Seo criomag de dh’òran à sgìre Loch Carrann ann an Ros an Iar. Saoil cò air a tha e a-mach? Fhuair sinn nuas bho Àrd Mhic Shimidh, Bò mhaol dhubh ’s i air leth-shine, ’S iomadh fear a thig le sgilig, Dh’iarraidh dileag de ’cuid bainne.
Uill, tha e a’ coimhead coltach gur ann air bò is bainne a tha e a-mach. Ach An ann? Seo an dàrna rann:
Latha air dhomh bhith ’n Càrn nan Ruadhbhan, Bu mhaith air mo ghillean buaile, Bò mhaol dhubh le adharc ’s cluais, ’S ann mun cuairt oirr’ bhiodh na
feara.
Tha sin a’ ciallachadh gum biodh na fir mun cuairt air a’ bhoin mhaoil dhuibh. Carson, ge-tà?
Tha mi cinnteach gu bheil sibh a’ tuigsinn nach e bò a tha am facal “bò” a’ ciallachadh. Tha e a’ seasamh airson rudeigin eile. Tha a h-uile càil a’
tighinn am follais anns an treas rann:
Siud far an robh a’ bhò bha neònach, Bidh luchd mionaich innte an-còmhnaidh, ’S tric a thug mi fhèin mo leòr dhith, Sùgh an eòrn’ as fheàrr san talamh.
Aha! Sùgh an eòrn’ as fheàrr san talamh. Uill, nach eil sin ag innse dhuinn mu chuspair an òrain. Sùgh an eòrna – uisge-beatha! ’S e a’ bho mhaol dhubh a’
phoit dhubh – an uidheamachd a bh’ aig na seann daoine airson uisge-beatha a dhèanamh gu mì-laghail. Bhiodh na poitean dubha aca a-muigh sa mhonadh. Agus
bha “bainne” a’ ciallachadh “uisge-beatha”.
Ach dè mu dheidhinn na loidhne anns a’ chiad rann – ’S iomadh fear a thig le sgilig? Bha mise a’ smaoineachadh gun robh sin a’ ciallachadh gun
robh iad a’ tighinn le airgead – sgillinn no sgillig – airson mac-na-bracha a cheannach. Ach, a rèir faclair Dwelly, tha am facal sgilig ann agus
tha e a’ ciallachadh “shelled grain”. An tigeadh daoine le ’n cuid gràin airson uisge-beatha a dhèanamh? Ge-tà, dh’fheumadh an gràn a bhith air a bhrachadh
mus dèante uisge-beatha leis. Saoilidh mi fhathast gu bheil e a’ ciallachadh “airgead” – ach ma tha sibh eòlach air gnìomhachas an
uisge-bheatha – laghail no mì-laghail – ’s dòcha gum bi beachd eile agaibhse.
Chaidh an t-òran – Òran na Poite Duibhe – a chruinneachadh le Arthur Geddes bho fhear Fionnladh MacCalmain. Cha d’ fhuair mi a-mach cà’ robh a’
phoit dhubh anns an òran. Ach tha an t-sèist ag ainmeachadh “fear donn a’ bhealaich”. Thathar a’ smaoineachadh gum b’ esan an t-uachdaran no fear-taca – is
gun robh e taiceil don ghnothach: Hùg o air fear donn a’ bhealaich, Òigear sunndach, sùrdach, fearail, Hùg o air fear donn a’ bhealaich.
Bha an t-eagal air luchd-dèanaimh an uisge-bheatha gun tigeadh na gèidsearan is gun cuireadh iad stad orra, oir bha e an aghaidh an lagh. Tha sin a’
tighinn am bàrr anns a’ cheathramh rann:
Nuair a theann sinn air cur foidhpe, Bha a’ bhò dhubh agus laogh òg aic’, ’S eagal oirnn gun tig na seòid, ’S gum fàg iad sinn gun bhò ’s gun bhainne.
Ach, ged a bha an t-òran a’ moladh na poite duibhe, bha an t-ùghdar mothachail gum bi deoch làidir a’ dèanamh cron cuideachd. Fàgaidh mi sibh leis an rann
mu dheireadh: ’S tric a thug i air fear stòlda, A bhith gleadhrach, bruidhneach, òlmhor, ’S tric a thug i air fear gòrach, A bhith strì ri dhòrn a tharraing.