Bidh daoine a’ gabhail iongnadh uaireannan mu ainmean-àite ann an Alba, far a bheil an dreach Gàidhlig agus an dreach Beurla gu tur eadar-dhealaichte bho
chèile. ’S e eisimpleir Dingwall, a tha a’ tighinn bhon t-Seann Lochlannais, agus Inbhir Pheofharain bhon Ghàidhlig, ged a tha ainm an
uillt ’s dòcha a’ tighinn bho chànan nan Cruithneach. ’S e eisimpleir eile Helmsdale (bho Lochlannais), air a bheil ainm Gàidhlig a tha uabhasach
sean – Bun Ilidh.
Am measg ainmean dhen t-seòrsa sin, tha fear ann am Fìobh – Cill Rìmhinn. Chan e baile mòr a th’ ann, ach bha e cudromach ann an eachdraidh na
h-Alba, gu h-àraidh ann an eachdraidh na h-eaglaise – agus ann an eachdraidh goilf. Bha e cudromach ri linn nan Cruithneach, a rèir choltais, agus gu
deimhinne ri linn nan Gàidheal ann am Fìobh.
Agus tha e fhathast cudromach an-diugh, oir tha ceangal aige do naomh-taice nàiseanta na h-Alba – an Naomh Anndra. ’S e a’ Bheurla air Cill Rìmhinn – St Andrews. Bidh sinn a’ bruidhinn anns an dà chànan air St Andrews University agus Oilthigh Chill Rìmhinn. Ach ciamar a fhuair
am baile an dà ainm sin, a tha cho eadar-dhealaichte bho chèile?
’S e an t-ainm Gàidhlig as sine. Chan e Cill Rìmhinn a bh’ ann bho shean, ge-tà, ach Cinn Rìmhinn, no rudeigin coltach ri sin. Tha e a’
nochdadh an toiseach ann an seachd ceud, ceathrad ’s a seachd (747) AC ann an Annala Uladh. Thathar ag aithris mors Tuathalain abbatis Cinrigh Monai (bàs Tuathalain, aba Cinrigh Monai). Tha sin a’ sealltainn dhuinn dà rud. Anns a’ chiad dol a-mach, bha an
t-àite cudromach gu leòr airson a bhith air a chlàradh ann an làmh-sgrìobhainn à ceann a tuath na h-Èireann. Agus bha e co-cheangailte ri monadh a chaidh
ainmeachadh airson rìgh.
Tha an sgoilear, Sìm Mac an Tàilleir, a thug sùil gheur air ainmean-àite Fìobha, dhen bheachd gun robh an t-ainm Gàidhlig na eadar-theangachadh air an ainm
Chruithneach a bh’ ann roimhe – Penrimonid no rudeigin coltach ri sin. B’ e a’ Ghàidhlig Ceann Rìghmonadh. ’S e an t-eadar-theangachadh
air “royal or king’s muir, upland, rough grazing”. Tha an talamh àrd anns an sgìre fhathast a’ giùlain an ainm Kingsmuir. Tro thìde, ann an
Gàidhlig, dh’atharraich rìghmonadh gu rìghmhonadh gu rìmhinn.
B’ e ainm a’ bhaile ann am Beurla airson ùine mhòr Kilrymont. Bha sin stèidhichte air an ainm Ghàidhlig. Bha Kilrymont a’ buntainn ris an rubhafar an do thogadh a’ chathair-eaglais anns an dàrna linn deug, ach far an robh an t-seann eaglais no cill roimhe. Bha Kin- air atharrachadh gu Kil-. Thachair sin timcheall air an dàrna linn deug. Tha e coltach gun deach atharrachadh leis gun robh an
t-àite cudromach mar làrach eaglaise. B’ iad Gàidheil a bha a’ smachdachadh na h-Eaglaise ann an Alba aig an àm sin.
Tha Mac an Tàilleir ag innse dhuinn gur iad na Gàidheil a-mhàin a ghlèidh an seann ainm Cill Rìmhinn. Chaidh Kilrymont à bith ann am
Beurla. Ach anns na beagan deicheadan a dh’fhalbh, chaidh a thoirt beò às ùr. A-nise, ann an Cill Rìmhinn, tha Kilrymont Road, Crescent, Place – agus
School. Agus an t-ainm St Andrews? Bheir sinn sùil air sin an-ath-sheachdain.