FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fòghnan na h-Alba (2)

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun

Audio is playing in pop-over.

Fòghnan na h-Alba (2)

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun òran Fòghnan na h-Alba a chaidh a sgrìobhadh le bàrd Loch Fìne, Eòghann MacColla. Bha mi anns an sgìre san do rugadh e o chionn ghoirid agus tha e follaiseach gu bheil dualchas air leth Gàidhealach ann. ’S iad ainmean-àite Gàidhlig a tha a’ còmhdachadh na tìre. Bha mi a’ dèanamh beagan obrach le daoine aig Ach’ an Droighinn, seann bhaile beag Gàidhealach a thathar a’ glèidheadh mar thaigh-tasgaidh. Agus chunnaic mi an liosta de dhaoine a bha a’ fuireach anns a’ bhaile sin ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a h-aon (1881). Bha Gàidhlig aig a h-uile duine aca.

Tarsainn a’ mhonaidh bho Ach’ an Droighinn tha baile beag air a bheil An Ceann Mòr no Kenmore. Tha carragh-cuimhne ann do dh’Eòghann MacColla no Evan MacColl, the Loch Fyne Bard, mar a th’ aca air ann am Beurla. Rugadh MacColla air a’ Cheann Mhòr ann an ochd ceud deug ’s a h-ochd (1808). Chaidh an carragh-cuimhne a chur suas dha ann an naoi ceud deug is trithead (1930), agus Mac Cailein Mòr, Diùc Earra-Ghàidheal, ga fhoillseachadh.

’S ann ri obair-fearainn agus iasgach a bha Eòghann nuair a bha e òg ach bha e follaiseach gun robh tàlant aige airson sgrìobhadh. Bhiodh e a’ sgrìobhadh an dà chuid ann an Gàidhlig is Beurla. Anns na tritheadan thòisich e air dàin fhaighinn ann an clò agus fhuair e cruinneachadh dhen stuth Ghàidhlig aige air fhoillseachadh fon tiotal Clàrsach nam Beann. ’S e sin as coireach gun robh am frith-ainm air – “Clàrsair nam Beann”.

Bha màthair Eòghainn à Comhghall agus tha e coltach gun robh Eòghann fhèin gu math measail air an sgìre sin air taobh thall Loch Fìne. Tha cuid dhen bheachd gur e Moladh Abhainn Ruaile – ann an Comhghall – an dàn as fheàrr a sgrìobh e.

Dh’fhalbh teaghlach Eòghainn a dh’fhuireach ann an Canada ann an ochd ceud deug, trithead ’s a h-aon (1831) ach dh’fhuirich Eòghann ann am Breatainn. Chaidh e a dh’obair ann an Liverpool mar chlarc ann an seirbheis na cusbainn. Dh’fhuirich e an sin gu ochd ceud deug is caogad (1850). Bha e a’ fulang droch shlàinte an uair sin. Chaidh e a thadhal air na càirdean aige ann an Canada agus chaidh obair a thabhann dha ann an seirbheis na cusbainn ann an Kingston, Ontario. Ghabh e rithe agus dh’fhuirich e ann an Canada. Bha e airson ùine na bhàrd aig Comann an Naoimh Anndra ann an Kingston. Ràinig e deagh aois, a’ faighinn bàs ann an ochd ceud deug, naochad ’s a h-ochd (1898).

Ged a tha carragh-cuimhne ann dha air cladach Loch Fìne (tha e ann an àite iomallach air nach bi mòran a tadhal), ’s e a bhàrdachd as motha a chumas ann an cuimhne dhaoine e. Cuiridh mi crìoch air an Litir le rann bho Moladh Abhainn Ruaile – agus tha mi an dùil ’s an dòchas gum bi na bric a’ snàmh innte fhathast!

A mhuime nam breac, feuch siud iad a’ gleac, Rid chaislichean sneachd-gheal, steallaireach; An seo iad a’ leum an coinneamh na grèin – Mo cheist air na laochain gheal-tharrach! O, iasgair, bi clis! Siud fear dhiubh a-nis fo dhubhar a’ phris ud feitheamh ort; Cuir cuileag gun dàil na rathad mas àill leat fhaicinn an càs nach laghach leis.

Litir 612 Litir 612 Litir 614 Litir 614

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!