FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Uiseag bheag dhearg

O chionn trì bliadhna ann an Litir ceithir cheud is

Audio is playing in pop-over.

Uiseag bheag dhearg

O chionn trì bliadhna ann an Litir ceithir cheud is sia-deug (416) sgrìobh mi mu òran a bhiodh a’ chlann agam a’ seinn anns a’ bhun-sgoil. Tha an t-sèist a’ dol mar seo: Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, na mòna duibh, na mòna duibh; Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, càite na chaidil thu raoir san “ì”? Bha mi a’ cur air adhart mo bheachd gur ann à Eilean Mhanainn a bha an t-òran o thùs, oir canaidh na Gàidheil Mhanainneach “oie” airson “oidhche”. Agus tha ushag ann an Gàidhlig Eilean Mhanainn a’ ciallachadh “eun beag”, seach lark.

’S e tàladh a th’ anns an òran. Bidh pàrant ga ghabhail nuair a tha pàiste san leabaidh. Anns an òran, tha pàiste a’ còmhradh le uiseag. Tha an uiseag ag innse cà’ robh i a’ faighinn cadal. Fhuair i droch chadal air bhàrr nan dris agus air bhàrr nan tonn. Mu dheireadh fhuair i deagh chadal eadar dà dhuilleig. Agus ma tha e air obrachadh, bidh am pàiste na chadal ro dheireadh an òrain!

Co-dhiù, chuala mi an t-òran a-rithist o chionn ghoirid. Bha mi ag innse stòiridhean Gàidhlig mar phàirt dhen fhèill-chiùil “Blas” air a’ Ghàidhealtachd. Bha tè còmhla rium a bha a’ gabhail òrain eadar na stòiridhean – agus thagh i “Uiseag Bheag Dhearg” mar fhear dhiubh. Bha fear am measg an luchd-èisteachd aig a bheil ceangal do dh’Eilean Mhanainn. Agus dh’inns esan dhuinn às dèidh làimh gur e òran Manainneach a bh’ ann.

Bhon uair sin, fhuair mi dearbhadh air a’ ghnothach. Bha mi a’ leughadh leabhar mu dheidhinn Mona Douglas nach maireann, ban-Mhanainneach a bha ainmeil airson a bhith a’ brosnachadh cànan agus cultar Eilean Mhanainn. Anns an leabhar tha tar-sgrìobhadh de dh’agallamh a rinn i le George Broderick. Anns an agallamh, dh’ainmich i an t-òran le ainm Manainneach – Ushag Veg Ruy.

Thuirt i gun robh daoine a’ dìochuimhneachadh gum biodh òrain Mhanainneach a’ sgapadh am measg nan Gàidheal ann an Alba is Èirinn. Co-dhiù, chuir i Ushag Veg Ruy ann an clò anns na ficheadan no toiseach nan tritheadan anns an fhicheadamh linn. Fhuair tidsear ann an Alba – bha i a’ smaoineachadh gur ann à Tiriodh a bha e – grèim air an òran. Sgrìobh e gu Douglas, a’ faighneachd dhith am faodadh e a thionndadh gu Gàidhlig na h-Alba. Uaireigin às dèidh sin, sheinn sgoilear às an sgoil aige Uiseag Bheag Dhearg aig a’ Mhòd – mar òran Albannach – agus bhuannaich e duais!

Tha mi a’ smaoineachadh gun robh Mona Douglas toilichte gu leòr gun robhar ga sheinn ann an Alba. Ach bha aon rud a’ cur dragh oirre. Bha daoine ann an Alba dhen bheachd gur e òran Albannach a bh’ ann. Thuirt i, “They are claiming it now as a Scottish song, without saying where it came from, which I think is most unfair!”

Chan eil fhios agam cò e an tidsear a rinn an t-eadar-theangachadh. Ach tha e inntinneach gun do dh’fhàg e dreach Manainneach air an fhacal oie agus nach do dh’atharraich e sin gu oidhche Càite na chaidil thu raoir san oidhch’. An robh e a’ feuchainn le sin a bhith a’ cumail nar cuimhne gur e òran Manainneach, seach òran Albannach, a bh’ ann bho thùs? Chan eil fhios agam ach, gu dearbh, ’s e òran brèagha a th’ ann.

Litir 589 Litir 589 Litir 591 Litir 591

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!