FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Tiomnadh Nuadh

Ann an seachd ceud deug, leth-cheud ’s a còig (1755),

Audio is playing in pop-over.

An Tiomnadh Nuadh

Ann an seachd ceud deug, leth-cheud ’s a còig (1755), thòisich Alasdair MacPhàrlain às an Arar air eadar-theangachadh dhen Tiomnadh Nuadh gu Gàidhlig na h-Alba. Roimhe sin, ’s e am Bìoball Èireannach, ann an clò Ròmanach, a bha na Gàidheil Albannach a’ cleachdadh. Ach trì bliadhna às dèidh sin, cha robh MacPhàrlain air mòran adhartais a dhèanamh. Thug an SSPCK am pròiseact don mhinistear ann an Cill Fhinn ann an Siorrachd Pheairt, An t-Urramach Seumas Stiùbhart. Thug esan an obair gu buil ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a seachd (1767).

Chaidh Tiomnadh Nuadh ar Tighearna agus ar Slanuigh-fhir Iosa Criosd: Eidir-theangaicht' on Ghreugais chum Gaidhlig Albannaich fhoillseachadh ann an Dùn Èideann. Chaidh deich mìle lethbhreac dheth a chlò-bhualadh. Dh’fhaodadh Gàidheil Albannach na sgriobtaran a leughadh nan cànan fhèin. Bha aca ri feitheamh fada ro fhada, ge-tà. Nochd an Tiomnadh Nuadh Gàidhlig dà cheud bliadhna às dèidh an Tiomnaidh Nuaidh ann an Cuimris. Bha e còrr is ceud is seachdad bliadhna às dèidh an Tiomnaidh Nuaidh ann an Gàidhlig na h-Èireann.

Rugadh Seumas Stiùbhart ann an seachd ceud deug (1700) no seachd ceud deug ’s a h-aon (1701) ann an Gleann Fhionnghlais anns na Tròiseachan. Thòisich e mar mhinistear ann an Cill Fhinn ann an seachd ceud deug, trithead ’s a seachd (1737).

Gu h-inntinneach, fhuair e taic na obair bho Shomhairle MacIain – an Sasannach ainmeil – a sgrìobh don SSPCK, gan càineadh airson a bhith a’ diùltadh na sgriobtaran a theagasg do na Gàidheil nan cànan fhèin. Mhol MacIain Seumas Stiùbhart airson na bha e a’ dèanamh mar eadar-theangair. Agus fhuair Tòmas Pennant, am fear-siubhail agus sgrìobhadair Cuimreach, mòran fiosrachaidh mu mhuinntir na Gàidhealtachd bho Sheumas Stiùbhart. Mhol esan am ministear cuideachd, anns an ro-ràdh don leabhar aige mu shiubhal ann an Alba.

Bha Seumas Stiùbhart beò airson dà bhliadhna fichead às dèidh dha crìoch a chur air an Tiomnadh Nuadh. Ach, nuair a chaochail e, bha mòran lethbhreac dhen leabhar fhathast ann an stòras na h-Eaglaise, nach deach a sgaoileadh don phoball.

Chan eil mi cinnteach an robh an Stiùbhartach cho cliùmhor ’s a bu chòir oir, ged a chaidh a thiodhlacadh anns a’ chladh ann an Cill Fhinn, cha deach clach-uaighe a thogail dha. Ceud bliadhna às dèidh a bhàis, ge-tà, thog Comunn Gàidhealach Pheairt carragh-cuimhne dha taobh a-muigh na h-eaglais aige ann an Cill Fhinn. Tha i ann fhathast.

Bha an SSPCK fhathast dhen bheachd gun gabhadh a’ Ghàidhlig a chleachdadh airson litearrachd ann am Beurla a thoirt am feabhas. Ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a sia (1776) chuir iad romhpa an Seann Tiomnadh a thionndadh gu Gàidhlig. ’S e fear de na daoine a bha an sàs anns a’ phròiseict an t-Oll Urr Iain Stiùbhart, Ministear ann an Lus, am mac a bu shine aig Seumas Stiùbhart.

Chaidh crìoch a chur air an t-Seann Tiomnadh ann an ochd ceud deug ’s a h-aon (1801) agus chaidh ochd mìle deug lethbhreac dheth a chlò-bhualadh dà bhliadhna às dèidh sin. Mu dheireadh thall, bha am Bìoball air fad ann an Gàidhlig.

Litir 601 Litir 601 Litir 603 Litir 603

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!