FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Am Bìoball Gàidhlig (3)

Bha triùir an sàs gu mòr ann a bhith a’

Audio is playing in pop-over.

Am Bìoball Gàidhlig (3)

Bha triùir an sàs gu mòr ann a bhith a’ toirt a’ Bhìobaill gu Gàidheil na h-Alba ann an Gàidhlig. B’ iad sin Robert Boyle, mac Iarla Chorcaigh à Èirinn, Seumas Kirkwood, ministear a bha uaireigin a’ fuireach ann an Siorrachd Pheairt, agus Raibeart Kirk, ministear ann an Obar Phuill anns na Tròiseachan. Thug Kirk a-mach am Bìoball Èireannach ann an clò Ròmanach airson Gàidheil na h-Alba ann an sia ceud deug is naochad (1690).

Ach bha an Eaglais fhathast slaodach ann a bhith gan sgaoileadh. Feumaidh gun robh Kirkwood a’ fàs searbh dhen nàimhdeas a bh’ ann don Ghàidhlig. Aig deireadh nan naochadan, dh’fhoillsich e iris airson cleachdadh na Gàidhlig ann an creideamh a bhrosnachadh. ’S e an tiotal a bh’ oirre An Answer to the Objection against Printing the Bible in Irish as being prejudiciall to the designe of extirpating the Irish language out of the Highlands of Scotland . Tha an tiotal ag innse mòran mu shuidheachadh na Gàidhlig aig an àm.

Ach cha do dh’fhàs cùisean mòran na b’ fheàrr. Tron chiad leth dhen ochdamh linn deug cha robh àite sam bith aig a’ Ghàidhlig ann am foghlam. Dhiùlt Ard-sheanadh na h-Eaglaise dàrna iris dhen Bhìoball Èireannach a chur an clò. Agus, ged a bha cuid de mhinistearan a’ cleachdadh a’ Bhìobaill sin anns a’ chùbaid, bha an Eaglais an aghaidh a bhith ga chleachdadh ann an sgoiltean.

’S i a’ bhuidheann a bu mhotha a bha an urra ri foghlam air a’ Ghàidhealtachd an SSPCK – Society in Scotland for Propagating Christian Knowledge. Aig an toiseach bha iad fada an aghaidh na Gàidhlig. ’S dòcha gu bheil e a cheart cho math gun do chaochail Seumas Kirkwood goirid mus do thòisich na sgoiltean aca. Bha Boyle agus Kirk le chèile marbh mu thràth.

Tro thìde, ge-tà, dh’atharraich an SSPCK. Dh’èirich dragh, ged a bha clann anns na sgoiltean aca a’ leughadh na Beurla, nach robh iad a’ tuigsinn na bha iad a’ leughadh. Agus ghabh an Comunn ris gum biodh a’ Ghàidhlig feumail ann a bhith a’ cuideachadh le ionnsachadh na Beurla.

Ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1741) chaidh leabhar ainmeil fhoillseachadh. B’ e sin am faclair aig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair – Leabhar a Theagasc Ainminnin. Ann am Beurla ’s e an t-ainm a bh’ air A Galick and English Vocabulary with An Appendix of the Terms of Divinity in the said Language.

Tha an leabhar sin prìseil dhuinn an-diugh mar chruinneachadh de dh’fhaclan Gàidhlig. Ach, aig an àm sin, rinn an SSPCK soilleir gun robh e “intended as a means to Introduce the English Language more Universally into the Highlands and Islands.”

Bha iad dhen aon bharail trì bliadhn’ deug às dèidh sin. Bhathar a’ foillseachadh iris ùr dhen Tiomnadh Nuadh Èireannach ann an Alba. Leum an SSPCK a-steach. Bha iad ag iarraidh a dhèanamh dà-chànanach, le aon duilleag ann an Gàidhlig agus an duilleag mu a coinneimh ann am Beurla. Ach bha am pròiseact air a dhol ro fhada airson sin a dhèanamh.

Mar sin, chuir an SSPCK romhpa eadar-theangachadh ùr a dhèanamh dhen Tiomnadh Nuadh – ann an Gàidhlig na h-Alba. Chaidh an obair a thoirt do dh’Alasdair MacPhàrlain às an Arar. Ach, mar a chì sinn an ath-sheachdain, ’s e ministear à Siorrachd Pheairt a chuireadh crìoch oirre.

Litir 600 Litir 600 Litir 602 Litir 602

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!