Bha mi ag innse dhuibh an stòiridh Sliochd an Eich Bhric Nach Robh Riamh Glic à sgìre Loch Laomainn. Tha an stòiridh ag innse mar a thàinig an
t-ainm Mac an Oighre, no MacNair, gu bith. Tha Mac an Oighre a’ ciallachadh “the son of the heir”.
Bha Clann Phàrlain an Arair air mòran dhen fhearann aca a chall. Bha a’ chiad mhac – an t-oighre – aig MacPhàrlain am beachd a dhol a Dhùn Èideann, feuch
an còrr dhen fhearann aige fhaighinn air ais bhon Rìgh. Ach bha each robach aige. Cha bhiodh sin freagarrach airson a dhol a Dhùn Èideann. Bha e, mar sin,
ag iarraidh each bòidheach breac fhaighinn bho a leth-bhràthair air iasad.
“Chan fhaigh thu an t-each air iasad oir tha an t-eagal oirnn nach fhaigh sinn air ais e a-chaoidh tuilleadh,” thuirt màthair a leth-bhràthar, an dàrna
bean aig athair. ̓ S e ban-Shasannach a bh’ innte.
Ach thuirt an gille gun toireadh e an t-each air ais slàn fallain. Thuirt e sin rithe uair is uair. “Ma tha thu cho cinnteach sin,” thuirt a mhuime, “an
toir thu dhomh còir don fhearann agad mar bharantas? Mura toir thu an t-each dhachaigh slàn fallain, gheibh do bhràthair am fearann mar èirig.”
Bha an gille rudeigin faoin agus ghabh e ris a’ bhargan. Chaidh fianaisean fhaotainn. Rinneadh cùmhnantan. Mura toireadh an t-oighre an t-each breac
dhachaigh slàn fallain, gheibheadh a leth-bhràthair còir air an fhearann aige.
Ach bha a mhuime ri foill. Bhruidhinn i ris an t-searbhant a bha a’ dol cuide ris an oighre a Dhùn Èideann. Thug i puinnsean dha airson a thoirt don each
bhreac. Agus thug i duais dha airson an t-each a phuinnseanachadh.
Dh’fhalbh an t-oighre gu ruige Dùn Èideann a’ marcachd an eich bhric. Bha an searbhant a’ marcachd air each eile.
Dh’fhalbh an dithis rathad Taigh an Droma, agus iad ag amas air a dhol tro Shruighlea. Stad iad airson na h-oidhche aig taigh-òsta. Chuir an searbhant na
h-eich don stàball. Chuir e am puinnsean ann am biadh an eich bhric. An ath latha, lorg iad an t-each breac marbh anns an stàball.
Cha robh air
ach an dìollaid a b’ fheàrr a chur air each an t-searbhaint. Thill oighre Chloinn Phàrlain dhachaigh air muin an eich; ghiùlain an searbhant na màileidean,
agus e air chois. Nuair a thill an t-oighre, agus an t-each breac marbh, dh’agair a mhuime am fearann aige do a mac fhèin mar èirig.
Chaill an t-oighre am fearann aige mar sin do a leth-bhràthair.
Às dèidh na thachair, cha robh mòran spèis aig muinntir na fine don t-seann oighre. Leis gun robh e cho faoin ̓s gun tug e seachad a chòir air an fhearann
dìreach airson each breac, ̓s e “An t-Each Breac” a chanadh daoine ris.
Phòs e agus bha clann aige. ̓ S ann bho a mhac-san a shìolaich an dream Mac an Oighre – no MacNair mar a th’ orra ann am Beurla. Ged a fhuair mac na
ban-Shasannaich fearann an Arair, cha do dh’aidich Clann Phàrlain riamh mar cheann-cinnidh e. Theireadh iad ri a shliochd “Clann Phàrlain an Fhearainn”.
Agus sliochd a’ chiad oighre? Uill, riuthasan, theireadh iad “Sliochd an Eich Bhric Nach Robh Riamh Glic”.