FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Bilidh (2)

Tha mi a’ leantainn leis an sgeulachd Bilidh bhon t-seachdain

Audio is playing in pop-over.

Bilidh (2)

Tha mi a’ leantainn leis an sgeulachd Bilidh bhon t-seachdain sa chaidh. Bha Bilidh ag ionnsachadh mèirle. Chaidh e dhachaigh leis a’ cheud nota a fhuair e bho fhear an taigh-sheinnse. Thàinig an duine uasal.

“A bheil thu ionnsaichte a-nis a Bhilidh?” dh’fhaighnich e.

“Tha,” fhreagair Bilidh.

“Cha chreid mi gu bheil,” thuirt an duine uasal. Agus chuir e deuchainn air Bilidh. Bha e a’ cur chairtean is chairtearan air falbh bhon taigh. Dh’iarr e air Bilidh fear de na h-eich aca a ghoid.

Dh’fhalbh na cairtearan. Agus dh’fhalbh Bilidh. Chaidh e air cùl cnuic ri taobh an rathaid. Bhiodh na cairtearan a’ tilleadh air an rathad sin. Bha toll choineanach ann. Nuair a bha na cairtean a’ tilleadh, agus a’ tighinn faisg, rug Bilidh air coineanach. Bhris e tè de chasan a’ choineanaich agus leig e air falbh air cliathaich a’ chnuic e. Nuair a chunnaic na cairtearan an coineanach, às a dhèidh a bha iad. Rinn Bilidh an aon rud air dà choineanach eile. Às an dèidh a bha na cairtearan.

Dh’fhàg na cairtearan na cairtean gun duine a’ gabhail gnothach riutha. Thàinig Bilidh agus dh’fhuasgail e fear de na h-eich. Air a mhuin a bha e agus ràinig e taigh an duine uasail leis.

“Tha mi a’ faicinn gur mèirleach math thu,” thuirt an duine uasal, “ach cuiridh mi deuchainn eile ort. Cuiridh mi each ann an stàball, agus còignear ga dhìon, ceathrar na bhroinn agus a h-aon air an taobh a-muigh. Feumaidh tu an t-each a ghoid.”

“’S e sin,” arsa Bilidh, “rud cho doirbh ’s a dh’fheuch mi fhathast.”

Chaidh an còignear a ghlèidheadh an eich. Thug Bilidh an taigh-seinnse air. Thug e às ceithir botail uisge-bheatha. Bha treud mhuc faisg air làimh. Chaidh Bilidh sìos far an robh na mucan, agus na botail na phòcaid. Laigh e an sin mar gun robh e marbh. Mhothaich an fheadhainn a bha a’ gleidheadh an eich rudeigin a’ dol rathad nam muc. Thuirt fear dhiubh, “Rachamaid sìos a choimhead air na mucan, eagal ’s nach eil duine gan goid.”

Chaidh iad sìos. Agus dè lorg iad ach fear “marbh” am measg nam muc. Thug iad an duine marbh air ais. Chunnaic iad botail na phòcaid. Thug iad dà bhotal a-mach is thòisich iad air òl. Cha do dh’fhàg iad deur annta. Chuir iad car dhen duine mharbh agus fhuair iad dà bhotal na phòcaid eile. Thòisich iad orra is cha do dh’fhàg iad deur annta. Bha an còignear air fad a-nise air mhisg.

Agus bha iad coma mun each. Cha do dh’fhuirich iad aig an stàball. Dh’fhàg iad an t-each anns an stàball agus dh’fhalbh iad sìos don taigh-sheinnse. Nuair a bha iad air falbh, dh’èirich an duine “marbh” – Bilidh – agus thug e leis an t-each. Cha b’ fhada gus an robh e air taigh athar a ruigsinn.

Chuala an duine uasal gun do ghoid Bilidh an t-each agus chuir e fios air.

“Ghoid thu an t-each,” thuirt an duine uasal.

“Ghoid,” arsa Bilidh.

“Cuiridh mi deuchainn eile ort,” thuirt an duine uasal. “Is e seo an deuchainn as dorra a bh’ agad fhathast – an deuchainn mu dheireadh agad.”

Agus chì sinn dè an deuchainn a bha sin nuair a chuireas mi crìoch air an stòiridh an-ath-sheachdain.

Litir 591 Litir 591 Litir 593 Litir 593

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!