Bha mi ag innse dhuibh mun Bhràisteach Mhòr, Seòras Gunnach, ceann-cinnidh nan Gunnach is mar a thug e ainm do Cheann a’ Bhràist no Kinbrace.
Dh’inns mi mar a chaidh e fhèin agus seachdnar mhac aige a mharbhadh ann an còmhrag le Clann Chèith Ackergill. Nochd a dhà uiread de cheatharnaich aig na
Cèithich ’s a chaidh aontachadh ro làimh. Ghoid na Cèithich a’ bhràiste ainmeil agus claidheamh bho chorp a’ Bhràistich Mhòir.
Thèich an còignear mhac eile aig a’ Bhràisteach Mhòr. Bha fear dhiubh, Eanraig, feargach mu fhoill nan Cèitheach. Gheall e gum faigheadh e dìoghaltas orra.
Agus chuir e roimhe a’ bhràist agus an claidheamh fhaighinn air ais. Cha robh na bràithrean aontaichte, ge-tà. Dhiùlt am fear a bu shine, Seumas, agus fear
eile dhiubh an gnothach a thoirt na b’ fhaide. Thuirt Seumas gum faigheadh iad uile bàs. Ach dh’fhalbh Eanraig agus dithis eile de a bhràithrean an tòir
air na Cèithich.
Lorg iad iad aig Caisteal Dhirlot ann am meadhan Ghallaibh (chan eil ann a-nise dhen chaisteal ach tobhta). Bha an caisteal air mullach creige làimh ri
Abhainn Theòrsa. Shreap na bràithrean a’ chreag gu socair, sàmhach gun fhiosta don fheadhainn a bha am broinn a’ chaisteil. Dh’fhàg Eanraig a dhithis
bhràithrean aig an doras agus chaidh e fhèin gu uinneag. Gu fortanach dha, bha an uinneag fosgailte. Chunnaic Eanraig na Cèithich ag òl leann agus a’
còmhradh ri chèile. Bha an ceann-cinnidh na shuidhe ri taobh an fhir leis an robh an caisteal. Bha clogaid air fhathast, ach bha a’ chidhis – no vizor – fosgailte.
Gu h-iongantach, bha an Cèitheach a’ bruidhinn air Eanraig fhèin, oir bha e air a ghaisge a dhearbhadh air blàr a’ bhatail. Nam biodh a h-uile Gunnach air
sabaid mar Eanraig, thuirt e, bha an latha air a dhol leotha. “Deoch-slàinte dha,” thuirt an Cèitheach. Ach nuair a chuir e a’ chuach do a bhilean, leig
Eanraig saighead dha ionnsaigh bhon bhogha aige. Chaidh an t-saighead tron chidhis agus mharbh e an ceann-cinnidh. “Iomacharag a’
Ghunnaich gu Cèith,” dh’èigh Eanraig – “Gunn’s compliments to Keith.”
Leum na Cèithich don casan agus ruith iad chun an dorais. Ach bha na Gunnaich a’ feitheamh riutha agus, fear an dèidh fir, chuir iad gu
bàs iad. Am measg na h-ùpraid, fhuair Eanraig a-steach don chaisteal. Fhuair e grèim air a’ bhràist agus claidheamh aig athair agus theich e leotha.
Nuair a choinnich an còignear bhràithrean a-rithist, dh’iarr Seumas a’ bhràist agus an claidheamh oir b’ esan am fear a bu shine – ged nach robh e air a
bhith deònach cath a chur ris na Cèithich air an son. Chaidh e fhèin is Eanraig a-mach air a chèile gu salach, agus dh’fhalbh Eanraig a dh’fhuireach ann an
Gallaibh. Dhiùlt e “Gunnach” a ghabhail air fhèin no air a shliochd agus ’s ann bhuaithesan a thàinig na Hendersons ann an Gallaibh, a rèir beul
aithris. ’S e “Cheannraigich” a bha orra ann an Gàidhlig, a rèir a’ chunntais aig an Urramach Dòmhnall Saigeach.
Dh’fhuirich Seumas ann an Ceann a’ Bhràist agus bhon uair sin ’s e Mac Sheumais Chataich a chanadh na Gàidheil ri ceann-cinnidh nan Gunnach. Ach a thaobh
na bràiste, chan eil fhios agam dè thachair dhi.