FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Am Bìoball Gàidhlig (2)

Fàilte chridheil oirbh gu Litir Sia Ceud (600). An t-seachdain

Audio is playing in pop-over.

Am Bìoball Gàidhlig (2)

Fàilte chridheil oirbh gu Litir Sia Ceud (600). An t-seachdain sa chaidh bha mi a’ bruidhinn mun eadar-theangachadh ùr a rinneadh aig deireadh na bliadhn’ an-uiridh, de Leabhar Eòin às a’ Bhìoball. An t-seachdain seo bu mhath leam sùil a thoirt air mar a chaidh an Tiomnadh Nuadh fhèin, agus am Bìoball, eadar-theangachadh gu Gàidhlig anns a’ chiad dol a-mach. Agus, mar a chì sibh, tha àite mòr aig Siorrachd Pheairt agus na Tròiseachan sa chùis.

Anns an t-seachdamh linn deug, bha mòran anns an Eaglais, mar a bha mòran anns an riaghaltas ann an Dùn Èideann, gu dubh an aghaidh na Gàidhlig. Agus cha do rinneadh mòran adhartais a thaobh a bhith ag eadar-theangachadh a’ Bhìobaill gu Gàidhlig.

Ach rinneadh beagan adhartais ann an Èirinn. Nochd an Tiomnadh Nuadh ann an Gàidhlig na h-Èireann ann an sia ceud deug ’s a trì (1603). Agus chuireadh am Bìoball Gaeilge ann an clò ann an sia ceud deug, ochdad ’s a còig (1685). Bha Alba gu bhith a’ faighinn buannachd de sheòrs’ air choreigin cuideachd.

Airson an eachdraidh a thoirt air adhart, feumaidh sinn aithne a chur air triùir a bha an sàs anns a’ ghnothach. Is iad sin Robert Boyle, mac Iarla Chorcaigh, Seumas Kirkwood, ministear à Sasainn, a rugadh air a’ Ghalltachd agus a bha uaireigin a’ fuireach ann am Bràghad Albainn, agus Raibeart Kirk, ministear ann an Obar Phuill anns na Tròiseachan. Bha Gàidhlig aig Kirk bho dhùthchas.

Bha barrachd lethbhreac dhen t-Seann Tiomnadh Èireannach aig Boyle na bha a dhìth. Agus chuir e feadhainn gu Kirkwood airson sgaoileadh air Gàidhealtachd na h-Alba. Anns an Ògmhios sia ceud deug, ochdad ’s a h-ochd (1688) bha dà cheud lethbhreac ’s a seachd aig Seumas Kirkwood. Bha fear ann airson gach paraiste agus seachd airson nan easbaigean.

Chuir Kirkwood na Bìobaill gu ruige Lìte air long. Chaidh feadhainn a chur a-mach gu diofar pharaistean far an robh coitheanalan Gàidhlig. Tha feadhainn dhiubh sin fhathast ann an làmhan nan eaglaisean dhan deach an cur. Chunnaic mi fear dhiubh ann an Siorrachd Pheairt bliadhna no dhà air ais, le ainm-sgrìobhte an Urramaich Raibeart Kirk ann. Abair rud prìseil!

Ach, deich bliadhna às dèidh sin, bha an dàrna cuid de na Seann Tiomnaidhean fhathast ann an làmhan na h-Eaglaise ann an Dùn Èideann. Cha robh iad air an slighe a dhèanamh chun na Gàidhealtachd idir. ’S e dà rud a bu choireach ri sin, a rèir choltais. Bha nàimhdeas don Ghàidhlig taobh a-staigh na h-Eaglaise. Agus cha robh e furasta do Ghàidheil na h-Alba na teacsaichean Èireannach a leughadh. Bha an cànan rud beag eadar-dhealaichte agus bha i sgrìobhte anns a’ chlò thraidiseanta Èireannach.

Bha Kirkwood agus Boyle dhen bheachd gum biodh e math do dh’Alba nam biodh am Bìoball Èireannach ri fhaighinn, ach ann an clò Ròmanach, seach clò Èireannach. Chaidh an obair sin a thoirt do Raibeart Kirk. Anns a’ Ghiblean sia ceud deug is naochad (1690), nochd am Bìoball Èireannach ann an clò Ròmanach. Chaidh trì mìle Bìoball agus mìle Tiomnadh Nuadh a chur an clò. Agus chaidh trì mìle leabhar cheist a dhèanamh cuideachd.

Ach fhathast, bha an Eaglais slaodach ann a bhith a’ cur nan leabhraichean Gàidhlig gu ruige na paraistean far am biodh iad feumail. Bidh an stòiridh a’ leantainn – an-ath-sheachdain.

Litir 599 Litir 599 Litir 601 Litir 601

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!