FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Bilidh

Tha mi airson sgeulachd thraidiseanta innse dhuibh. ’S e an

Audio is playing in pop-over.

Bilidh

Tha mi airson sgeulachd thraidiseanta innse dhuibh. ’S e an t-ainm oirre “Bilidh”. Chaidh a cruinneachadh ann am Barraigh anns an naoidheamh linn deug. Tha mi an dòchas gun còrd i ribh.

Bha uaireigin tuathanach ann. Bha mac aige air an robh Bilidh. Bhiodh Bilidh a’ goid rudan air daoine. Bhiodh e a’ goid air an duine-uasal faisg air làimh. Thàinig an duine-uasal. Thuirt e ris an tuathanach gum bu chòir dha ceàird ionnsachadh do a mhac. Cha bhiodh ceàird na b’ fheàrr na mèirle.

Cha robh an tuathanach toilichte ach chuireadh fios air Bilidh. Dh’fhaighnich an duine-uasal de Bhilidh am biodh e deònach mèirle ionnsachadh. Thuirt Bilidh gum bitheadh. Cha robh ceàird sam bith ann a b’ fheàrr a chòrdadh ris na mèirle.

Ged nach robh athair toilichte, chuir e an gille aige an òrdugh airson falbh a dh’ionnsachadh na mèirle. Dh’fhalbh Bilidh. Choinnich e ri duine air an rathad. Dh’fhaighnich an duine cà’ robh e a’ dol. Thuirt Bilidh gun robh e a’ dol a dh’ionnsachadh na mèirle agus gun robh maighstir a dhìth air.

“Is dona a’ cheàird a tha thu a’ dol a dh’ionnsachadh,” ars an duine. Agus dh’fhalbh e.

Cha b’ fhada a chaidh Bilidh nuair a thachair e ri triùir eile. Dh’fhaighnich iad cà’ robh e a’ dol. Thuirt Bilidh gun robh e a’ dol a dh’ionnsachadh na mèirle agus gun robh maighstir a dhìth air.

“Uill, uill,” arsa fear dhiubh. “Tha mise ag iarraidh gille airson na ceàirde sin. Bidh mi toilichte d’ fhastadh.”

Dh’fhalbh Bilidh leis an fhear eile. Chaidh iad gu taigh-seinnse. Bha an duine ag iarraidh na rudan a bu luachmhoire na bhroinn a ghoid. Bha ròp aige. “Nise,” thuirt e ri Bilidh, “thèid thusa sìos an similear air an ròp. Cuir a h-uile rud luachmhor suas an similear. An uair sin bheir mise thu fhèin suas air an ròp.”

Air an oidhche, nuair a bha na daoine air a dhol a laighe, chaidh Bilidh air mullach an taigh-sheinnse. Leig a mhaighstir Bilidh sìos air an ròp. Nuair a bha Bilidh san rùm, chuir e a h-uile rud luachmhor suas an ròp. Ach theich am fear eile. Dh’fhàg e Bilidh shìos anns an t-seòmar.

Bha Bilidh ann an èiginn. Cha robh fios aige dè dhèanadh e. Sheall e mun cuairt. Lorg e seiche mairt. Bha adhaircean oirre. Chuir e timcheall air i. Thòisich e air sgriachail air feadh an t-seòmair.

Dh’èirich a’ bhean-mhuinntir. Las i solas agus dh’fhosgail i doras an t-seòmair. Nuair a chunnaic i Bilidh le seiche mairt is adhaircean air, ghabh i eagal. Ruith i a-mach às an rùm. Ghlaodh i ri a maighstir.

“Dè tha a’ cur ort?” ars a maighstir.

“Tha gu leòr,” ars ise. “Chunnaic mi an Donas!”

Chaidh am maighstir don rùm. Bhruidhinn e ris an “Donas”. “Dè chuir an seo thu?” thuirt e ris.

“Is tric a tha mi an seo,” fhreagair Bilidh. “Nuair a thig mi air an turas mu dheireadh, chan fhàg mi fiach snàthaid agad.”

“Dè ghabhas tu”, arsa fear an taigh-sheinnse, “agus gun tighinn tuilleadh? An gabh thu leth-cheud nota?”

“Cha ghabh,” fhreagair Bilidh. “Tha ceud beag gu leòr. Ach ma gheibh mi ceud, falbhaidh mi is cha tig mi tuilleadh.”

Agus chaidh Bilidh dhachaigh le ceud nota na phòcaid.

Litir 590 Litir 590 Litir 592 Litir 592

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!