Am measg nan sinnsirean agam bha feadhainn a bhuineadh don fhine ris an canar MacNair ann am Beurla. Ach dè a’ Ghàidhlig a th’ air MacNair? Uill, a rèir
choltais, Mac ̕an Uidhir. Tha cuid dhen bheachd gu bheil e a’ ciallachadh Mac Iain Uidhir – sin an seann dreach air Mac Iain Odhair no “the son of John
of the sallow complexion”. Bha Clann ̓ an Uidhir anns an t-sinnsireachd agamsa à Ros an Iar. Rugadh mo shìr-shìr-sheanair, Coinneach Mac ̓ an Uidhir, air
a’ Chomraich ann an ochd ceud deug ̓s a dhà-dheug (1812).
Chan e Mac ̓ an Uidhir a thathar ag ràdh, ge-tà, ri MacNair ann an sgìre Loch Laomainn. Tha dreach eile acasan. Tha iadsan a’ cumail a-mach gu bheil
MacNair a’ tighinn bho Mac an Oighre, “the son of the heir”. Agus tha stòiridh aca a dh’innseas mar a thàinig an t-ainm gu bith. ̓S e tiotal an stòiridh Sliochd an Eich Bhric Nach Robh Riamh Glic. Thig mi don stòiridh a dh’aithghearr.
Tha an eachdraidh a’ dol air ais don linn an dèidh Cath Phincidh faisg air Dùn Èideann ann an còig ceud deug, ceathrad ̓s a seachd (1547). B’ e sin am blàr
mu dheireadh eadar airm Shasainn ̓s na h-Alba mus tàinig an dà rìoghachd còmhla fon aon rìgh ann an sia ceud deug ̓s a trì (1603). Agus tha ar sùilean air fine a ghabh pàirt anns a’ bhatail. Chan e Clann an Oighre, ge-tà, ach Clann Phàrlain an Arair. Chaill iadsan mòran
dhaoine ann an Cath Phincidh, an ceann-cinnidh Donnchadh nam measg.
Rinn iad nàimhdean gu leòr am measg uaislean Shasainn. Agus, nuair a thàinig Alba is Sasainn na b’ fhaisge air a chèile, bha an Riaghaltas ann an Dùn
Èideann gu math trom orra. Bhathar a’ cur as leth Clann Phàrlain gun robh iad ri mèirle, murt is ceannairc. Chaill iad mòran dhen fhearann aca.
A-nise, don stòiridh Sliochd an Eich Bhric Nach Robh Riamh Glic. Bha MacPhàrlain an Arair air a bhith pòsta dà thuras agus bha an dàrna bean aige
na ban-Shasannach. Dh’fhàg a chiad bhean mac. B’ esan an t-oighre ach bha an oighreachd aige gu math beag. Chuir an gille seo roimhe a
dhol a Dhùn Èideann airson bruidhinn ris an Rìgh, feuch am fearann a chaill iad fhaighinn air ais.
Ach, òbh òbh, cha robh each aige a bhiodh freagarrach a thoirt a Dhùn Èideann. Cha robh airgead gu leòr aige airson each brèagha a cheannach. Agus
dh’fheumadh e each brèagha a bhith aige airson a bhith am measg nan uaislean anns a’ phrìomh bhaile. Cha dèanadh each robach a’ chùis idir.
Nise, bha fios aige gun robh each bòidheach breac aig a leth-bhràthair – an gille aig athair agus an dàrna bean aige, an tè Shasannach. Dh’iarr an t-oighre
(sin a’ chiad mhac) air a leth-bhràthair an t-each a thoirt dha air iasad airson a thurais a Dhùn Èideann.
Chuala màthair a’ bhràthar a b’ òige an còmhradh agus chuir i stad air a’ bhargan. Bha i seòlta oir bha i ag iarraidh gum biodh a mac fhèin na oighre. Chì
sinn dè am bargan a rinn i mun each bhreac an-ath-sheachdain.