Bha mi ag innse dhuibh mu Sheòras Gunnach – no am Bràisteach Mòr mar a chanadh daoine ris. Bha e na cheann-cinnidh aig na Gunnaich anns a’ chòigeamh linn
deug. Agus bha caisteal aige ann an Ceann a’ Bhràist no Kinbrace ann an Dìthreabh Chat. Thàinig coigreach agus fhuair e cuid na h-oidhche. Thàinig
dusan fear òg, àrd, eireachdail.
“An iad seo do mhic?” dh’fhaighnich an coigreach.
“’S iad,” fhreagair am Bràisteach Mòr, “agus is beag an nàire a th’ orm gur ann leamsa a tha iad.”
“Faodaidh tu a bhith moiteil asta,” ars an coigreach. “Chan eil mi eòlach air aon duine ann an Gallaibh nach biodh farmadach dhiubh – ach a-mhàin aonan.”
“Agus cò e?” dh’fhaighnich am Bràisteach Mòr.
“Mi fhìn,” fhreagair an srainnsear. Agus leig e a-mach cò e. “Faodaidh tu eòlas a chur orm a-nise,” thuirt e. “Chan eil eagal orm romhad, ged a tha sinn
air a bhith nar dubh-nàimhdean do chèile, oir tha do chuid aoigheachd gam dhìon an aghaidh cron. Is mise Cèith Ackergill. Chuirinn mo dhusan mac an aghaidh
do chuid fhèin, a Ghunnaich, air latha sam bith a thogradh tu fhèin, air blàr cothromach.”
Cho luath ’s a chuireadh an dùbhlan, ghabhadh ris. Bhiodh trì duine deug an aghaidh trì duine deug, a h-uile duine dhiubh le làn armachd agus air muin
eich. Bhiodh iad a’ coinneachadh ann an Gallaibh, ann an àite a bha cho iomallach ’s nach b’ urrainn daoine eile gnothach a ghabhail ris a’ chòmhraig.
Chaidh aontachadh gum biodh na Gunnaich a’ dol a-steach don t-Srath Mhòr ann an Gallaibh. Dh’fhaodadh iad stad aig allt sam bith a bha a’ ruith a-steach do
dh’Uisge Gluta, far am faiceadh iad laoigh ag ionaltradh air a bhruaichean. Chaidh am Bràisteach Mòr agus a dhusan mac air adhart agus ràinig iad allt
faisg air an àite ris an canar An Gluta. A rèir an Urramaich Dòmhnall Saigeach, a sgrìobh an cunntas, ’s e Allt nan Gamhna no “the brook of the stirks” a
bh’ air an allt bho sin a-mach, ged nach eil an t-ainm air na mapaichean an-diugh.
Nuair a thàinig an dà bhuidhinn faisg air a chèile, thug na Gunnaich an aire gun robh Clann Chèith air a bhith ri foill.
Bha dusan each aca, ach bha dithis ridire air gach each. Bu choma leis na Gunnaich, ge-tà – cha robh iad a’ dol a theicheadh à blàr a’ bhatail. Thàinig iad far an each agus thòisich an t-sabaid gharg. Bha na Gunnaich treun is gaisgeil ach bha cus nàimhdean ann dhaibh. Chaidh an latha le Clann
Chèith. Chaidh am Bràisteach Mòr agus seachdnar mhac a mharbhadh. Ghoid na Cèithich a’ bhràiste ainmeil bho chorp a’ Bhràistich Mhòir. Agus ghoid iad
claidheamh bhuaithe cuideachd.
Thèich an còignear mhac eile aig a’ Bhràisteach Mhòr agus chuir iad seachad an oidhche aig Allt Thorcuill, allt eile a’ tha sruthadh a-steach do dh’Uisge
Gluta aig ceann shuas an t-sratha. Thathar ag ràdh gun d’ fhuair an t-allt ainm leis gun do chuir fear de na bràithrean, Torcuill, bannan air na lotan aig
càch. Bha na mic claoidhte is leònte ach cha robh iad uile-gu-lèir ceannsaichte. Bha fear dhiubh, Eanraig, air leth feargach mu fhoill nan Cèitheach agus
gheall e gum faigheadh e dìoghaltas. Chì sinn dè thachair an-ath-sheachdain.