faclan ann an Dànais, Gàidhlig is Albais cho coltach ri chèile? Cò às a thàinig kist no kiste no ciste an toiseach? Uill, a rèir choltais, ’s ann à Laideann a thàinig e. Tha cista ann an Laideann a’ ciallachadh “bogsa”. Ach roimhe sin, ’s e facal Greugach a bh’ ann – kiste, a’ ciallachadh “bogsa”.

Às an fhacal Laidinn cista, thàinig cisterna, amar fon talamh anns am bi uisge. Sin an tùs airson cistern ann am Beurla. Agus à cista thàinig an t-Seann Bheurla cest agus an Nua-Bheurla chest. Tha chest a’ ciallachadh bogsa fiodha ach cuideachd an cliabh ann am mac an duine, oir tha e coltach ri bogsa – no cliabh – anns a bheil an cridhe agus an sgamhan.

Co-dhiù, saoilidh mi gur e as coltaiche gun tàinig am facal Gàidhlig ciste bhon Laidinn cista oir bhiodh am facal air a chleachdadh gu tric o shean ann an co-cheangal ris an Eaglais. Ach ma tha fiosrachadh a bharrachd agaibh fhèin air an fhacal, chòrdadh e rium cluinntinn bhuaibh.

Litir 621 Litir 621 Litir 623 Litir 623

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!