Dè cho eòlach ’s a tha sibh air a’ Bhìoball? Tha mi a’ dol a leughadh earrann às an Tiomnadh Nuadh. Saoil am bi sibh ga h-aithneachadh? Seo i: Anns an toiseach bha am Facal, agus bha am Facal còmhla ri Dia, agus b’ e am Facal Dia.
Ma tha sibh cleachdte ris an t-seann Bhìoball, bidh sibh eòlach air an earrainn mar seo: Anns an toiseach bha am Focal, agus bha am Focal maille ri Dia, agus b’ e am Focal Dia.
Tha iad coltach ri chèile, nach eil? Ach chan eil iad buileach co-ionann ri chèile. Carson? Uill, ’s e eadar-theangachadh ùr a th’ anns an dreach a leugh
mi an toiseach. Agus dè an earrann a th’ ann? Tha i às an t-Soisgeul a rèir Eòin, Caibideil 1, Earrann 1.
Tha a’ Ghàidhlig mar a tha gach cànan beò. Bidh i ag atharrachadh tro thìm. Ma tha am Bìoball gu bhith air a thuigsinn leis a h-uile duine, feumar an teacs
ùrachadh bho àm gu àm. Sin mura h-eil dà sheòrsa de Ghàidhlig gu bhith ann – Gàidhlig na coimhearsnachd air an dàrna làimh, agus Gàidhlig a’ Bhìobaill air
an làimh eile.
Tha fhios nach eil a h-uile duine riaraichte le dreach ùr de theacs a’ Bhìobaill. Tha an aon rud fìor ann am Beurla, far a bheil feadhainn dhen bheachd
nach eil dreach nas fheàrr na iris Rìgh Sheumais a chuireadh ri chèile o chionn ceithir cheud bliadhna. Leanaidh cuid le bhith a’ cleachdadh seann dreach
dhen Bhìoball – ann am Beurla agus Gàidhlig.
Ach tha Comunn Bhìobaill na h-Alba air dreach ur a thoirt a-mach de Leabhar Eòin ann an nua-Ghàidhlig. ’S e sin cainnt a tha faisg air ma a tha daoine a’
bruidhinn is a’ sgrìobhadh a’ chànain anns an aonamh linn air fhichead. Tha e nas fhasa do luchd-ionnsachaidh.
Tha mi a’ dol a dhèanamh coimeas eadar earrannan às a’ chiad chaibideil de Leabhar Eòin anns an t-seann Bhìoball, agus an iris ùr. Seo agaibh earrannan 9
gu 12, a’ tòiseachadh leis an t-seann iris:
B’ e so an solus fìor a tha ’soillseachadh gach uile dhuine ’tha ’teachd chum an t-saoghal. Bha e anns an t-saoghal, agus rinneadh an saoghal leis, agus cha d’ aithnich an saoghal e. Thàinig e a dh’ionnsuidh a dhùthcha féin, agus cha do
ghabh a mhuinntir féin ris. Ach a mheud as a ghabh ris, thug e dhoibh cumhachd a bhi ’n an cloinn do Dhia, eadhon dhoibhsan a tha ’creidsinn ’n a ainm
.
Seo agaibh a-nise an aon sreath earrannan anns an iris ùir:
Bha an solas fìor, a tha a’ soillseachadh a h-uile neach, a’ tighinn dhan t-saoghal. Bha e anns an t-saoghal, agus ged a chaidh an saoghal a dhèanamh
troimhe, cha do dh’aithnich an saoghal e. Thàinig e gu a chuid fhèin, ach cha do ghabh a chuid fhèin ris. Ach dhan fheadhainn a ghabh
ris, dhan fheadhainn a chreid na ainm, thug e dhaibh còir a bhith nan cloinn do Dhia.
Ma nì sibh sgrùdadh air an dreach sgrìobhte dhen Litir, chì sibh na diofair a th’ ann eadar an dà dhreach de Leabhar Eòin. Chaidh na h-eadar-theangairean
ùra air ais don dreach ann an Seann Ghreugais. Agus chleachd iad faclan is abairtean a tha nas fhasa do dhaoine thuigsinn san latha an-diugh. Saoilidh mi
gun do rinn iad obair mhath.